Seite 1 von 1

Ruig sinn an àite ùr!

Verfasst: Sa Apr 26, 2008 8:20 pm
von NoClockThing
Mu dheireadh thall! :D

Mise, tha leann-ubhail mòr aig an taigh-seinnse Albannach a' feitheamh rium a-nis o chionn 's gu theab mi fàs dall 's mise a' coimhead ris a' choimpiutair fad an latha.

Chì mi a-màireach sibh!

So, geschafft!

Jetzt ab in den schottischen Pub auf einen Cider... soll bei Bildschirmblindheit helfen :P

Bis morgen!

Verfasst: Sa Apr 26, 2008 8:27 pm
von NoClockThing
P.S. Die Posts, die während des Umzugs dazukamen habe ich als Zitat hier eingefügt, also nicht wundern ;)

Ciod an leann-ubhail a bhios tu a' gabhail ?

Verfasst: Fr Mai 30, 2008 11:38 pm
von An Gille Donn
'NCT chòir,

ciod an seòrsa leann-ubhail a bhios tusa a' gabhail gu h-àbhaisteach ? An e Magners ? Sin an seòrsa a bhitheadh mo shean-leannan a' gabhail, co-dhiù...

no an e Bulmers ? Deagh-stuth Èireannach a th'anns an dà sheòrs' - ach cha ghabhainns' fhèin e, ge tà.

Wenn schon Apfelwein, dann hessischen Äppler, süss gespritzt - man ist schliesslich irgendwo noch Hesse, ged a chaidh mo Ghàidhealachadh gu tur... :wink:

...agus is e leann dubh an deoch as fheàrr leam, leann dubh Mhic Aonghuis à BÁC no leann dubh mhuinntir Uí Murchadha à Corcaigh...uill, tha leann Mhic Cathbharra (Caffrey's) ceart gu leòr, cuideachd, ach is e leann donn a th' ann. :P

Ciamar a tha an taigh-seinnse Albannach ann an HH, co-dhiù ? B' àbhaist dhomh a' dol gu taigh-seinnse Èireannach thall ann an Giessen, agus chan e dìreach theme-pub a th' ann, ach bha e cho Èireannach mar bu chòir fad bliadhnaichean, fhad 's a bha Siobhán à Conamara os a chionn. Ach on a dh' fhalbh i - uill, b' fheàrr leam a bhith sàmhach... :roll: mo nàire, mo nàire, chan eil e dìreach dona, ach chan eil ann na b' àbhaist a bhith ann !
Nach till thu, a Shiobháin, nach till thu ?

Nach bhfillfidh tú, a Shiobháin, nach bhfillfidh tú ? B' shin an peaca mura bhfillfeá, a chailín álainn as Ros Muc...

Co-dhiù, fiù anns na làithean a b' fheàrr, cha bhiodh e cho math ris an Chistín anns a' Cheathramh Ruadh, is "Johnny na gConnollys" r' a chuid ciùil...

Tùdalù an ceartuair, agus oidhche mhath ma tha...ma tha...ma tha (mar a theireadh balaich Bhatarsaigh) :lol:

Acsail Òg

Re: Ciod an leann-ubhail a bhios tu a' gabhail ?

Verfasst: Sa Mai 31, 2008 4:13 pm
von NoClockThing
An Gille Donn hat geschrieben:Ciamar a tha an taigh-seinnse Albannach ann an HH, co-dhiù ?

Tha e duinnte :(

'S e Strongbows a bh' aca.

Taigh-seinnse Albannach ann an HH

Verfasst: Mo Jun 02, 2008 12:25 am
von An Gille Donn
NCT bochd,

tha mi duilich sin a chluinntinn - a bheil e dùinte gu tur ? An ann gu bràth ?

Uill, tha mi làn dòchais nach bi sin an dàn do thaigh-seinnse Èireannach Ghiessen, is e sin fhathast an t-àite as fheàrr a choinneachadh rim' chuid sean-chàirdean nuair a bhios mi "aig an taigh"...uill, aig an taigh A an àite aig an taigh B (Alba, Obar Dheathain etc.).

Ach cha tig e an uisge na stiùireach do Lampaidh Gorm Shanndaidh Mhic Gille-Dhuinn an seo 'ann am Baile nam Fear-Chlis :wink:

Oidhche mhath leat ma tha - ma tha - ma tha - ma thaaaaaaaaa.... :) Daingeadaidh ! Cà' deach an solas ? Cuidichibh miii ! :lol:

Acsail Òg

Verfasst: Mo Jun 02, 2008 8:47 am
von NoClockThing
Chaidh e air falbh gu bràth. Chaill iad tòrr de airgead. Dh' imrich iad a Chuimrigh far an d' fhuair iad obair.

Taigh-seinnse Albannach HH

Verfasst: Di Jun 03, 2008 12:07 pm
von An Gille Donn
NCT chòir,

is truagh sin. Tha bana-charaid dhomh dìreach air gluasad gu Blanganais (seo a' Ghàidhlig cheart air 'Blankenese', theirinns'), is i a cheart chomh measail air Alba is a tha mi fhèin. Tha flat aice ann an Creag an t-Sionnaich ann an Dùn Èideann.

Dh' fhaoidte gur aithne dhuit i - wenn Du Krimis liest, ganz bestimmt: Is ise Henrike Heiland, agus tha aithne agam oirre troimh ar làithean air Oilthigh Ghiessen far an robh mi mus do thòisich mi air Eòlas na Gàidhlig a rannsachadh ann an Èirinn is ann an Albainn.

Tha i càirdeach, saoilidh mi, ri Hasso Carsten Heiland ann am Bonn, is an dithist aca à Solms/Lahn o thùs. Bha an dithist aca eòlach air a chèile, cuideachd. Co-dhiù, is esan an duine a thug dhomh misneachd Roinn na Beurla Oilthigh Ghiessen fhàgail, far nach robh mi cho toilichte co-dhiù, agus Eòlas na Gàidhlig a thogail - rud a bha mi air thogail cheana, ach chan ann gu h-oifigeil, is mi dìreach air Gaeilge a thogail aig an àm ud. As dèidh Carsten (mar a b' aithne dhomh e) Eòlas na Ceiltis a thogail, ghabh mi 'n Zwischenprüfung, shoirbhich leam...agus dh' fhàg mi Giessen airson Obar Dheathain is saoghal na Gàidhlig. Agus - non, je ne regrette rien, chan eil mi duilich idir...ged a tha mi fhathast gun chosnadh. Ach sin sgeul eile.

Seo mo sgeuls', agus mas breug uam e, is breug ugam e :wink:

Acsail Òg

Verfasst: Di Jun 03, 2008 7:08 pm
von NoClockThing
Chan aithne dhomh oirre.

Verfasst: Di Jun 03, 2008 7:13 pm
von Micheal
NoClockThing hat geschrieben:Chan aithne dhomh oirre.


ceartachadh:

Chan aithne dhomh i.




M.

Verfasst: Mi Jun 04, 2008 11:13 am
von NoClockThing
Tapadh leat :D

Chuir mi nam chuimhne gu cèarr e :roll: