Sàmhchair an fhòraim

Benutzeravatar
akerbeltz
Beiträge: 187
Registriert: Mo Jan 19, 2009 1:39 am
Wohnort: Glaschu
Kontaktdaten:

Sàmhchair an fhòraim

Beitragvon akerbeltz » Mi Sep 30, 2009 1:13 pm

Tha e caran sàmhach an-seo ... cà bheil na daoine?

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mi Sep 30, 2009 11:02 pm

cò aig tha brath? Is dòcha gum feuch iad ri ikebana neo yoga ceilteach an àite Gàidhlig ionnsachadh

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

sàmhchar an fhòraim

Beitragvon An Gille Donn » Do Okt 01, 2009 9:56 pm

A Mhìcheil agus @ Mhìcheil eile chòir,

tha mise fhathast beò agus tha mise fhathast dìleas don Ghàidhlig...ged a tha mi 'n ceartuair an sàs aig a' Ghearmailt. Agus chan eil mi nam thàmh a thaobh mo chuid obair rannsachaidh - sin is adhbhar gu bheil mi car sàmhach anns an fhòram seo an ceartuair. Tha mi trang, uamhasach trang.

Is i pròiseact ùr annasach a tha mi a' rèiteachadh cuide ris an Oll. Poppe an seo ann am Marburg, is mi chun tràchdas a sgrìobhadh mu dhèidhinn dreach Gàidhlig Sgeulachd Seachd Saoidhean na Ròimhe, no Historia Septem Sapientium mar a theireadh muinntir na Laidinne - agus gabhaibh mo lethsgeul a thaobh mo chuid Laidinne, is i cho mearachdach mìshiùbhlach. Ach gu fortanach, cha bhi feum agam air a' Laidinn ach air a' Ghàidhlig is air a' Bheurla a mhàin anns a' phròiseict seo. Ach tha duilgheadas againn fhathast, agus dh' fhaoidte gu bheil beachd agaibh air fuasgladh...ma gheibhear fuasgladh air idir: Tha sinn a' sìreadh co-stiùiriche aig a bheil Gàidhlig shiùbhlach agus fios air beul-aithris na Gàidhlig, is e ceangailte ri oilthigh.

Seadh, gu deimhinne, bhitheadh neach-labhairt dùthchasach na Gàidhlig dìreach àlainn. Ach tha mi air a bhith a sgrìobhadh chuig cha mhòr gach uile sgoilear na Gàidhlig thall ann an Albainn is ann an Èirinn a thachair mi ris ariamh, Uilleam Mac Gillìosa, Colm Ó Baoill, Liam Lillis Ó Laoire, Iain Seathach, Iain Mac Aonghais, Daithí Ó hÓgáin, Rìonach Uí Ógáin...agus cha b' urrainn do fhear sam bith aca dol an sàs air caochladh adhbharan, (dìth) slàinte is bàs chèile nam measg. Mu dheireadh thall, sgrìobh mi gu Raghnall Mac Gille-Dhuibh, agus ged nach eil e ceangailte ri oilthigh tuilleadh, tha e co-dhiù deiseil is deònach a bhith na chomhairliche saor-thoileach is mì-fhoirmeil air a' phròiseict. Cuideachd, tha e air airtigeal cudthromach a sgrìobhadh mun làimh-sgrìobhainn anns am faighear dreach Gàidhlig Sgeulachd nan Seachd Saoidh, is e air a chur chugam cheana. Ach fhathast, chan e seo am fuasgladh don duilgheadas, oir tha co-stiùiriche oifigeil a dhìth oirrn fhathast.

Agus mar sin, tha sinn ann an cearcall dubhailceach, oir cha ruig e leas iarrtas taic-airgid a chur chuig Urras Nic Caoig no Urras Chlann Dùghaill as aonais sgioba-stiùiridh comasaich agus iomlain, agus as aonais taice, cha mhair a' phròiseict. Mar sin, mhol Raghnall còir dhomh sgrìobhadh gu Coinneach Mac Nìll is Mìcheal Newton thall air Oilthigh Naoimh Fhraing Xavier. Sgrìobh mi chuig Coinneach còir cheana, ach cha d' fhuair mi freagairt fhathast. Tha mi chun sgrìobhadh gu Newton fhathast, ach ciod mur sgrìobh esan air ais a bharrachd, no mura tèid aig an dithist seo dol an sàs anns a' phròiseict seo idir ? Ciod a ghabhas a dhèanamh fhathast ?

Dh' fhaoidte gun gabhadh tu ùidh anns a' phròiseict seo, a Mhìcheil K., nan robh fios agad gur ann ann an Uidhist a Deas ann an sgìre Staoinebrig a chaidh dreach Gàidhlig eile den sgeulachd annasach a chlàradh o bheul duine mu 1860, is an dreach seo stèidhte air an làmh-sgrìobhainn a dh' ainmich mi cheana. Agus tha an làmh-sgrìobhainn seo ceangailte ri muinntir Mhic Mhuirich is Clann raghnaill...Mas miann leat tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn air seo, a Mhìcheil, nach leig thu fios dhomh - is cuiridh mi chugat e gun dàil !

Le meas,

Acsail Òg Koehler, an Gille Donn

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Sa Okt 03, 2009 9:15 am

Mar sin: Cuir thugam e gun dàil! :D


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Livia
Beiträge: 151
Registriert: Mo Feb 18, 2008 9:06 am
Wohnort: Dresden
Kontaktdaten:

Beitragvon Livia » Sa Okt 03, 2009 1:25 pm

Also, wenn ich dann mal SO Gälisch kann wie ihr, platze ich vor Stolz... :lol: Bleib ich bescheiden bei halb-halb... :lol:

Livia

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mo Okt 05, 2009 9:09 am

Für, die, die das Gälische hier nicht verstehen: Es geht darum, warum das Forum wieder mal seit Wochen tot ist. Dieses Mal bin allerdings nicht ich derjenige, der das Thema aufmacht.


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Livia
Beiträge: 151
Registriert: Mo Feb 18, 2008 9:06 am
Wohnort: Dresden
Kontaktdaten:

Beitragvon Livia » Mo Okt 05, 2009 11:59 am

Och nö... :( Ich geb mir so 'ne Mühe. Aber ich hab so wenig Zeit, es ist zum - weiß nicht, Mäuse melken vielleicht. Ich arbeite dran, wirklich!!!!!!!

Wo immer ihr Gälisch sprecht, singt, schreibt - ich bleib bei euch und ggf. werd ich euch finden.

Dezember in Bonn zum Beispiel. Oder in Schottland, wenn ich mal da bin. Oder bei Stòras Òran. Bloß nicht aufhören, bitte... :cry:

Livia

Isbeal
Beiträge: 986
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Mo Okt 05, 2009 12:38 pm

Ich glaube auch nicht, dass diese 'Ruhe' grundsätzlich Mangel an Interesse beweist. Es gibt nämlich viele Lerner, auch in den Kursen in Bonn, die nicht gern abends noch am Computer was machen, oder die durch Famile und Beruf wenig Zeit haben und Ihr Gälisch dann eher durch lesen und hören üben, statt ins Internet zu gehen. Foren sind halt nicht jedermanns Sache. :?

(Chan eil a h-uile duine coltach riumsa... 'S toil leam na fòraman! 8) )

Es gab auch das Sommerloch und es finden sich jetzt immer wieder ein paar mehr Leute , die sich im Winter eher was vornehmen.... :D


Mar sin, siuthadaibh!
:wink:
Also, macht weiter!

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mo Okt 05, 2009 3:47 pm

Chan eil e cho uabhasach sàmhach 's a bha e.

Es ist gar nicht so extrem still wie es zwischendurch mal war.

Tha daoine ann agus a' sgrìobhadh rudan beaga an-siud 's an-seo.

Es sind Leute da und sie schreiben auch hier und da Kleinigkeiten.

Cùmaibh oirbh! Weiter so! :)
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Sleite
Beiträge: 1683
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Mo Okt 05, 2009 9:41 pm

Tha mi an seo fhathast cuideachd. Bidh mi a' sgrìobhadh bho àm gu àm, ach tha rudan eile gam chumail trang cuideachd. Leirmheasan, aistean, eadar-theangachaidhean, deasachaidhean.... Ach bidh mi ann bho àm gu àm. 'S e dìreach nach fhaigh am foram seo an alleinherrschaft nam bheatha.

Sléite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mo Okt 05, 2009 10:23 pm

Deswegen hab ich nichts mehr gesagt. Denn die jetzt antworten, die sind ja die Stütze der ganzen Sache. Und die betrifft es ja eigentlich gar nicht.
Ich selber würde gerne mehr schreiben, wenn denn hier mehr ernsthafte Lerner auftauchen würden. Aber immer nur ##### und Fantasygedönse...

Cha chan mi guth gus nach can mi cus. :twisted:


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Di Okt 06, 2009 10:50 am

Uill, is toil leamsa Fantasygedönse ach chan e an t-àite ceart a th' ann seo don luchd den seòrsa :lol:
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Marcas
Beiträge: 9
Registriert: Do Nov 02, 2006 8:30 pm
Wohnort: Duesseldorf

Tha mi air ais

Beitragvon Marcas » Di Okt 06, 2009 9:04 pm

Tha mi air ais agus ag ionnsachadh Gàidhlig. Bha mi ag leughadh schottisch-gaelisch.de.

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mi Okt 07, 2009 8:50 am

Tha mi toilichte sin a leughadh.

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Sleite
Beiträge: 1683
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Mi Okt 07, 2009 9:56 pm

Thi....... Tachraidh mìorbhaill dhà-rìreabh (ma tha abairt nas fheàrr aig duine....) Tha Marcas air ais!

Ciamar a tha thu a' Mharcais? Ag ionnsachadh Gàidhlig a-rithist! Sin thu fhèin!

Wow! Es geschehen noch Wunder (bessere Vorschläge für den Ausdruck auf Gälisch sehr willkommen) Marcas ist wieder da!

Wie geht's dir Marcas? Du lernst wieder Gälisch! Sehr gut!

Slèite (ann an Slèite)
Cha dèan brògan tioram iasgach.


Zurück zu „Allgemeines“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast