Leabhar ùr mu shaighdearan Gàidhealach ann an Hesse 1759-62

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Leabhar ùr mu shaighdearan Gàidhealach ann an Hesse 1759-62

Beitragvon An Gille Donn » Sa Sep 08, 2012 2:06 am

A Chàirdean chòir,

ta-dà ! ta-dà ! (sgal trombaide) - nach èisd sibh rim' chuid naidheachd: tha mo leabhar ùr, From Breadalbane to Brucker Muhl: Scottish Soldiers in Hesse 1759-62, air nochdadh mu dheireadh thall fo bhratach Thaigh Lochair ann an Eilean Cholbhasa, is troimh Fhoillseachaidhean Chrìsdein MhicLuthais ann am Moers...(seadh, Christian Ludwig Verlag). Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh an siud anns a' Ghàidhlig, 'sa Ghearmailtis agus 'sa Bheurla - àidh, mu na cosgaisean cuideachd.

Agus on a rinn mi iomradh air Foillseachaidhean Christian Ludwig, mholainns' dhuibh grèim fhaighinn air an àireamh as ùire den Irland Journal, 3.12, anns am faighear aiste ceangailte ris a' leabhar seo, is mi a' toirt sùl air na ceanglan eadar an 88mh Rèisimeid Ghàidhealach (no Rmd. Caimbeulach Dhùn Omhainn), Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir (1724-1812) agus Murt na h-Apainne (14 An Ceitean 1752)...

Oidhche mhath ma tha, mar a sheinneadh Balaich Bhatarsaigh... :) :spors: ,

Acsail Òg

Isbeal
Beiträge: 1030
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Leabhar ùr mu shaighdearan Gàidhealach ann an Hesse 1759

Beitragvon Isbeal » Mo Sep 10, 2012 8:06 pm

Bha thu trang gu dearbh, ille, agus tha mi an dòchas gum bi tòrr luchd-leughaidh agad a gheibh buannachd às an obair agad, aig a bheil ùidh ann an eachdraidh Albannach-Ghearmailteach, no eachdraidh chogail, no eachdraidh ionadail.

Gur math a thèid leat leis. :D

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Re: Leabhar ùr mu shaighdearan Gàidhealach ann an Hesse 1759

Beitragvon An Gille Donn » Mo Okt 01, 2012 12:22 pm

A Chàirdean chòir,

tha e mu sheachdain air ais a nise on a chaidh mo leabhar ùr a sheòladh, no thoirt am beulaibh an t-sluaigh gu h-oifigeil. Agus gheibh sibh dealbhan is bhideothan den latha mòr seo ann an trì chànan mo chuid làrach-lìn: https://sites.google.com/site/acsailognanronathluchdaichte/saighdearan-gaidhealach-ann-an-hesse-1759-62---naidheachd/frombreadalbanetobruckermuhlseoladhoifigeiliii.

Agus gus nach tig e fainear do dhuine sam bith gur e naidheachdan breugach a bhithinns' riutha, gheibh sibh anns na leanas ceangal eile chun na duilleige-dachaidh oifigeil don leabhar seo aig mo luchd-foillseachaidh: http://www.houseoflochar.com/books/his_scot_hessians.htm. Gheibh gu h-àraidh na daoine nar measg a tha (cho fortanach a bhith) a' còmhnaidh ann an Albainn deagh-naidheachd air an duilleig sin, oir tha 'n leabhar ri fhaighinn an sin on latha an diugh air adhart !

Mar a dh' innis m' fhoillsichear dhomh, tha e air lethbhreac a chur don t-Ath Leathann cheana airson lèirmheas anns a' Phaipear Bheag.
O seadh, agus mus dèan mi dearmad air: gheibh luchd na Gearmailtise nar measg aiste ùr anns an Irland-Journal a tha gu dlùth ceangailte ris a' leabhar, is i a' sealltainn na ceangalan a fhuaras eadar Rèisimeid a' Chaimbeulaich (87mh Rmd.) agus Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir: IJ 3.12-4.12, tdd. 63-69...seo dhuibh an aiste, buainibh tlachd aisde !

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Re: Leabhar ùr mu shaighdearan Gàidhealach ann an Hesse 1759

Beitragvon An Gille Donn » Mi Nov 14, 2012 5:09 pm

A Chàirdean chòir,

cha mhòr nach eil an naidheachd seo seach tìde - tha a' chiad lèirmheas air a' leabhar seo air nochdadh anns a' Phaipear Bheag Dihaoine, 2 An t-Samhainn 2012, agus tha an leabhar fhèin ri fhaighinn o Amazon (Rìoghachd Aonaichte)cuideachd a nise: http://www.amazon.co.uk/Breadalbane-Brucker-Scottish-Highland-Soldiers/dp/3935943059!

Leis na dùrachdan,

Acsail Òg

Isbeal
Beiträge: 1030
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Leabhar ùr mu shaighdearan Gàidhealach ann an Hesse 1759

Beitragvon Isbeal » Do Nov 15, 2012 2:18 am

Meal do naidheachd - lèirmheas math agus inntinneach, ceart gu leòr! :moladh:

Isbeal
Beiträge: 1030
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Leabhar ùr mu shaighdearan Gàidhealach ann an Hesse 1759

Beitragvon Isbeal » Di Nov 20, 2012 1:37 am

Chan e Hesse no 1759 a bh' ann, ach Albannaich ann an Cogadh 30 Bliadhna.

Bha mi ag èiseachd ri WDR5 Dihaoine sa chaidh, 16.11.12, Leonardo aig 4f, agus bha iad a' bruidinn mu phròiseact arc-eòlais ann an Halle, far a bheil iad a' sgrùdhadh na tha air fhàgail de chuirp shaighdearan bho Bhlàr Lützen, 1632, nam measg Albannaich.

http://www.wdr5.de/sendungen/leonardo/s ... geben.html

O-Ton:
„Wir wissen, dass Schotten dabei sind, Schweden, Finnen, Balten. Und bei
denen kann man ganz sicher sagen: Die haben in der schwedischen Armee
gedient. ......“

Sprecher:
Ein junger Schotte wurde so genau untersucht, dass eine Biografie des Leidens
entstand. Als Kind litt er unter Vitamin-D-Mangel, bekam eine Rachitis, die ihm die
Beine verbog. Er hatte eine massive Arthrose an allen Rückenwirbeln und permanent
entzündete Nasennebenhöhlen. Das ließe sich fortsetzen. Er zog als kranker Mann
in die Schlacht.
O-Ton:
„In der Schlacht hat er zuerst einen Steckschuss im rechten Oberarm erlitten.
Obwohl ihn das schon sehr beeinträchtigt hat, ist er in einen Nahkampf
verwickelt worden mit jemanden, der mit einer Hellebarde bewaffnet war. Der
hat seinen Schädel gespalten. Er ist zu Boden gestürzt, war mit Sicherheit
bewusstlos. Wir gehen aber davon aus – noch nicht tot und vermuten, dass
er dann einen Gnadenstoß erhalten hat; er hat einen Stich durch die Kehle
bekommen bis in den zweiten Halswirbel. Da war er mit Sicherheit tot, wird
gelegen haben. Und zu guter Letzt ist eventuell ein Pferd noch einmal auf
sein Gesicht getreten und hat seinen Unterkiefer in drei Teile zerbrechen
lassen.“

Sgriobt:
http://www.wdr5.de/fileadmin/user_uploa ... _Krieg.pdf
(S.7)

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Re: Leabhar ùr mu shaighdearan Gàidhealach ann an Hesse 1759

