Skype sa Ghàidhlig

Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 187
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

Skype sa Ghàidhlig

Beitragvon akerbeltz » Do Jan 26, 2012 7:57 pm

Mus faighnich sibh, tha an t-sìde grod ann an Glaschu, cha toigh leam coiseachd ann am bòtannan ;)

Seo dhuibh a-nise Skype ann an Gàidhlig. Chan eil Skype deònach cànain bheaga fhilleadh a-steach sa phrògram fhèin ach tha e furasta gu leòr. Briogaibh an-seo 's sàbhailibh am faidhle am badeigin air a' choimpiutair agaibh. Chan leig e leas a bhith sa phàsgan Skype, àite sam bith ach am biona. Dèanaibh unzip air an uairsin.

Ann an Skype, rachaibh an uairsin gu Tools » Change language » Load Skype Language File agus sin agaibh e. Tha e furasta tilleadh dhan Bheurla agus air ais dhan Ghàidhlig air an aon dòigh.

Faodaidh gum faigh sibh Disk I/O Error ma dhùineas sibh Skype 's ma dh'fhosglas sibh e a-rithist san aon seisean. Chan e rud cunnartach a tha seo, leanaibh ris na tha Skype ag innse dhuibh 's dùinibh am prògram ann an treidhe an t-siostaim, cuiribh gu dol e a-rithist (bidh feum air an fhacal-fhaire) agus bidh gach rud glan sgiobalta an uairsin. Seo bug am broinn Skype 's chan urra dhomh dad a dhèanamh ma dhèidhinn gu mì-fhortanach.

An dòchas gun còrd e ruibh!

PS Tha fhios a'm gu bheil cuid a rudan ann am Beurla fhathast, mar liosta nan dùthchannan 's an sgrìn login, chan eil leasachadh air a sin, tha mi duilich.

Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 187
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

Re: Skype sa Ghàidhlig

Beitragvon akerbeltz » Do Jun 21, 2012 1:42 pm

Tha tionndadh ùr de Skype agus dhen fhaidhle chànain ri fhaighinn. Gheibh sibh Skype o làrach Skype agus am faidhle cànain gu h-àrd. Leanaibh ris na dearbh cheuman gus a chur an sàs agus tha mi duilich, chan eil fuasgladh ann fhathast airson Linux/MacOSX.


Zurück zu „Allgemeines“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast