Dè bhios sibh a' leughadh?

Sleite
Beiträge: 1721
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Dè bhios sibh a' leughadh?

Beitragvon Sleite » Di Jun 10, 2014 5:12 pm

A-nis is a tha an teirm oilthighe seachad, bidh mi a' leughadh barrachd a-rithist. Dè na leabhraichean a leugh sibhse am-bliadhna?

Leugh mi na trì leabhraichean aig Peter May a tha suidhichte ann an Leòdhas. Chòrd iad rium gu mòr, agus leugh mi iad gu math luath. 'S e sgeulachdan muirt a th' annta uile, ach chan eil iad ro bhrùideil,oir cha toil leam sin idir. 'S e Fin MacLeòid an neach a nì sgrùdadh air na muirtean, ged nach e poileas ceart a th' ann. 'S ann à Leodhas a tha e bho thùs, ach cha do dh'fhuirich e an sin fad ùine fhada, ach an uair sin tha gnothaichean ga tharraing air ais dhan eilean. Sa chiad leabhar, The Blackhouse, gheibhear deagh aithris air na thachras gach bliadhna nuair a thèid fir Leòdhais dhan Sgeir airson sealg a' ghuga. San dàrna leabhar, Lewis Man gheibhear tòrr fiosrachadh cultarail mu chloinn gun phàrantan a chaidh a chur dha na h-Eileanan Siar airson beatha ùr a thòiseachadh, agus mu phàtranan sònraichte nan geansaidhean Èirisgeigh. Tha an treas leabhar Chessmen car annasach agus gheibhear tòrr fiosrachaidh mu na fir-thàileisg Lochlannach agus mu tubaist na h-Iolaire a tha ainmeil ann an Leòdhas. 'S e as toil leam mu na leabhraichean sin gum faighear tòrr fiosrachaidh eachdraidheil agus cultarail a bharrachd air fuasgladh a' mhuirt, agus tha sgeulachd phearsanta Fhionnlaigh MhicLeòid a' leasachadh tro na trì leabhraichean.

Mholainn na leabhraichean gu mòr, agus ged nach do leugh mi fhìn iad san òrdugh cheart, mholainn sin a dhèanamh.

Leugh mi leabhar eile le Peter May, Extraordinary People, a tha a' cluich ann am Paris. Bha sin glè mhath cuideachd, ach cha robh e buileach cho math ris an t-sreath Leòdhasach.

Dè na leabhraichean a tha sibhse air leughadh? Am moladh sibh leabhraichean sam bith?

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Regine
Beiträge: 87
Registriert: Mo Jun 04, 2012 3:10 pm
Wohnort: Dreieich

Re: Dè bhios sibh a' leughadh?

Beitragvon Regine » Fr Jun 19, 2015 8:05 pm

Sgoinneil! Leugh mi na trilogy cuideachd agus chòrd iad gu mòr rium!

'S e seo a leugh mi an-uirridh:


Ìmpireachd
le Iain F. MacLeòid

'S e seo an leabhar as fheàrr leam fhathast, ged a leugh mi iomad sgeul eile bhon a seo.

'S e sgeul mu athair agus a mhac a th' ann, a' comhradh bhon an seallaidhean eadar-dhealaichte. Toisichidh e bhon sealladh athair, tha e a bruidhinn mun cò-dhùnadh doirbh a rinn e bliadhnaichean air ais.

Dh'fhàg e a theaghlach, a dhachaigh, obair, a h-uile càil air a chùlaibh nuair a bha e deich air fhichard bliadhnaichean a dh'aois. Thuirt e na rinn e bhon ùair sin, nuair a ràinig e thall thairis. Mun fhaireachdainnean a bha air nuair a chòisich e tron sràidean eadar na togalaichean àrda airson a' chiad turas. Dè a rinn e a bheòshlaint a dhèanamh anns an saoghal ùr anns a' bheatha ùr aige fhèin. Bha bogsa ruadh beag aige agus thòisich e ceòl a sheinn. Fhuair e obair an dè obair gus an robh cothrom aige an gnothach aige fhèin a thòiseachadh. Dh'fhàs e beartach agus thachair e ri boireannach leis an robh e a' tuiteam ann an gaol. Phòs e i ged an robh bean eile aige fhàthast, ach cha robh e an aon neach a bha e fada air falbh. Dh'fhairich e cionta gach turas a smaoinich e air a theaghlach, a bhean eile a dh'fhàg e ach bha e cinnteach nach toireadh i air ais e cò-dhiù. Bha mac eile aige. Bha e air a shunnd agus rinn e a chùis. Gus an do chaochail a bhean, agus chaill e a mhac anns an dà thùr a thuit ann an New York. Bhris sin a chridhe.

Gu ruige seo chan eil fhios aig an neach-leughadh, carson a dh'fhàg e an t-èilean agus a theaghlach air a chùl. Stad e Gàidhlig a bhruidhinn bhon ùair sin cuideachd. 'S e sin a tha an dàrna phàirt dhen sgeul a' tòiseachadh, sgeul aon dhen dà mhic a dh'fhàg e. Tha e a' bruidhinn mu dheidhinn a thachair leotha, carson a dh'fhàs e a bhith an neach a tha e an-diugh: fear a tha ag obair anns an companaidh shòisealta, a' toirt cuideachadh is taic dha na dhaoine a thèich bhon Dhùthcha le rioghaltas cruaidh. 'S ann gun do thachair e le Mariam tron obair aige, boireannach às an Iran. 'S e neach-naidheachd a bha i, ach bha feum aice ri a dùthaich fàgail. Thuit iad ann an gaol le chèile agus chuir iad seachad làithean anns an èilean far an robh e a' fàs suas.

Dìochuimhnich mi dè thachair ach thòisich e athair a lorg. Chan eil mi cinnteach ach 's mathaid gun d' fhuair e litir bhon athair nuair a thadhal e an seann taigh aige còmhla ri Mariam.

Chaidh e athair a lorg agus fhuair e e. Thuirt e an sgeul a bheatha ris am mac aige, agus 's e sin am biodh fios againne na thachair gu fìrinneachd, carson a dh'fhàg e a h-uile càil. 'S e rud neònach a th' ann, ach bhruidhinn athair anns a Ghàidhlig ged a thuirt e ris a mhac nach eil e comasach leis fhathast, gun do stad e Gàidhlig a bhruidhinn ann an diog nuair a ruig e Amearagaidh.

'S e sgeul tàrraingeach, truagh agus domhain a th' ann. Làn dhen faireachdainnean agus beachdan agus deagh Gàidhlig. Is toil leam gu mòr e agus mholainn an leabhar seo gu tur.

Regine
Tha e math a bhith beò!

Isbeal
Beiträge: 1013
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Dè bhios sibh a' leughadh?

Beitragvon Isbeal » So Feb 21, 2016 2:35 am

Leugh mi an leabhar ùr le Mìcheal: An Uinneag don Iar
Faodaidh mi a mholadh gu mòr. :D

'S e nobhail ghoirid do dhaoine òga, no luchd-ionnsachaidh, a th' ann, san t-sreath 'Lasag' aig Sandstone Press, agus mar sin tha e gu math tarraingeach agus inntinneach ri leughadh. Tha ceist chudromach ann nach tèid freagairt ro dheireadh an leabhair. Tha e fìor mhath gum bi daoine òga ann an dùthchannan eile a' faighinn a-mach ciamar a bha agus a tha e sa Ghearmailt aig àm agus as dèidh leagail a' Bhalla. Eachdraidh chudromach Eòrpach againn uile.

http://www.amazon.de/Uinneag-Don-Iar-Mi ... 1910124869

Ri fhaighinn bho Mhìcheal fhèin ann am Bonn no air loidhne.

Sleite
Beiträge: 1721
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Dè bhios sibh a' leughadh?

Beitragvon Sleite » Di Mär 08, 2016 6:50 pm

Tha mi dìreach air crìoch a chur air leabhar iongantach. 'S e Mutant Message Down Under an t-ainm a th' air, agus tha e mu dheidhinn boireannach Amaireaganach a tha a' falbh (an toiseach an aghaidh a toil) còmhla ri tùsanaich Astràilianach air cois tron fhàsach fad trì mìosan. Tha i ag innse mun dòigh-beatha agus an dòigh smaoineachaidh aca agus tha an dòigh-smaoineachaidh aice fhèin ag atharrachadh gu mòr rè na cuairt. Tha mi a' smaoineachadh gur e sgeulachd fhìrinneach a th' ann, ach cha robh sin buileach soilleir dhomh.
'S ann ann am Beurla a bha an leabhar.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Sleite
Beiträge: 1721
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Dè bhios sibh a' leughadh?

Beitragvon Sleite » Do Jan 04, 2018 2:14 pm

Cha robh mi a' leughadh fad greis oir cha robh leabhar tarraingeach agam, ach thòisich mi a-rithist leis an leabhar Coffin Road le Peter May. Tha e a' tòiseachadh le fear a tha a' dùsgadh bog fliuch air tràigh anns na Hearadh agus chan eil cuimhn' aige idir cò e. Beag air bheag gheibh e a-mach cò na daoine timcheall air agus cò e agus dè tha e air a bhith a' dèanamh. Cha chan mi cus an-dràsta mus mill mi e dhuibh, ach mholainn an leabhar gu mòr. Tha e uile mu dheidhinn seilleanan agus ceistean àrainneachdail mòra.

Thòisich mi an uair sin air leabhar a fhuair mi bho mo mhàthair. 'S e Die Geschichte der Bienen a th' air, air a sgrìobhadh le Maja Lunde à Nirribhigh. Chen e eachdraidh a th' ann ach 3 sgeulachdan aig diofar amannan den t-saoghal, ach uile a' dèiligeadh ri seilleanan. Chan eil e buileach cho tarraingeach is a tha an leabhar aig May, gu sònraichte leis gu bheil e uabhasach eagalach agus dubhach airson an ama ri teachd againn.

An d' fhuair sibhse leabhraichean ùra airson na Nollaige?

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.


Zurück zu „ceòl-bàrdachd-leabhraichean“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast