Am Faclair Beag

Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 190
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

Am Faclair Beag

Beitragvon akerbeltz » Di Okt 06, 2009 5:32 pm

Ok, cuspair ùr ma thà bhon a tha sinn beò fhathast ;)

Bu toil leam fios a leigeil dhuibh gu bheil am Faclair Beag a' sìor fhàs agus gu bheil sinn a' toirt cuireadh air iarrtasan son cunntasan bhòtaidh bho dhaoine aig a bheil G on ghlùn.

Gheibh sibh am faclair air http://www.faclair.com. Tha Dwelly ann agus, gu ruige seo, Faclair nan Gnàthasan-cainnte cuideachd san aon àite.

Tha dùil againn ri clàir ùra chruthachadh cuideachd - ma nì sibh rannsachadh son "water", chì sibh air an taobh chlì na tha fa-near dhuinn.

'S e na rionnagan am feart ùr as cudromaiche. Gheibhear mìneachadh iomlan an-seo ach gu goirid, tha na rionnagan buidhe ag innse dhan luchd-chleachdadh dé na faclan a tha "beò" agus dé an fheadhainn nach eil cho beò. Ma tha cunntas aig cuideigin, chì iad sreath de rionnagan eile cuideachd, na rionnagan bhòtaidh leis a chuireas iad an céill dé na faclan air a bheil iad-san eòlach agus théid na rionnagan buidhe a stéidheachadh air a-sin.

Cuiribh sùil air an duilleag chuideachaidh cuideachd, tha iomadh feart ùr eile ann - 's ma tha ruideigin ann nach eil soilleir, leigibh fios dhomh!

Cuideachd, ma tha G agaibh on ghlùn agus ma tha ùidh agaibh sa phròiseact seo, cuiribh post-d thugam agus cuiridh mi cunntas (saor an-asgaidh) air dòigh dhuibh!

Agus fear a bharrachd: Faicibh http://gd.openoffice.org/ - tha e beagan air dheireadh mu thràth (3.01 vs 3.1.1) ach chì sinn.

Abair launch mór a bh' aca...

Isbeal
Beiträge: 995
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Di Okt 06, 2009 11:50 pm

Thug mi sùil air agus tha e a' coimhead inntinneach gu dearbh. Tha a h-uile goireas aige a chòrd rium ann an Dwelly-d agus tòrr a bharrachd.

Agus tha e uabhasach math is cudromach gum bi cothrom ann do dhaoine a tha Gàidhlig bho thus na faclan a mheasadh, m.e. leis na roinneagan. Tha mi an dòchas gum bi iad a' cleachdadh a' ghoireis seo.

Ciamar a tha sibh ag iarraidh sin a ruigsinn? Gur e na daoine 'chumanta' cuideachd a bhios ga chleachdadh, seach feadhainn aig SMO no BnaG a-mhàin?

Ach coma co-dhiù, is math a rinn thu (sibh?) a-rithist! :D

Chuir mi e ceangal is moladh gu Ceap Breatainn mu-thràth. Oisean cudromach den t-saoghal bheag Ghàidhlig... :wink:

Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 190
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

Beitragvon akerbeltz » Mi Okt 07, 2009 11:43 pm

Ceud taing :) Will Robertson 's mi fhìn a th' ann a-rithist.

Tha sinn a' cur fàilte air duine sam bith a tha fileanta, ge be croitear no ollamh, iasgair no seinneadair, sgrìobhadair no mafia boss a th' annta.

Tha sinn a' feuchainn ri fios a sgaoileadh air a' phost-d aig an ìre seo ach feuchaidh sinn ri bùthan-obrach a chumail cuideachd gus daoine a thàladh ann. Bidh fear aig Oilthigh Ghlaschu san t-Samhain.

Ged nach eil càil cearr air SMO, chan eil ach dithist againn aig an àm seo a tha bho SMO. Tha Sgitheanaich, Leòdhasaich, Rosach is Tiristeach againn gu ruige seo ach mar is ann as pailt, 's ann as fhearr a bhios e.

Mar sin dheth, ma tha thu eòlach air cuideigin aig a bheil fìor dheagh G, innis dhaibh! Cuiridh mise air dòigh na cunntasan. Bhiodh e math daoine fhaighinn bho Alba Nuadh cuideachd.


Zurück zu „Allgemeines“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast