Ciod e ur beachd air bànachdach chnatan mòr nam muc ?

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Ciod e ur beachd air bànachdach chnatan mòr nam muc ?

Beitragvon An Gille Donn » Mi Nov 25, 2009 6:33 pm

A Chàirdean chòir,

fhuair mi a' bhànachdach an aghaidh cnatan mòr nam muc an dè, agus leis an fhìrinn ghlan innse, cha robh mi a' faireachdainn cho math dìreach as a dèidh - thàinig am fiabhras orm troimh 'n oidhche agus chan urrainn dhomh mo ghàirdean air an taobh chlì a ghluasad fhathast mar a bu chòir - ged a dh' fhaodadh cùisean a bhith fada na bu mhiosa...Is iomadh bànachdach a fhuair mi rim' bheò cheana, is mi cho làidir ri each. Gu h-àbhaisteach, cha tug mi feart orra riamh roimhid, ach ged a tha mi math gu leòr a rithist is ann an deagh-thriom agus deiseil is deònach mo chlas a theagaisg a nochd, cha do chòrd e rium an turas seo. Ach seo m' eòlas fhèin.

Ciod a dh' fhiosraich sibhse mu dhèidhinn na bànachdaich seo, agus an d' fhuair sibh fhathast i ? A bheil sibh airson faighinn idir ? Am bu chòir do neach faighinn ? Ciod e ur beachd fhèin ?

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mi Nov 25, 2009 7:36 pm

Cha d' fhuair mi e agus chan fhaigh mi e :P Nam bheachd-sa 's e hysteria mhòr a th' ann, agus tha fiù 's cuid de na doctairean ag ràdh gun deach an stuth sin a leasachadh gu luath, nach eil e uabhasach math, agus nach eil mòran daoine ann am fìor chunnart co-dhiù.
Nam bheachd-sa chaidh mòran airgid a chosg gus an stuth sin a leasachadh agus a dhèanamh, agus a-nis tha na gnìomhachais sin ag iarraidh an cuid buannachd.

Bha aithisg inntinneach ann an-seo: http://www.independent.co.uk/life-style ... 17715.html Aig bonn na duilleige sin thathar a' sealltainn mar a bha na h-àireamhan ag atharrachadh: as t-samhradh bha dùil gun caochladh na mìltean, a-nis cha do chaochail fiù 's an aon àireamh mar le cnatan àbhaisteach gach bliadhna.

Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Isbeal
Beiträge: 986
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Mi Nov 25, 2009 10:00 pm

Tha mise den aon bheachd.

Chan eil mi ann am 'buidheann an cunnart', agus chan eil mi a' fuireach còmhla ri rudeigin ann an cunnart (m.e. clann), mar sin chan fhaigh mi a' bhànachdach nas motha.

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Do Nov 26, 2009 10:51 am

Tha agus mise.
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „Allgemeines“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast