Seite 1 von 2

Caochladh gheamannan / Spielesammlung

Verfasst: Fr Aug 26, 2011 9:30 pm
von NoClockThing
Bha mi beagan trang sna làithean seo agus rinn mi tionndaidhean Gàidhlig aig geamannan le taic bho akerbeltz. Seo na tha ùr:
Ich war die letzten Tage ein wenig beschäftigt und habe gälische Versionen von Spielen gemacht, mit der Hilfe von akerbeltz. Hier was es neues gibt:


Lichess
Tàileasg air loidhne an asgaidh. Cluich an aghaidh a' choimpiutair neo daoine eile.
Freies Online-Schachspiel. Man kann gegen den Computer oder andere Leute spielen.

Geama Matamataigs
Geama gus na h-àireamhan a thrèanadh.
Zum Zahlen trainieren.

Tetris
Cò gheibh air liosta nan sgòran as àirde? :twisted:
Wer schafft es in die Bestenliste?



Agus seo liosta slàn nan geamannan air a bheil mi eòlach: http://www.foramnagaidhlig.net/index.php?page=38

Galgenmännchen ist in Arbeit :D

Re: Caochladh gheamannan / Spielesammlung

Verfasst: Sa Aug 27, 2011 12:22 am
von Isbeal
Tha mi CHO dona air Matamataigs! Grr! :evil: :lol:

Agus chan eil mi dìreach math air tàileasg nas motha - ach abair dibhearsain co-dhiù! :P


Ich bin SO schlecht in Mathe!
Und auch nicht gerade gut in Schach...
aber Spass auf jedem Fall!

Re: Caochladh gheamannan / Spielesammlung

Verfasst: Di Aug 30, 2011 5:21 pm
von NoClockThing
Uill, is urrainn dhut cumail ris an Tetris :P

Re: Caochladh gheamannan / Spielesammlung

Verfasst: Mi Aug 31, 2011 1:23 am
von NoClockThing
Geama eile dhuibh:

An Crochadair.

Feuchaibh am faigh sibh a-mach dè am facal a th' ann. :D

Galgenmännchen ist jetzt fertig

Re: Caochladh gheamannan / Spielesammlung

Verfasst: Mi Sep 21, 2011 10:00 pm
von Micheal
Is e rud a th' ann nach eil mise idir a' tuigsinn nan geamanan seo fiù agus ann an Gearmailtis mar sin chan eil iad gu mòran feum dhomh. Ach air an taobh eile is e goireas miorbheailteach a tha seo don fheadhainn aig a bheil ùidh air geamanan-coimpiutaireachd agus mar sin tha mi gam fàilteachadh gu mór.

Also ich kapiere solche spiele noch nicht mal auf Deutsch, deshalb kann ich nicht soo viel damit anfangen. Aber auf der anderen Seite ist das natürlich eine phantastische Sache für diejenigen, die Computerspiele mögen und deshalb ist das außerordendlich zu begrüßen!

Re: Caochladh gheamannan / Spielesammlung

Verfasst: Do Sep 22, 2011 12:48 pm
von NoClockThing
Bu chòir don Chrichadair a bhith furasta gu leòr dhut. Tha e ag obair san aon dòigh a bha sinne ga chluich san sgoil nuair a bha am fadachd oirnn :P

Gliog air "Tòisich air geama ùr" agus an uair sin air na litrichean. Sin agad e!

Re: Caochladh gheamannan / Spielesammlung

Verfasst: Fr Sep 23, 2011 9:45 am
von Micheal
Tha thusa a' buntainn do ghinealach eile. Cha robh geamanan-coimpiutair againn nuair a bha mise anns an sgoil. Cha bhiomaid a' cluich ach dìreach ag ionnsachadh bho mhoch gu dubh 8)

Mìcheal

Re: Caochladh gheamannan / Spielesammlung

Verfasst: Di Sep 27, 2011 3:22 pm
von NoClockThing
Seadh seadh, cha do rinn sibh ach a bhith modhail agus ag obair fad an latha ... :lol:

Agus fhuair mi fhèin àrach às aonais geamaichean coimpiutair.

Agus eadar dà sgeul, shoirbhich e leam soitheach-fànais a thogail!

Bild

:D

Geama: Pingus

Verfasst: So Sep 16, 2012 12:12 pm
von NoClockThing
Pingus

Bild

Sa gheama thoimhseachain seo, feumaidh tu cinn-fhionn a stiùireadh dhan doras a-mach is iomadh cnap-starra san rathad. Cuiridh tu comasan a leithid leum no togail dhrochaidean dhaibh ach am faigh iad thairis orra gu sàbhailte. Tha an geama seo coltach ri Lemmings ach tha e an asgaidh.

Cha do chuir iad a' Ghàidhlig ris na pasganan oifigeil fhathast, ach gheibh thu mìneachadh air ciamar a stàlaicheas tu e an seo.


Bild

Coimhead air bhideo

Geama ùr: Megaglest

Verfasst: Di Nov 13, 2012 12:23 pm
von NoClockThing
Megaglest

Bild

'S e geama ro-innleachd fìor-ùine (Real Time Strategy Game) a th' ann am Megaglest. 'S urrainn dhut cnàmh-sgeulan no mapaichean air thuaiream a chluiche, agus tha modh ioma-chluicheadair aige. Tha beagan dheth sa Bheurla fhathast, ach tha mi 'n dòchas gun gabh seo càradh leis an ath thionndadh.

Barrachd fiosrachaidh: http://www.foramnagaidhlig.net/foram/vi ... =28&t=2444

Geama ùr: The Battle for Wesnoth

Verfasst: Mo Nov 19, 2012 12:57 am
von NoClockThing
The Battle for Wesnoth

Bild

’S e geama ro-innleachd fantastachd suidhichte air cuairtean a th’ ann am Battle for Wesnoth. Tha modhan cluiche eadar-dhealaichte aige: iomairtean no geamannan ioma-chluicheadair. Faodaidh tu na geamannan ioma-chluicheadair a shuidheachadh cuideachd ach an cluich thu an aghaidh a' choimpiutair.

Barrachd fiosrachaidh.

Geama ùr: SuperTuxKart

Verfasst: Di Dez 11, 2012 5:15 pm
von NoClockThing
SuperTuxKart

'S e geama rèise 3D a th' ann an SuperTuxKart is tha e an asgaidh. Tha iomadh shlighe, caractar is nithean na bhroinn as urrainn dhut feuchainn.

Bild Bild Bild

Barrachd fiosrachaidh air Fòram na Gàidhlig.

Re: Geama ùr: SuperTuxKart

Verfasst: Di Nov 26, 2013 1:39 pm
von NoClockThing
Bild

Chaidh tionndadh ùr dhen gheama SuperTuxKart fhoillseachadh. Tha slighean, cartaichean is modhan geama ùra is air an leasachadh na chois cho math ri leasachaidhean air an eadar-aghaidh. Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh mu na tha ùr air an làrach-lìn SuperTuxKart is stiùireadh air mar a chuireas sibh a' Ghàidhlig air air Fòram na Gàidhlig.

Trèilear

Re: Caochladh gheamannan / Spielesammlung

Verfasst: Fr Nov 29, 2013 11:02 pm
von NoClockThing
Sgrìobhaidh mi an-seo san àm ri teachd seach a bhith a' fosgladh cuspair ùr gach turas.

Ich schreibe von jetzt an zu neuen Spielen in diesem Thread, anstatt jedesmal einen neuen zu eröffnen. Ich habe hier noch garnichts zu OpenTTD geschrieben, das ist ein Transport Tycoon Deluxe-Clone und kostenlos zu haben. Viel Spaß beim Verkehrsmittelplanen!

OpenTTD

Bild

Chaidh OpenTTD 1.3.3 fhoillseachadh an-diugh. 'S e geama saoghail mas-fhìor stèidhichte air Transport Tycoon Deluxe a th' anns an OpenTTD. Togaidh tu lìonra dhe sheirbheisean bus, trèana, luing is plèana. Faodaidh tu cluiche nad aonar no ann an lìonraidh no air loidhne. Tha iomadh tuilleadan ri làimh as urrainn dhut luchdadh a-nuas is cuid dhiubh air an eadar-theangachadh cuideachd.

Bild
(briog air an dealbh)


Gheibh sibh an geama air an làrach-lìn aig OpenTTD is barrachd fiosrachaidh mun tionndadh Gàidhlig air Fòram na Gàidhlig.

Re: Caochladh gheamannan / Spielesammlung

Verfasst: Di Dez 03, 2013 4:27 pm
von NoClockThing
Inneal Flare

Bild

'S einnsean saor airson cluich ghnìomhan mas fhìor a tha sa Flare ach tha geama 'na bhroinn cuideachd. Chan e ach tionndadh alpha ri fhaighinn gu ruige seo, mar sin tha rud no dhà sa Bheurla fhathast. Thèid seo a chàradh san àm ri teachd co-dhiù. Cuideachd, tha sinn an dùil gun tèid barrachd susbainte a dhèanamh airson a' gheama. 'S urrainn dhuibh cus ùine a chaitheamh leis mar a thà co-dhiù!

Bild

Barrachd fiosrachaidh