2013

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

2013

Beitragvon Micheal » Di Jan 01, 2013 3:10 pm

2013

nas miann leam

gun cluinnear barrachd Gàidhlig
gum faicear barrachd Gàidhlig
gun sgrìobhar barrachd Gàidhlig

gun tuig an luchd-teagaisg:
gu bheil an ginideach cudthromach
gu bheil an tàthan susbainteach
gu bheil an diofar eadar ceart agus ceàrr riatanach
gu bheil alt aig na mìosan
gun till á agus é agus an cuid charaidean
agus nach e eadar-theangachadh bhon Bheurla a tha anns a’ Ghàidhlig

gun tuig an luchd-ionnsachaidh:
gu bheil an ginideach cudthromach
gu bheil an tàthan susbainteach
gu bheil an diofar eadar ceart agus ceàrr riatanach
gu bheil alt aig na mìosan
gun till á agus é agus an cuid charaidean
agus nach e eadar-theangachadh bhon Bheurla a tha anns a’ Ghàidhlig

gun cluinnear barrachd mór agus ùr na moah agus uah
gun cluinnear barrachd loch na lock
gun cluinnear barrachd mar sin na so

gu bheil diofar ann eadar thu agus sibh, gu h-àirid anns an aon rosgrann
gu bheil diofar ann eadar taigh-beag is taigh beag
gu bheil barrachd na aon dòigh ann airson rudan a ràdh


gun tuig muinntir na biùrocrasaidh nach iadsan as cudthromaiche
gum faighear barrachd foghlaim an àite treanaidh
gun cluinnear barrachd fìrinne na propaganda
gun tuigear nach e maoineachadh am fuasgladh do gach gnothach.
agus gum feumar smaoineachadh ann an structaran maireannach
agus nach fhaodar smaoineachadh ann am pròiseactan a-mhàin
agus nach e togalaichean is goireasan as cudthromaiche
ach boireannaich is fireannaich a ghiùlaineas a’ Ghàidhlig bho ghinealach gu ginealach

gun téid barrachd leabhraichean Gàidhlig a sgrìobhadh
gun téid barrachd leabhraichean Gàidhlig fhoillseachadh
gun téid barrachd leabhraichean ath-fhoillseachadh
gun téid barrachd leabhraichean Gàidhlig a leughadh
gun téid litreachas na Gàidhlig a ghràdhachadh
agus gum mol na leughadairean na sgrìobhaidearan
agus gum mol na sgrìobhaidearan na leughadairean
agus nach eil GOC nas cudthromaiche na bòidhchead
agus gun till Gairm neo Gath

nach bi eagal air daoine an cuid Gàidhlig a chleachdadh
nach bi eagal air daoine faclan ùra a chruthachadh
nach bi eagal air daoine Beurlachas a sheachnadh
nach bi eagal air daoine ma tha an cuid Gàidhlig làn mhearachdan
nach bi eagal air daoine ma théid an cuid Gàidhlig a cheartachadh
ach gum bi iad toilichte gu bheil cothrom aca rudan ùra ionnsachadh

agus gum bi:
bliadhna annasach
bliadhna bhrèagha
bliadhna cheòlmhor
bliadhna dhrùiteach
bliadhna èibhinn
bliadhna fheumail,
bliadhna Ghàidhealach
bliadhna inntinneach,
bliadhna litreachail,
bliadhna mhath
bliadhna nàdarrach
bliadhna onarach
bliadhna phroifeiseanta
bliadhna rìomhach
bliadhna shealbhach
bliadhna theth
bliadhna ùr ...............................agaibh uile

agus nach do rinn mi fhín mearachd an-seo gus nach téid mo bhualadh
agus nach fhàs uisge-beatha nas daoire an ath-bhliadhna

Mìcheal Klevenhaus
Bonn, 31 an Dùbhlachd 2012
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Re: 2013

Beitragvon An Gille Donn » Do Jan 03, 2013 8:24 pm

A Mhìcheil chòir,

tha mi ag aontachadh air fad rid‘ chuid bàrdachd Oidhche Challainn, is mi làn dòchais gun còrd an nì ruibh uile a tha mise a’ cur r’ ur cuid beannachdan na bliadhna ùire: is e seo a’ chiad dreach Gàidhlig air an dealbh-cluich ainmeil is èibhinn a gheibhear on Ghearmailt gu Astràilia gach uile bliadhna air an teilebhisean air Oidhche Challainn, is e ag innse mun 80mh co-latha breith aig a’ Mh. Sòfaidh...

Bild

Chaidh a chur ri chèile anns na 1920an le Sasannach dom b’ ainm Labhraidh Mac an t-Sionnaich (Laurie Wylie), ach cha b’ e siud ach ainm an àrd-urlair...agus ann an 1963, chaidh a chraoladh ‘sa Ghearmailt airson a’ chiad turais riamh. Mar sin, bu chòir do luchd-leanmhainn an deilbh-cluich seo an 50mh fèill-bhliadhna dheth a chomharradh. Co-dhiù, ma tha ùidh agaibh, nach cuir sinn air an àrd-urlar e ann am Bonn, ann an Hofheim is fiù ann an Giessen? Chaidh a chluich fiù ann an Dùn Èideann anns an Lùnasdail 2010, ged ‘s ann ‘sa Bheurla a bha siud....co-dhiù, tha ‘m fonn agam a tha ceangailte ris, is e air a chumadh ‘sna 1920an, cuideachd: Charmaine.

Bliadhna mhath ùr dhuibh uile,

Acsail Òg

P.S.: Bu mhian leam an teacsa Gàidhlig air Dinnear do dh' Aon a chur ris an teachdaireachd seo dhuibhse, ach cha ghabh a dhèanamh - is e PDF a th' ann...tha mi duilich.

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Re: 2013

Beitragvon Micheal » Fr Jan 04, 2013 9:39 pm

Cuir am pdf thugam thugam ann am post-dealain mas e do thoil e.


Tapadh leat

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************


Zurück zu „ceòl-bàrdachd-leabhraichean“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast