Seite 1 von 1

Tha sin brònach gu bheil a´ghrian san leabaidh fhathast

Verfasst: Di Apr 16, 2013 10:17 pm
von Stiùbhartarithist
Tha sin brònach gu bheil a´ghrian 's'an leabaidh fhathast agus bu toil leam coimhead air a´ghrèin cho tràth sa mhadainn. Tha mi airson a faicinn a-nis. Is dòcha gum bi mi a´faicinn na grèine.

Re: Tha sin brònach gu bheil a´ghrian san leabaidh fhathast

Verfasst: Mi Apr 17, 2013 8:18 am
von Micheal
Bu chòir dhut a bhith an-seo. Dh'fhàg mi Alba ghaothach is frasach agus thill mi don Rhein bhlàth ghrianach - mu 20 ceum C. grianach an-seo :D

Re: Tha sin brònach gu bheil a´ghrian san leabaidh fhathast

Verfasst: Mi Apr 17, 2013 8:34 am
von Isbeal
Càit' a bheil thu ann an Alba, a Stiùbhairt?
Thuirt caraidean taobh an ear-thuath gun robh e grianach gu leòr an-sin cuideachd sna làithean a bha ann.

Re: Tha sin brònach gu bheil a´ghrian san leabaidh fhathast

Verfasst: Di Jun 11, 2013 9:59 pm
von NoClockThing
Tha i ro bhlàth dhomh is mo leabaidh dìreach fon mhullach. Chan fhaigh mi cadal gu leòr.

Re: Tha sin brònach gu bheil a´ghrian san leabaidh fhathast

Verfasst: Mi Jun 12, 2013 10:24 am
von Sleite
Chan eil mi a' tuigsinn daoine a tha a' gearan mu shìde ro bhlàth, gu sònraichte ann an Alba far a bheil sinn a' strì 20 ceum a ruigsinn. Tha i dìreach ceart dhomhsa an-dràsta ach cha chuireadh sìde nas blàithe dragh orm idir. CHan ann gu tric a gheibh sinn sìde bhlàth, agus bu chòir dhuinn a bhith toilichte nuair a bhios i ann. Is toil leam suidhe sa ghrèin no fo chraoibh nuair a tha i teth dha-rìribh. An uair sin is toil leam sailead mòr ithe no reòiteag. Gu mì-fhortanach cha tachair sin cho tric san Eilean Sgitheanach, agus mar sin chan ith mi sailead idir.

Slèite