Opera Mini/Mobile

Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 187
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

Opera Mini/Mobile

Beitragvon akerbeltz » Di Jul 05, 2011 2:59 pm

Tha Opera agus Akerbeltz a' toirt dhuibh Opera Mini/Mobile, a' chiad bhrabhsair Gàidhlig san t-saoghal a dh'obraicheas air fònaichean-làimhe is tablaidean: http://www.opera.com/mobile/

Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 187
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

Re: Opera Mini/Mobile

Beitragvon akerbeltz » So Mär 04, 2012 9:41 pm

Fiosrachadh ùr: Tha e furasta Gàidhlig a thaghadh air cuid dhe na h-innealan-làimhe (can Blackberry) ach tha e nas dorra air fònaichean Android. Ma tha Android agaibh, bidh agaibh na leanas a dhèanamh:
1) Rachaibh dha Android Market 's faighibh rud air a bheil Custom Locale le InKa (seo e) is stàlaichibh e.
2) Fosglaibh Custom Locale 's taghaibh Or create a locale from a custom pair. Fo Select language, taghaibh gd (sin Gàidhlig) agus fo Select Country: GB agus briogaibh air Set Locale aig a' bhonn an uairsin. Innsidh mi dhuibh gu h-ìosal¹ carson a tha feum air.
Bild
3) Dèanaibh lorg air Android Marketplace airson Opera agus stàlaichibh Opera Mini no Mini Next (na stàlaichibh Opera Mobile, chan eil sin ann an Gàidhlig 's thèid e à bhith a dh'aithghearr). Bu chòir dha bhith ann an Gàidhlig a-nis.

Air Blackberry, foghnaidh e a dhol gu http://www.opera.com/mobile/ agus Download » Download in another language » Opera Mini 6.5 for Blackberry Gàidhlig a thaghadh.

Chan eil mi cinnteach fhathast dè an dòigh as fhearr air tablaidean. Saoilidh mi gu bheil sin a' crochadh air an operating system agaibh. Faicibh ¹ gu h-ìosal cuideachd.

¹Carson? Deagh cheist... Tha Android (agus operating systems eile air fònaichean) nach bi duine sam bith ag iarraidh prògram air an fhòn aca ach sa chànan sa bheil an operating system. Ach aig an aon àm, chan eil iad deònach ach na cànain mhòra a thoirt dhut air. :evil: Ma-tà, ma cheannaicheas tu fòn-làimhe le Android air 's ma thèid thu dha Android Marketplace air tòir prògram, innsidh am fòn agad dha Marketplace gur e Beurla an cànan aig an fhòn agad. Chan fhaighnich Marketplace dhìot dè an cànan a bu toigh leat. Agus gheibh thu prògram sam bith, Opera Mini san t-suidheachadh seo, ann am Beurla ged a tha e ri làimh sa Ghàidhlig.
Ma stàlaicheas tu Custom Locale, 's urrainn dhut cumail ort gur e Gàidhlig an cànan aig an fhòn agad (ged nach bi buaidh sam bith eile air an fhòn). Ach ma thèid thu dha Android Marketplace a-nis, gheibh thu Opera Mini sa Ghàidhlig. Amaideas, tha fhios a'm, ach sin mar a tha na companaidhean mòra gu mì-fhortanach... gu fortanach, tha daoine ann mar InKa a bheir fuasgladh dhuinn!

Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 187
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

Re: Opera Mini/Mobile

Beitragvon akerbeltz » Mo Aug 27, 2012 3:27 pm

Tha stiùireadh ùr ann a thaobh Custom Locale!!


Zurück zu „Allgemeines“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast