Runrig-Konzert, Scone Palace, Perth, 29.08.08

Isbeal
Beiträge: 986
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Runrig-Konzert, Scone Palace, Perth, 29.08.08

Beitragvon Isbeal » Mo Sep 07, 2009 11:24 am

Bha mi air a bhith a' dèanamh fiughair ris a' chuirm-ciùil seo fad mhìosan, agus chan e briseadh-dùil a bh' ann idir. Bha an t-sìde grianach agus tioram, cha robh meanbh-cuileagan ann idir, agus bha caraidean an sin nach bi mi a' faicinn ro thric, agus mar sin bha ann sùnnd uabhasach math fiù 's mus do thòisich an cuirm-ciùl idir. :D

Ich hatte mich schon monatelang auf dieses Konzert gefreut und es war überhaupt keine Entäuschung. Das Wetter war sonnig und trocken, es gab gar keine midgies, und es waren Freunde dabei, die ich nicht zu oft sehe; somit war die Stimmung extrem gut auch bevor das Konzert überhaupt anfing.

Ro Runrig thàinig luchd-ciùil fìor mhath fhèin fad an fheasgair, bho 3f gu 8f: Fred Morrison (pìobair sònraichte), am Blair Douglas Band, Kathleen MacInnes (ban-seannadair Ghàidhlig le guth tlachdmhor ìosal), King Creosote (còmhlan-ciùil òg às an sgìre, nach do chòrd rium cus), agus na Peatbog Faeries.

Vor Runrig kamen wirklich sehr gute Musiker den ganzen nachmittag 15 - 20 Uhr : Fred Morrison (ein ganz besonderer Dudelsackspieler), die Blair Douglas Band, Gälische Sängerin Kathleen MacInnes (mit angenehm tiefer Stimme), King Creosote (junge Band aus der Gegend, die mir nicht zu gut gefallen haben), und die Peatbog Faeries.

Runrig fhèin: fiù 's as dèidh a h-uile bliadna a tha iad ann, 's urrainn dhaibh gaoir a chur air an luchd-èisteachd fhathast . Am bliadhna bha e gu h-àraidh druidhteach oir bha an cluicheadair-giotàr Malcolm Jones ann a-rithist, as dèidh opairèisean-chridhe làidir dà mhìos air ais. 'S e cnaimh-droma-ciùl den chòmhlan a th' ann am Malcolm, agus duine gasta, màlda is measail cuideachd, agus fad nam mìosan seo chaidh bha sinn uile, còmhlan-ciùl agus luchd-leantainn, a' criothnachadh le iomagain.

Mar sin bha fàilte fìor làidir agus chridheil a bh' aige nuair a nochd e, agus chluich e cho math 's a bha e air cluiche riamh, 's dòcha mar dhearbhadh dha fhèin, dha na companaich aige is dhuinne gun robh e 150% comasach a-rithist.
:lol:

Runrig: auch nach den vielen Jahren, die es sie gibt, können sie das Publikum immer noch elektrizieren. Dieses Jahr war es besonders bewegend, da der Gitarrist Malcolm Jones wieder nach einer schweren Herzoperation vor ein paar Monaten dabei war. Malcolm ist der musikalische Rückgrat der Band, und auch ein sympathischer, bescheidener, beliebter Mensch, und wir haben alle - Band und Fans - während der letzten Monaten vor Besorgnis gezittert.

Damit wurde er begeistert und von vollen Herzen begrüsst als er erschien, und er spielte so gut, wie er es je getan hat, vielleicht als Beweis an sich selbst, seine Kollegen und uns, dass er wieder 150% spielfähig war.


Bha measgachadh òran ann, sean agus ùr, le fòcas air a' chuspair 'Year of Homecoming'. Mar sin bha òrain mar The Cutter, Rocket to the Moon, Alba agus The Mighty Atlantic ann a-rithist (fear mu dheireadh air a ghabhail le Bruce air leth math - chan e an cuid aig Donnie a-mhàin tuilleadh ), agus am measg bha òrain agus earrannan Gàidhlig ann cuideachd tha fhios - ged nach urrainn a bhith òrain Ghàidhlig gu leòr dhomhsa ann... ach bha Kathleen MacInnes ann roimhe cuideachd, mar sin bha mi riaraichte gu leòr mu dheireadh thall...

As dèidh dà uair a thìde uabhasach laidir bha e seachad agus thòisich an t-slighe fada dhan taigh-òsta. Ach b' fhiach sin! Tha mi an dòchas a-nis gum bi leithid de chothrom dhuinn an ath-bhliadhna a-rithist. :D

Dealbhan an-sin
/ Bilder hier:

http://flickr.com/gp/drochisean/2hQF89

Es gab eine Mischung aus alten und neuen Liedern, mit dem Schwerpunkt auf 'Year of Homecoming', sa dass es Lieder gab wie The Cutter, Rocket to the Moon, Alba und The Mighty Atlantic, letzteres exzellent von Bruce gebracht (es ist kein 'nur-Donnie-Lied' mehr). Es waren natürlich darunter auch gälische Lieder und Passagen, obwohl für mich können nie genug gälische Lieder dabei sein - aber wir hatten vorher Kathleen MacInnes, so dass ich letztendlich zufrieden genug war...
Nach zwei beeindruckenden Stunden war es vorbei und der lange Fussweg zum Hotel fing an - aber es war es wert. Ich hoffe jetzt, das wir eine ähnliche Chance im nächsten Jahr bekommen!

Zurück zu „Allgemeines“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 2 Gäste