Digitaler gälischer Fernsehkanal

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mo Jan 28, 2008 2:25 pm

'S e saoghal a th' anns gach cànan

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mo Jan 28, 2008 6:06 pm

agus sin e sa Ghàidhlig:

Fios-naidheachd

SEIRBHEIS NAM MEADHANAN GÀIDHLIG AGUS BBC ALBA A' CUR FÀILTE AIR CEAD-
CRAOLAIDH AIRSON NA SEIRBHEIS DIDSEATAICH GÀIDHLIG

Cleachd sa bhad

Tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig agus BBC Alba air fàilte a chur
air co-dhùnadh Urras a' BhBC aontachadh ri molaidhean airson na
Seirbheis Didseataich Gàidhlig.

Bidh Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig agus BBC Alba a-nis a'
tòiseachadh air na planaichean aca a thoirt gu buil son an t-
seirbheis ùr a chur air bhonn. Bidh Bòrd Sheirbheis nam Meadhanan
Gàidhlig a' coinneachadh a-màireach (29 Faoilleach) airson
beachdachadh air na cùmhnantan co-cheangailte ri co-dhùnadh an
Urrais.

Thuirt Niall Friseal, Cathraiche Sheirbheis nam Meadhanan
Gàidhlig: "Tha sinn a' cur fàilte air co-dhùnadh an Urrais. Is e ceum
cudromach a th' ann airson craoladh Gàidhlig agus is urrainn dhuinn a-
nis cumail oirnn le bhith ag ullachadh, ann an co-bhanntachd leis a'
BhBC, airson seirbheis telebhisein Ghàidhlig ùir a chruthachadh
airson muinntir na h-Alba."

Thuirt Coinneach MacGuaire, Àrd-stiùiriche BBC Alba: Tha sinn air
leth toilichte gu bheil an t-Urras air cead-craolaidh a thoirt
seachad airson na seirbheis ùir. Tha BBC Alba a' coimhead le fiughair
ri bhith ag obair ann an co-bhanntachd le Seirbheis nam Meadhanan
Gàidhlig son an t-seirbheis ùr seo a libhrigeadh. Tron t-Seirbheis
Dhidseataich Ghàidhlig gheibh luchd na Gàidhlig, luchd-ionnsachaidh
agus a h-uile duine aig a bheil ùidh sa chànain raon farsaing de
phrògraman agus stuthan eile. Bidh na prògraman air an t-seirbheis
ùir tarraingeach do dhaoine aig nach eil Gàidhlig, do luchd-
ionnsachaidh agus do dhaoine nach eil a' coimhead phrògraman Gàidhlig
aig an àm seo."

Crìoch

28 Faoilleach 2008
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mo Jan 28, 2008 10:36 pm

Mu dheireadh thall! Deasbad uabhasach agus fada a bha ann.
Tha cùisean fada nas fheàrr aig mòr-chuid nam mìon-chànan eile, m.e. anns a' Chuimrigh, leis na Sámi, no leis na Basgaich.
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Beitragvon An Gille Donn » Mi Feb 27, 2008 2:24 pm

A Chàirdean,

cha chreid mi e gus am faic mi e - is sinne ro-chleachdte air geallaidhean luchd-poileataics a thaobh cùisean Gàidhlig. Cha bhi mi nam fhòis gus am faic mi 'n latha air am bi an seanal ùr didseatach ri fhaighinn air an teilidh.
Co-dhiù, tha mi an dùil is an dòchas gum bi mi 'an Albainn fhathast an uairsin.

Le meas,

An Gille Donn

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Do Feb 28, 2008 10:48 am

Uill, rinn iad an co-dhùnadh agus tha mise dòchasach.

Co-dhiù, chan eil BBC iPlayer ri faighinn taobh a-muigh Bhreatainn mu thràth. Sgrìobh mi post-d dhan phrògram Eòrpa agus thuirt iadsan gur e license fee issue a th' ann. Chan eil fios aca fhèin ma bhios rudeigin a' tachairt le BBC Worldwide. Bha iad glè chàirdeil co-dhiù agus cuiridh iad DVD thugam :D

'S e an aon rud a thachair leis na stèiseanan prìobhaideach - chan eil cead aca airson craobh-sgaoileadh taobh a-muigh Bhreatainn nas motha. Tha gu leòr dhaibh iarraidh, ach chan fhaod iad :x
'S e saoghal a th' anns gach cànan

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Beitragvon An Gille Donn » Do Feb 28, 2008 1:36 pm

O uill, an ann mar sin a tha cùisean ? Chan eil ann ach dà cheum air adhart agus ceum air ais - dìreach an rud ris an abradh Echternacher Springprozession anns a' Ghearmailtis, agus tha mi duilich nach d' fhuair mi a leithid de dh' abairt sa Ghàidhlig fhathast, is e cho freagarrach do dh' iomadh rud a tha a' tachairt a thaobh na Gàidhlig. Tha mi duilich, cuideachd, a bhith cho searbhasach, ach bha fhios agam gun robh cnap(an)-starra am falach fhathast an àite air chòireigin - agus nach iomadh cnap-starra falaichte a chunna mi ri mo làithean ann an saoghal na Gàidhlig cheana.
Eisimpleir eile: Bha duine òg as aithne dhomh a' sgrìobhadh tràchdais air litreachas Gàidhlig ann an leabharlannan na h-Albann o chionn goirid, agus dh' ionnsaich e nach eil mòran dheth ri fhaighinn fiù ann an leabharlannan anns a' Ghàidhealtachd. Mhothaich e gun robh fiù na nobhailean ùra foillsichte le Ùr-Sgeul a dhìth mar a bu trice, agus cha chuala sgiobaidhean nan leabharlannan fiù gum faighear litreachas-èisdeachd anns a' Ghàidhlig, is e stèithte air an litreachas ùr seo (no air an leabhar ainmeil le Dòmhnall Iain Dhunnchaidh, bàrd Pheighinn an Aoireann, 'Fo Sgàil a' Swastika') - cha robh CÀIL a dh' fhios aca anns an Oban, no ann an leabharlannan Chomhairle na Gàidhealtachd, bha iad gu tur aineolach mu litreachas ùr sa Ghàidhlig ! :x :( Fada na's miosa na sin, dhiùlt iad ceisteachan-rannsachaidh an duine ud a chur dan cuid leabharlannan thall ann an Gallaibh - air adhbhar "nach faighteadh mòran litreachais Gàidhlig ann an Gallaibh co-dhiù, a chionn 's nach robh a' Ghàidhlig ariamh ga bruidhinn ann an Gallaibh agus nach toigh le muinntir Ghallaibh a' Ghàidhlig idir, idir..." RUD A THA GU TUR CEÀRR, a chionn's gun robh a' Ghàidhlig ga bruidhinn ann an cuid de Ghallaibh, mar a chithear a rèir ainmean-àite, agus gum faighear daoine ann an Gallaibh gus an latha an diugh aig a bheil ùidh anns a' Ghàidhlig ! Nuair a thug mo charaid còir iomradh air sin 'na thràchdas, cho math ri dìth leabhraichean Gàidhlig ann an leabharlannan Obar Dheathain ainmeachadh, agus naimhdeas muinntir Obar Dheathain an aghaidh na Gàidhlig anns an fharsainneachd, nach ann a bha a luchd-stiùiridh - aig nach robh Gàidhlig, no tuigse don Ghàidhlig idir - a' gearain gun robh e a' cur sìos air Beurla Ghallda Gallaibh is Sìorrachd Obar Dheathain ! Agus dhiùlt leabharlann Pheairt is leabharlann Shruighlea fiù pàirt a ghabhail na phròiseact-rannsachaidh !! Dè tha sin ag innse dhuinn mu bheachdan luchd-leabharlann Albannach mu dhèidhinn na Gàidhlig anns an fharsainneachd, fiù ma tha buintealas aig cuid dhiubh ris a' Ghàidhealtachd (mar a bha aig fear de na stiùirichean a bhuineadh ris an Ratharsair air taobh a mhàthar) ? Nach e seo deagh-eisimpleir den 'Chrùbadh Albannach' no 'Nàire Albannach' ? Agus is e seo an aon seòrsa daoine a bhios a' gearain mu Ghàidhlig air an teilidh ! Mo chreach, mo chreach, is chan e seo an aon eisimpleir, gu mì-fhortanach...

Le meas,

An Gille Donn


Zurück zu „Allgemeines“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast