cùrsa Gàidhlig san Eilbheis - Gälischkurs in der Schweiz

angelika
Beiträge: 4
Registriert: Mo Feb 08, 2010 5:47 pm

cùrsa Gàidhlig san Eilbheis - Gälischkurs in der Schweiz

Beitragvon angelika » Mo Feb 08, 2010 6:35 pm

halò na h-uile,

sgrìobh mi seo ann an "cò mise" mar-thà, ach bu toil leam innse a-rithist: tòisichidh cùrsa Gàidhlig ann an Zürich sa Chèitean, clas feasgair airson luchd-tòiseachaidh. airson barrachd fiosrachaidh, theirig gu www.rhzsprachen.ch! (fo "irisch"..)

gach dùrachd,
angelika


hallo nochmal,

wie ich schon im "cò mise" geschrieben habe, werde ich bald einen Gälisch-Abendkurs in Zürich unterrichten, und zwar ab Mai für Anfänger...weitere Infos findet ihr auf www.rhzsprachen.ch (unter "irisch")!

liebe grüsse,
angelika

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Gach deagh-dhùrachd don Eilbheis !

Beitragvon An Gille Donn » Mi Feb 17, 2010 11:48 pm

Aingealag chòir,

gura math thèid leat ! Gun soirbhich leat gu dearbha, is gun tèid na b' fheàrr leats' thall ann an Zurich na chaidh dhomhsa ann an Giessen ann an teas-mheadhon na Gearmailte.

Tha mo chiad cùrsa dìreach air tighinn gu crìoch. Nise, air an dara làimh, chan eil adhbhar gearain agam, ach air an làimh eile... Bha deichnear agam an toiseach, agus tha mi fada an comain mo phàrantan agus co-ogha dhomh airson taic a thoirt don chùrsa, oir b' iadsan triùir dhiubh. Is e daoine gasda a bh' anns a' chòrr dhiubh, cuideachd, is ceathrar dhiubh à diofair àitean den sgìre againn agus dithist eile à Marburg...à Roinn Cheiltis Oilthigh Mharburg. Gu mì-fhortanach, mar a tha cùisean ri linn Bologna (mo sheachd mallachd oirr' ! :evil: ), tha 'ad a nise mò 's trang gus a leantainn orra lem' chuid clasaichean...agus tha 'n cuid airgid a' crìonadh cuideachd...und jeden Mittwochabend von Marburg nach Giessen zu fahren (30 km) macht bei dem Studienstundenplan des Bologna-Zeitalters und den derzeitigen Spritkosten halt keine Freude mehr, so schön der Kurs auch ist. Air an adhbhar sin, tha a nise dithist a dhìth orm, agus theagamh gun gabh mo mhuinntir fhèin an ath-chùrsa. Chan eil 'ad cho sgileil air cànain, chan eil fhios agam cò bhuapa a fhuair mi mo sgilean fhèin... :wink: Mura lean iadsan orra, bithidh ceathrar a dhìth orm - agus is e deichnear a bu chòir a bhith ann a rèir riaghailtean Volkshochschule (Sgoil a' Phobail) Ghiessen

A dh' aindeoin sin, thàinig duine a-steach dham chùrsa a chuir gu math ris a thaobh ciùil Ghàidhealaich, oir is e sàr-phìobair a th' ann - is aithne do Mhìcheal e, agus is aithne dhàsan Mìcheal. Tha mi toilichte thar bàrr gu bheil e a nise na bhall den chùrsa, is e fìor-eòlach air ceòl is cèilidhean Gàidhealach mar a bu chòir agus tuigseach do shaoghal na Gàidhlig. Is e Crìsdean Tewordt an t' ainm a th' air, agus is esan am pìobaire Gàidhealach as fheàrr a gheibhear ann an Taobh Tuath Hessen, dùthaich mo shinnsearachd. Ach as bith cho sona is a tha mo chùrsa on a ràinig e, cha mhair mo chùrsa nas fhaide mur faigh mi tuilleadh daltaichean na th' air fhàgail agam an ceartuair...

Mar sin, Aingealag, guidheam gach uile deagh-fhortan dhuit na gheibhear, is mi làn dùil is dòchais gum faighear tuilleadh ùidh a' Ghàidhlig a thogail ann an Zurich - agus gun gabh mo chùrsa fhèin a' shàbhaladh !

Le meas,

Acsail Òg

angelika
Beiträge: 4
Registriert: Mo Feb 08, 2010 5:47 pm

Beitragvon angelika » So Feb 21, 2010 9:47 pm

uill, Acsail chòir, 's ann a bhios an cùrsa agamsa a' tòiseachadh le triùir a-mhàin :) nach buidhe dhutsa gun robh an uimhir oileanach agad sa chiad dol a-mach!
tha an suidheachadh caran cruaidh a thaobh luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig san fharsaingeachd (ach ann an Alba fhèin), is tha mi a' tuigsinn gum feum e a bhith gu math doirbh nuair a bhios riaghailtean mar seo aig na sgoiltean..
tha mi 'n dòchas gum bi an ath chùrsa agad soirbheachail, gur math thèid leat!

gach dùrachd,
angelika


Zurück zu „Allgemeines“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 2 Gäste