Outlook.com (an Hotmail ùr) ann an Gàidhlig

Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 187
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

Outlook.com (an Hotmail ùr) ann an Gàidhlig

Beitragvon akerbeltz » Mi Aug 01, 2012 5:19 pm

Hwoill, laigh an iolaire mu dheireadh. A' chiad spòg dheth co-dhiù. Chuir Microsoft air bhog Outlook.com (an rud a tha a' dol an àite Hotmail) agus tha torr mòr chànan ùra ri fhaighinn ann, Gàidhlig 'nam measg. 'S e sgioba de dhaoine (gu fortanach, gun làmh sam bith aig TELI) a chuir Gàidhlig air agus rinn sinn cinnteach gu bheil am briathrachas uile a-rèir nan goireasan eile a tha ri làimh mu thràth. Seo mar a gheibh sibh e:

Briogaibh air an roth
Bild

An uairsin air More email settings
Bild

Language an uairsin
Bild

Agus Gàidhlig:
Bild

Save an uairsin
Bild

Tha mi gu math pròiseil gun deach againn seo a shlìobadh a-steach:
Bild

Ò agus mus faighnich sibh - tha fhios gu bheil am Mìosachan car làn de mhearachdan. Cha sinne tha coireach às ach Microsoft is thèid a chur ceart uaireigin. An dòchas gun còrd e ribh ma tha Hotmail/Outlook.com agaibh! Barrachd ri tighinn!

Sleite
Beiträge: 1683
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Outlook.com (an Hotmail ùr) ann an Gàidhlig

Beitragvon Sleite » Di Aug 07, 2012 2:58 pm

A bheil sinn ann don Outlook web app aig Office 365 cuideachd? Tha sin againn aig an obair a-nis agus bhiodh e mìorbhailleach!

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 187
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

Re: Outlook.com (an Hotmail ùr) ann an Gàidhlig

Beitragvon akerbeltz » Mi Aug 08, 2012 12:25 am

Errrr... deagh cheist, chan eil fhios a'm. Nach doir thu sùil 's ma tha, nach innis thu dhuinn?

Sleite
Beiträge: 1683
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Outlook.com (an Hotmail ùr) ann an Gàidhlig

Beitragvon Sleite » Mi Aug 08, 2012 1:09 pm

Uill chan eil a' Ghàidhlig sna roghainnean an-dràsta.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 187
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

Re: Outlook.com (an Hotmail ùr) ann an Gàidhlig

Beitragvon akerbeltz » Mi Aug 08, 2012 3:40 pm

Ok ... 's mathaid gum bi, tha an t-uamhas air eadar-theangachadh againn mu thràth 's barrachd ri tighinn ach chan eil iad a' cumail fios rinn idir, chan eil dad a dh'fhios againne cuin a thig rudeigin beò gu mì-fhortanach.

Ma chluinneas mi dad, cumaidh mi fios ribh gun teagamh!


Zurück zu „Allgemeines“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast