Seite 1 von 1

WordPress.org

Verfasst: Di Dez 13, 2011 4:51 am
von akerbeltz
Nollaig chridheil a chàirdean, tha 2011 a' tighinn gu crìoch le goireas beag ùr eile - bathar-bog blogaireachd and triop seo, WordPress.org 3.3

Thoiribh an aire gur e seo .org, 's e sin an tionndadh a stàlaicheas tu air frithealaiche agad fhèin. Tha sin beagan nas lugha na .com (an tionndadh a chleachdas tu mur eil thu airson dad sam bith a stàladh ach dìreach bloga air WordPress) agus rinn sinn am fear seo an toiseach. Thig WordPress.com beagan 'na dhèidh, uaireigin aig toiseach 2012 chanainn.

Tha mi an dòchas gun còrd e ribh!