FreeFileSync

Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 187
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

FreeFileSync

Beitragvon akerbeltz » Do Aug 02, 2012 2:28 am

Hm bheil coltas spamair orm? Co-dhiù no co-dheth :priob: seo dhuibh Lùnastan eile (bha dùil agam gum biodh e deiseil Là Lùnast ach bha na developers beagan na bu slaodaiche na bha dùil).

Seo goireas a bheir cothrom dhut lethbhreacan-glèidhidh, neo backups, a dhèanamh dhe na faidhlichean agaibh. Prògram gu math feumail agus furasta goireasach ri chleachdadh. Às dèidh dhuibh a stàladh, gheibh sibh a' Ghàidhlig ann an Advanced » Language. Simplidh. Agus gheibh sibh an-seo e. 'S urrainn dhuibh na seiseanan a shàbhaladh agus cha leig sibh a leas ach dà bhriogadh a dhèanamh gach turas a bhios sibh ri lethbhreac-glèidhidh ùr a dhèanamh, ge be cò mheud draibh a tha a-staigh san àireamh.

Obraichidh seo air Windows agus Linux ach chan ann air MacOSC, duilich.

Isbeal
Beiträge: 986
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: FreeFileSync

Beitragvon Isbeal » Di Aug 07, 2012 7:03 pm

Taing mhòr a-rithist airson seo agus a h-uile rud - tha e sgoinneil gu bheil an leithid de ghoireasan ann a-nis agus tha mi 'n dòchas gun cuir luchd na Gàidhlig luach gu leòr ort / oirbh.

Feumaidh mi aideachadh nach bi mi fhìn a' cleachdach goireasan mar sin gu trice - ann an cànan sam bith, agus chan eil mòran ùine agam gus an 'ionnsachadh', ach - a chionn 's gu bheil iad ann sa Ghàidhlig - feuchaidh mi!

:D

Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 187
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

Re: FreeFileSync

Beitragvon akerbeltz » Mi Aug 08, 2012 12:40 am

Tha fhios a'm, cha bhi sinn uile a' cleachdadh na dearbh rudan - ged a mholainn backups cunbhalach do dhuine sam bith - agus chan eil dùil agam gun cleachdadh. 'S e an dòchas a th' agamsa gum faigh a h-uile duine rudeigin 'nam measg, ge-tà, a fhreagras orra-san.

Agus ma tha dad a dhìth, gun innis sibh dhomh :)

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Re: FreeFileSync

Beitragvon NoClockThing » Mi Aug 15, 2012 10:55 am

Tha bathar-bog den lethid glè chudromach. Cleachdaidh mi fhìn rudeigin eile (FastCopy is nì mi fhìn na lethbhreacan a làmh), ach tha e math gun do rinn thu seo!
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „Allgemeines“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast