Eadar fealla-dhà is fealla-trì - Dealbh-chluich èibhinn...

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Eadar fealla-dhà is fealla-trì - Dealbh-chluich èibhinn...

Beitragvon An Gille Donn » Mo Jun 21, 2010 11:43 pm

A Chàirdean chòir,

tha mi beò fhathast, agus slàn is fallain. Agus trang, chan ann a-mhàin lem' chuid rannsachaidh mu dhreach Gàidhlig Seanchas Seachd Saoidh na Ròimhe, ach cuideachd le deasachadh òraid mu Ghoethe agus na Gàidheil. Seadh. Goethe agus na Gàidheil. Cuspair annasach agus inntinneach, agus is gann gu bheil fios aig a' mhòr-chuid de na Gearmailtich - agus fiù aig Gearmailtich aig a bheil a' Ghàidhlig, theirinns' - gun robh Goethe air beagan Gàidhlig ionnsachadh. Agus is e an fhìrinn a th' agam.

Gheibhear fianais gun robh Goethe air dìreach beagan rannan eadar-theangachadh de dh' eagran Gàidhlig saothar Sheumais Bhàin Mhic Phearsain. O, seadh, "das O-Wort" - schon sehe ich die ersten gähnen, "Ossian, soooo was abgedroschenes, soooo was klischeehaftes..." - nun, allein die Tatsache, daß Goethe sich durch die Lektüre des MacPhersonschen Werkes angeregt fühlte, einige Zeilen der gälischen Version des siebten Buches von Temora ins Deutsche zu übersetzen, sollte zeigen, daß man dem ach so alten Thema immer noch neue Erkenntnisse abgewinnen kann - ged nach eil an naidheachd sin buileach cho ùr tuilleadh, oir bha fios aig John Hennig (1911-86) air sin cheana ann an 'Goethes Schottlandkunde', ann an Goethes Europakunde leis an aon ùghdar (Amsterdam: Rodopi, 1987), tdd. 70-88, cf. 'Goethes Irlandkunde', ibid., tdd. 56-69, ach gheibhear airtigeal ùr mun aon chuspair le Caitríona Ó Dochartaigh ann an Howard Gaskill et al, The Reception of Ossian in Europe (New York: Thoemmes, 2004), tdd. 156-75. Fhuaras fios air sin cho tràth ri 1908 troimh fear Otto Heuer a lorg an litir gu Herder anns a bheil am pìos eadar-theangachaidh seo ri fhaighinn, ach cha d' rinneadh an uiread rannsachaidh mu dhèidhinn gus an tug a' bhean Dhochartach sùil mhionaideach air cho math - no meadhonach - is a rinn Goethe an gnothach air Gàidhlig na h-Albann.

Ach chan e seo dhà-rìribh na tha mi a mach air an seo. Mar a bha mi a' tighinn air adhart lem' chuid obrach-rannsachaidh, 'sann a thàinig e a steach orm gum biodh e èibhinn dealbh-chluich beag (sketch, mar a th' aca 'sa Ghearmailtis :wink: :twisted: ) a chur air bonn 'sa Ghearmailtis anns a bheil an t-Oll. Samuel Johnson na shuidhe aig bòrd beag le deagh-stacadh leabhraichean Mhic a' Phearsain os a chomhair, is e ag ràdh: "Dieser MacPherson wird wirklich von Buch zu Buch schlechterrr [...] Das Publikum verwirrt, die Kritiker betroffen, der Vorhang zu und alle Fragen offen !" Ciod e ur beachd ?

Isbeal
Beiträge: 986
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Eadar fealla-dhà is fealla-trì - Dealbh-chluich èibhinn.

Beitragvon Isbeal » Di Jun 22, 2010 11:24 pm

Beachd gu math èibhinn, ceart gu leòr. Mòran taing airson an fhiosrachaidh sin. :D


Zurück zu „Allgemeines“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast