Seite 1 von 1

BBC Alba o thall thairis

Verfasst: Sa Nov 19, 2011 3:45 pm
von akerbeltz
Bha deasbad air Fòram na Gàidhlig an t-seachdain-sa a thaobh prògraman a leigeas leat BBC Alba fhaicinn o thall thairis. A-rèir coltais, tha dà phrògram ann a leigeas leat sin a dhèanamh:
iPortal
ExpatShield

Feumaidh tu pàigheadh airson iPortal; tha ExpatShield saor an-asgaidh ach tha e slaodach uaireannan. Ma tha sibh eòlach air feadhainn eile, nach innis sibh dhuinn mu 'n deidhinn? No ma bhios duilgheadasan ann leotha?

Re: BBC Alba o thall thairis

Verfasst: Sa Nov 19, 2011 4:40 pm
von Micheal
Feuchaidh mi an dà a mhol thu is innsidh mi dhut mar a thachair dhomh leotha.


Tapadh leat
Mìcheal

Re: BBC Alba o thall thairis

Verfasst: Sa Nov 19, 2011 9:58 pm
von Isbeal
Tha mise a' cleachdadh vpnuk o chionn bliadhna no dhà.

http://vpnuk.net/index.html

Mhol co-obraiche e agus tha mi gu math toilichte leis. Tha 'live support' (chat) aca a tha ag obrachadh air leth math ma bhios trioblaid sam bith agad (agus cha bhi gu h-àbhaisteach).

Gheibh thu a h-uile rud a tha ri fhaighinn ann am Breatainn tron eadar-lìon - BBC i-player, STV amsaa, agus na YouTubes Breatannach le cuingealachaidhean-ceada.

Mu € 7 sa mhìos.

Tha e glè mhath a thaobh uaigneas san eadar-lìon cuideachd - cha bhi làraichean-lìn a' faicinn an IP-seòladh agad.

Re: BBC Alba o thall thairis

Verfasst: Sa Nov 19, 2011 9:59 pm
von Isbeal
Tha mise a' cleachadh vpnuk a chion bliadhna no dhà.

http://vpnuk.net/index.html

Mhol co-obraiche e agus tha mi gu math toilichte leis. Tha 'live support' (chat) aca a tha ag obrachadh air leth math ma bhios trioblaid sam bith agad (agus cha bhi gu h-àbhaisteach).

Gheibh thu a h-uile rud a tha ri fhaighinn ann am Breatainn tron eadar-lìon - BBC i-player, STV amsaa, agus na YouTubes Breatannach le cuingealachaidhean-ceada.

Mu € 7 sa mhìos.

Tha e glè mhath a thaobh uaigneas san eadar-lìon cuideachd - cha bhi làraichean-lìn a' faicinn an IP-seòladh agad.

Re: BBC Alba o thall thairis

Verfasst: So Nov 20, 2011 4:44 pm
von akerbeltz
A, tha sin glè fheumail Isbeal, mòran taing. Bha VPNUK sìos nuair a bha sinne 'ga dheasbad air FnaG. Nach eil seo èibhinn? Cho luath 's a thogas an dàrna fear balla a bhacas càch, innlichidh am fear eile rud a phutas toll sa bhalla!!

Re: BBC Alba o thall thairis

Verfasst: So Feb 03, 2013 3:12 pm
von Isbeal
Leugh mi air fòram air choireigin sna làithean seo mu VPN eil a tha saor ann asgaidh agus a bhios ga mholadh le cuid den luchd-ionnsachaidh Ameirigeanach: tunnelbear

Ich habe neulich in irgendeinem Forum von einem weiteren kostenlosen VPN gelesen, die von amerikanischen Lernern empfohlen wird, tunnelbear.

http://www.tunnelbear.com/


Seo mìneachadh air blog eile mu a dheidhinn:
Hier eine Erklärung darüber in einem anderem Blog:

http://www.tumblr.com/tagged/tunnelbear


Airson Mac is pc, agus fònaichean-làmhe amssaa
Für Mac, pc, Mobiltelefon usw.

Nach eil cudeigin airson fheuchainn?
Möchte jemand es probieren?

Tha tòrr ciùil sgoinneil air BBC Alba dìreach sna seachdainean seo, air a chlàradh aig cuirmean-ciùil Celtic Connections ann an Glaschu.

Es gibt gerade jetzt viel tolle Musik auf BBC Alba, aufgenommen bei Konzerten des Festivals Celtic Connections ann an Glaschu.