Seite 1 von 1

Windows 8 ann an Gàidhlig

Verfasst: Mi Dez 12, 2012 12:10 am
von akerbeltz
Seadh, tha e ann mu dheireadh thall.

Bild

Ma tha Windows 8 agaibh mu thràth, tha e furasta 's cha chosg e dad. Cha leig sibh a leas ach a dhol gu Options » Control Panel » Add Language agus leantainn ris an stiùireadh an uairsin. Chan eil sin fìor a thaobh iomadh rud a nì Microsoft ach tha seo cho furasta ri brochan a losgadh :)

Re: Windows 8 ann an Gàidhlig

Verfasst: Mi Dez 12, 2012 4:34 pm
von Micheal
Is math sin fhaicinn don fheadhainn aig a bheil windows, a Mhìcheil. Tha uabhal Mhic an Tòisich agam fhín ge-tà
.

Re: Windows 8 ann an Gàidhlig

Verfasst: Fr Dez 14, 2012 12:14 pm
von akerbeltz
Tha fhios a'm - ach gu mì-fhortanach tha Apple cho taiceil ris a' Ghàidhlig 's a tha John Rosie agus cha chreid mi gum faic sinn Gàidhlig orra idir (air a' bhathar aig Apple fhèin, gabhaidh prògraman Gàidhlig mar LibreOffice a stàladh orra fhathast) :(