VLC - VideoLAN Media Player

Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 187
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

VLC - VideoLAN Media Player

Beitragvon akerbeltz » Fr Jul 20, 2012 7:09 pm

Mur eil sibh eòlach air VLC, 's e cluicheadair mheadhanan le còd fosgailte th' ann - saor an-asgaidh agus cluichidh e cha mhòr faidhle sam bith. A bharrachd air sin, 's urrainn dhut a chleachdadh gus Radio nan Gàidheal a chlàradh air coimpiutair (ma dh'fhosglas sibh sruth ann am VLC o Mheadhanan » Fosgail sruth lìonraidh (am fear seo http://bbc.co.uk/radio/listen/live/rng.asx)), ma thogras tu. Gheibh sibh an-seo e.

Bild

Thèid a stàladh sa Bheurla an toiseach ach an uairsin:
Air Windows
  • Tools
  • Preferences
  • Language » Menus Language » Gàidhlig
  • Tòisichibh VLC as ùr agus sin agaibh e

Air MacOSX
  • VLC
  • Preferences
  • Language » Menus Language » Gàidhlig
  • Tòisichibh VLC as ùr agus sin agaibh e
Zuletzt geändert von akerbeltz am Mi Jul 25, 2012 1:00 am, insgesamt 1-mal geändert.

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Re: VLC - VideoLAN

Beitragvon Micheal » So Jul 22, 2012 10:30 am

Ceart, tha e agam a-nist ach ciamar a chleachdas mi e. Chan eil sgod agam air dè nì mi gus rud-eigin fhaicinn agus chan eil mìneachadh ann:-(
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Re: VLC - VideoLAN

Beitragvon Micheal » So Jul 22, 2012 10:42 am

air mo bhathadh ann an cus briathrachais coimpiutaitreachd nach eil mi a' tuigsinn - fiù's anns an tionndadh Ghearmailteach - tha fios aca-san dè ghabhas dèanamh leis a' phrògram ach chan urrainn dhaibh a mhìneachadh do dhaoine àbhaisteach nach eil chleachdte ri cainnt nan nerds.
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 187
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

Re: VLC - VideoLAN

Beitragvon akerbeltz » So Jul 22, 2012 3:37 pm

Na gabh dragh, tha am Mìcheal Eile ann ;) Chan eil VLC nas toinnte na Windows Media Player chanainn agus FADA nas fhasa na iTunes!

A' chiad leasan
Bild
Fosgail VLC. Briog air Meadhan agus an uairsin Fosgail pasgan (ma tha folder agad sa bheil iomadh faidhle ciùil) no Fosgail faidhle (ma tha thu dìreach airson aon fhaidhle a chluich). Faigh greim air pasgan sam bith sa bheil faidhlichean ciùil agad, can faidhlichean mp3 no rud mar sin. Dèan Select Folder agus cluichidh VLC dhut na tha sa phasgan. Sin air Windows. Ma tha thu air MacOS, innis dhomh.

Leig seachad na menus eile aig an ìre sa 's cleachd na putain aig bun na sgrìn - dìreach mar a tha iad air tape player :b Chan urrainn dhut a bhriseadh!

PS tha mi glè dheònach ceistean mar sin a fhreagairt ach ma chuireas sibh ceist, saoil an innis sibh dhomh aig an aon àm dè an operating system a th' agaibh? Nì sin diofar (beag)

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Re: VLC - VideoLAN Media Player

Beitragvon Micheal » Mi Jul 25, 2012 9:54 am

sin an rud. Tha mi airson BBC Alba fhaicinn. An e faidhle neo pasgan a th' ann?
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Isbeal
Beiträge: 986
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: VLC - VideoLAN Media Player

Beitragvon Isbeal » Mi Jul 25, 2012 11:00 am

Gun "Umweg" cha ghabhas BBC Alba fhaicinn sa Ghearmailt, cluicheadair spadeil ann no as, air sgath geo-blocking.

Can VPNUK: https://vpnuk.info/

ca. 7 euro gach mios. 'S urrainn dhomh do chuideachadh leis, ma bhios thu ag iarraidh, nuair a bhios mi air ais san Lunasdal.

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Re: VLC - VideoLAN Media Player

Beitragvon Micheal » Fr Jul 27, 2012 12:06 am

bhiodh sin glé mhath! Tapadh leat
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************


Zurück zu „Allgemeines“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast