Empfehlungen für B&B in Barra?

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Empfehlungen für B&B in Barra?

Beitragvon mona nicleoid » Sa Jun 12, 2010 10:56 pm

Kennt jemand ein schönes freundliches und nicht zu teures B&B in Barra, das ihr weiterempfehlen würdet? Suche noch spontan etwas für demnächst... es sollte ein Einzelzimmer haben bzw. nicht zu viel Aufschlag für Einzelbenutzung nehmen. Gälischsprechende Gastgeber wären natürlich super :)
~Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Re: Empfehlungen für B&B in Barra?

Beitragvon An Gille Donn » Di Jun 29, 2010 7:43 pm

A Mhona chòir,

tha mi duilich nach ann gun dàil a thig an fhreagairt seo, ach cha do mhothaich mi 'n cheist na bu tràithe. Gu dearbha, tha seòladh agam a bheir toileachas ort, saoilidh mi - bu chòir dhuit fuireach aig Gearadh Mòr ann am Baile na Creige faisg air Tràigh Thangasdail, no "Taigh Annag Bheag", mar a theireadh na Barraich fhèin. Is e daoine coibhneil is gasda a th' ann an an Annag is Eairrdsidh, Muinntir Mhic Gilleathain, agus tha Annag gu math an sàs ann an iomairtean Gàidhlig ann am Barraigh. A bharrachd air sin, bidh mòran luchd-ciùil dùthchasach a' fuireach riutha, gu h-àraidh aig àm na Fèise. Mar as trice, bidh luchd-teagaisg na Fèise a' fuireach riutha. Còrdaidh e riut, saoilidh mi. O seadh, agus nach innis thu dhaibh gur e Acsail Òg a mhol an t-àite dhuit is nach toir thu mo chuid deagh-dhùrachdan dhaibh ? Tha mi gan ionndrainn, mar a tha mi ag ionndrainn na h-Albann air fad, agus a' Ghàidhealtachd gu h-àraidh, agus bhithinns' fhèin a' tadhal orra mura robh mi an sàs aig Marburg airson greis eile :roll: :?

Co-dhiù, ma thèid thu a Bharraigh, is ma tha deagh-chèilidhean fainear dhuit mar a gheibhear gu leòr an siud, thoir an aire air na ceuman - tha ceuman Barrach diofraichte o cheuman Uidhist no an Eilein Sgitheanaich, gu h-àraidh a thaobh Dannsa Shabhail Chanadianaich agus an Schottische Gàidhealach ! Agus chan fhaighear na 's fheàrr ann am Barraigh na cèilidhean Balaich Bhatarsaigh - oidhche mhath ma tha, ma tha, ma thaaaa ! :wink: Suas na seòid !

Tùdalù an dràsda,

Acsail Òg

P.S.: Ma tha Iseabail "Ishi" Nic Gilleathain agus Iain Eòsaiph Mac Nèill gu bhith anns an Eilean is ma thachras tu riutha, nach toir dhaibh mo bheannachdan cuideachd, mas e do thoil e ? Ceud taing roimh làimh !

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Re: Empfehlungen für B&B in Barra?

Beitragvon An Gille Donn » Do Jul 01, 2010 7:27 pm

P.S. II:

Seo dhuit an seòladh, a Mhòna choir:

Gearadhmor
123 Craigston / Baile na Creige
Isle of Barra / Eilean Bharraigh
Western Isles / Na h-Eileanan Siar
H29 5XS

Tha mi 'n dòchas gun còrd e riut. Chan eil duilleag-lìn aca fhathast, ach tha post-dealain aca: anne@gearadhmor.fsnet.co.uk. Agus fòn, gu dearbha: +441871 810 688 begin_of_the_skype_highlighting              +441871 810 688      end_of_the_skype_highlighting begin_of_the_skype_highlighting              +441871 810 688      end_of_the_skype_highlighting


Zurück zu „Allgemeines“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast