LibreOffice

Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 187
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

LibreOffice

Beitragvon akerbeltz » Mi Nov 09, 2011 3:20 pm

Madainn ùr (an-dà, madainn a th' ann 's mise dìreach air èirigh, coma leibh gu bheil an t-uaireadair ag ràdh 1f) - agus tha mi toilichte goireas ùr a chur ri ur làmhan: LibreOffice 3.4.4 sa Ghàidhlig.

Bild

'S mathaid nach bi cus dhibh eòlach air LibreOffice e fhèin ach bidh sibh eòlach air OpenOffice. 'S e an dearbh-rud a th' anns an dà phrògram ach fo dhà ainm eadar-dhealaichte. Poileataigeachd eadar an saoghal OpenSource agus Oracle. Cha chan mi an corr. Co-dhiù, mur eil sibh eòlach air, 's e sreath phrògraman oifis a th' ann, gu math coltach ri Microsoft Office ach tha am fear seo gu tur saor an-asgaidh. Ach chan eil sin ri ràdh gu bheil e dona, chan eil idir. Mur eil sibh eòlach air, 's fhiach fheuchainn, air m' fhacal.

Nise, gheibh sibh an ceangal sa bhad an triob seo ged a tha treòir bheag gu h-ìosal.

Carson treòir a-rithist? An-dà, tha aon rud ann san stàladh a tha beagan gòrach. Chan eil ann ach an aon fhaidhle stàladh airson a h-uile cànan (... prògramairean... ann an saoghal eile), sin an install_multi:
Bild

Tha gach rud soilleir gu leòr gus an ruig sibh an sgrìn seo:
Bild

Feumaidh sibh Custom a thaghadh, air neo bidh gach rud sa Bheurla a-mhàin. Chì sibh Additional language packs aig bun an ath-sgrìn, dèanaibh briogadh air:
Bild

Agus innsibh dhan phrògram gu bheil sibh ag iarraidh Gàidhlig. 'S urrainn dhuibh am prògram a stàladh ann an iomadh cànan, mar eisimpleir, Gàidhlig is Beurla agus ma nì sibh sin, bidh cothrom agaibh leumadh eadar an dà chànan slighe Tools > Options > Language Settings > Languages. Mur eil Gàidhlig a' nochdadh sa bhad, rachaibh ann agus taghaibh Gàidhlig airson User Interface, Locale Settings agus Default Language.

Tha dearbhair-litreachaidh ann ach dhìochuimhnich iad fhilleadh a-steach sa phrògram fhèin, cuiridh sinn ceart seo cho luath 's a ghabhas. Gheibh sibh dearbhair an-seo san eadar-àm.

An dòchas gun còrd e ribh!

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Re: LibreOffice

Beitragvon NoClockThing » Mi Nov 09, 2011 10:23 pm

Wer ein deutsches WIndows hat, bekommt das Programm erstmal auf Deutsch serviert. Das Umschalten auf Gälisch funktioniert aber genauso.

Bei der Installation die benutzerdefinierte Methode nehmen, dabei das zusätzliche Sprachpaket "Schottisch-Gälisch" auswählen.

Dann das Programm starten. Unter

Extras -> Optionen -> Spracheinstellungen -> Sprachen die Benutzeroberfläche auf "Gälisch (Schottland)" setzen. Auf Wunsch bei "Standardsprachen der Dokumente" das selbe.

LibreOffice schließen und neu starten.
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Isbeal
Beiträge: 986
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: LibreOffice

Beitragvon Isbeal » Fr Nov 11, 2011 3:05 am

Funktioniert sehr leicht. :D

Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 187
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

Re: LibreOffice

Beitragvon akerbeltz » Mi Feb 15, 2012 3:33 pm

Ràinig LibreOffice 3.5! Feumaidh sibh an rud gu lèir a stàladh a-rithist ach gu fortanach, tha gleus am broinn 3.5 airson ùrachaidhean is àrdachaidhean a dhèanamh 's cha bhi feum air a' phacaid mhòr thomadach a-rithist a-mach o seo :)


Zurück zu „Allgemeines“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast