Seite 1 von 1

Ochàn ochàn!

Verfasst: Mi Nov 06, 2013 1:51 pm
von Stiùbhart
Ochàn ochàn... theub mi bàsachadh agus tha mi cho tinn ris a chù a tha e air ithe teoclaid !
Ged nach robh mi na bu mhiosa nan raoir an diugh, cha do rinn mi adhartas cho luath is a bha mi an dùil is dòchas is tha an cnatan uabhasach is cruaidh orm fhathast.. Tha mi gu firineach fo uallachd stuirm mo chuirp. Tha mo dhruim goirt is mo shròn làn is duinte. Tha anail a dith orm agus tha mi nam shuidhe anns a leabaidh gun neart idir ann rium. Ach co-dhiù feuchaidh mi ruidegin a'sgrìobhadh an seo air sgath's gu bheil sgot agam gum bidh mi leisg bho àm gu àm agus 's e tobair sgoinneil a tha anns an làrach-linn seo agus feumaidh mi feedback fhaighinn ma nì mi mearachdann nach còrdadh rium.

Re: Ochàn ochàn!

Verfasst: Mi Nov 06, 2013 4:24 pm
von Sleite
Tha mi 'n dòchas gum bi thu a' faireachdainn nas fheàrr a dh'aitghearr. Feuch gun òl thu tòrr tì (meannt no camomhail) agus gun cùm thu blàth.Agus an do dh;fheuch thu a-riamh na pillichean "extra flu strength" bhon cho-op? Tha iad dìreach mar Lemsip ach fada nas saoire, agus tha iad glè mhath. Gu nàdarra cha bhi an cnatan a' falbh leotha, ach bidh thu a' faireachdainn nas fheàrr co-dhiù. Ach na ith iad feasgar, oir chan fhaigh thu cadal an uair sin. Agus 's e cadal an rud as fheàrr.

Slèite