Seite 1 von 1

Làrach-lìn ùr / Neuer Website

Verfasst: Mi Sep 18, 2013 1:26 pm
von akerbeltz
Tha làrach-lìn ùr againn a-nis airson iomairt iGàidhlig.

Nach innis sibh dhuinn dè ur beachd?

Re: Làrach-lìn ùr / Neuer Website

Verfasst: So Sep 22, 2013 7:02 pm
von Isbeal
Bha mi dìreach air an làrach-lìn seo a-rthist agus tha UIREAD de stùth ann :mc: , 6 duilleagan gu ruige seo, ceanglaichean is fiosrachadh mu thullaidhean is goireasan is geamaichean didseatach Gàidhlig.

:beachd: Na bi a' smaoineachadh nach eil ach an aon duilleag ann, a chì thu nuair a dh'fhosglas tu an làrach-lin. (Faic na tabaichean 1 - 10 gu h-ìosal.)

Agus aon uair 's a tha thu air aon cheangal fhosgladh, chì thu clàr-amais air an làimh dheis na duilleige, leis a h-uile roinn de chuspair a bhios ann. Faodaidh tu 'comments' a chur ris na ceanglaichean fa-leth cuideachd, m.e. fios air ais, beachdan, puingean no ceanglaichean eile.

Goireas air leth chuideachail gu dearbh fhèin. Taing (mar as àbhaist) do dh'Akerbelz còir. :moladh: :moladh: :moladh:

***********************

Ich war gerade wieder auf dieser Webseite und es gibt SO viel Material da! :D 6 Seiten bisher, Links und Info zu digitalen Tools, Ressourcen und Spielen auf Gälisch.

:beachd: Denkt nicht, übrigens, das es nur die eine Seite ist, die man sieht, wenn man aufmacht. S. auch die Reiter 1 - 10 ganz unten.

Und wenn man einen Link geöffnet hat, dann sieht man den Index an der rechten Seite, mit den ganzen Kategorien von Themen, die es gibt. Man kann auch Kommentare bei den einzelnen Themen hinterlassen, z.B. Feedback, Meinungen, weitere Punkte oder Links.

Super Ressource! Dank an Akerbeltz, wie immer! :moladh: :moladh: :moladh:

Re: Làrach-lìn ùr / Neuer Website

Verfasst: So Sep 22, 2013 10:22 pm
von Micheal
Thug mi fhín sùil air agus mo mheal a naidheachd ort do Mhìcheal Bauer agus an sgioba aige. Torr obrach, torr ghoireasan feumail ma tha thu ri goireasan digiteach airson do choimpiutair. Agus innsidh mise sin dhuibh agus mi nam dhuine "analog" nach eil a' tuigsinn mar a chuireas tu prògraman ùra don choimpiutair agad. Agus seach agus gu bheil MAC agam cha bhi an cuid as motha den na rudan gu mòran feum dhomh gu mì-fhortanach. Ach do chàch tha e dìreach sgoinneil!

Re: Làrach-lìn ùr / Neuer Website

Verfasst: Di Okt 08, 2013 12:13 am
von akerbeltz
Mòran taing Iseabail, toilichte chluinntinn gu bheil e gu feum dhut :)

A Mhìcheil, 's e droch leisgeul a tha siud :b Tha mòran dhiubh ag obair air Mac cuideachd. Thoir leat an laptop agad an ath-thuras a bhios tu sa bhaile agus thig an dà latha air!

Re: Làrach-lìn ùr / Neuer Website

Verfasst: Di Okt 08, 2013 5:41 pm
von Micheal
akerbeltz hat geschrieben:Mòran taing Iseabail, toilichte chluinntinn gu bheil e gu feum dhut :)

A Mhìcheil, 's e droch leisgeul a tha siud :b Tha mòran dhiubh ag obair air Mac cuideachd. Thoir leat an laptop agad an ath-thuras a bhios tu sa bhaile agus thig an dà latha air!



Is mi a tha a' dèanamh fiughair ri sin gun teagamh sam bith.

Mìcheal