Beitragvon An Gille Donn » Fr Nov 30, 2012 11:17 pm

Uill,uill, Iseabail,

tha thu air bualadh air an ath-chuspair a bhios mi a' togail cho luath 's a chuireas mi crìoch air a' chuspair a tha mi ris fhathast an ceartuair :) . Tha mi air leabhar Raibeirt Rothaich Obasdail (mu 1600-75) a leughadh, beagan dheth cheana co-dhiù, Monro His Expedition with the Worthy Scots Regiment called Mac-Keyes (Lunnainn: Uilleam Jones, 1637), anns an toir e iomradh air an iomairt-cogaidh a chuir e seachad mar oifigear anns a' rèisimeid seo. Chan ann a bha iad a' sabaid faisg air Ath nam Frangach air bruach uisge Odra, ach ràinig iad Ath nam Frangach air bruach Mhaoin cuideachd, is fiù Offenbach mu 1632, mus d' fhuair iad gu Cath mòr Nördlingen anns an deach an t-arm Suaineach a cheannsachadh ann an 1634. Bha iad mar sin air siubhal air talaimh Hesse, ged nach d' fhuair iad cho fada mu Thuath is a fhuair Rèisimeid Chè (87mh) is Rèisimeid Caimbeulach Dhùn Omhainn (88mh), no Rèisimeid Iarla Iarlaidh (Régiment d'Ogilvy) is Rèisimeid an Druimeanaich (Royal Écossois) ann an 1759-62. An dèidh sin, thill Rèisimeid MhicAoidh a dh' Albainn. An dèidh sin, ann an Cogadh Mòr a' Chromaillich is nan Cùmhnantach (Cogadh nan Easbuig ann an Albainn 1638-40, Ar-a-mach Ulaidh ann an Éirinn 1641-48) bha an Seanalair Rothach Obasdail a' sabaid an aghaidh Alasdair Mhic Colla Ciotaich ("Alasdair, ò hò, Mhic Colla ghasda ò hò...") is fhir-dàimh Raghnaill MhicDhòmhnaill, Iarla Aontraim.

Bild

Gheibhear fhathast sean-fhacail mu Rèisimeid MhicAoidh: A h-uile fear a thèid a dholaidh, gheibh e dolar o MhacAoidh - is e riksdalar Suaineach a bha siud a' ciallachadh...

Ach mairidh e fada fhathast gu 'm faigh mi cothrom an cuspair sin a thogail, oir cha leig na rèisimeidean Ghàidhealach 'sa Ghearmailt ann an 1759-62 mu sgaoil mi fhathast...tha mi an ceartuair a' deasachadh an dreach Ghearmailtis den leabhar, is mi fiù air tuilleadh nithean fhaighinn de dh' fhiosrachadh na bh' agam nuair a bha mi fhathast a' sgrìobhadh an dreach Bheurla: m.e., fhuair mi marbhrann a rinn Rob Donn MacAoidh (1714-78) air a' Mhàidsear Alasdair Mac'illeathain (1734-62) às a' Cheaparnaich ann an Gallaibh. Chaidh esan a mharbhadh ann am Blàr Muileann na Drochaide (Schlacht an der Brücker Mühle, 21-22 An t-Sultainn 1762...tha tuilleadh ri leantainn an seo. Ach a chionn 's gu bheil an cuspair seo gam chumail trang fhathast, is mithich dhomh dol don leabaidh a nise mar a bu chòir do bhalach gasda is snog a dh' fheumas èiridh moch 'sa mhadainn...

Oidhche mhath leibh an ceartuair,

Acsail Òg

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Re: Leabhar ùr mu shaighdearan Gàidhealach ann an Hesse 1759

Beitragvon NoClockThing » So Feb 24, 2013 3:22 pm

'S ann ro fhada nach do thadhail mi an-seo... meal do naidheachd, a bhalaich!
'S e saoghal a th' anns gach cànan

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Re: Leabhar ùr mu shaighdearan Gàidhealach ann an Hesse 1759

Beitragvon An Gille Donn » Mo Mär 18, 2013 5:55 pm

Halò, a Bhana-Charaid chòir,

ciamar a tha ‘n nighean gun chleoc? Tha mi duilich gu bheil mi a’ freagairt riut cho anmoch, ach mar a sgrìobh thu fhèin – is ann mò ‘s fada a thadhail mi an seo! Co-dhiù, tha tòrr air tachairt on àm sin, is mi chun an dreach Gearmailtis den leabhar seo fhoillseachadh an ceartair, Von Breadalbane zur Brücker Mühle: Schottische Hochlandsoldaten in Hessen 1759-62 (Moers: Christian Ludwig Verlag, 2013) – tha e ri fhaighinn mar leabhar-d cheana, is gheibh thu e troimh dhuilleag-dachaidh an leabhar air mo làrach-lìns’. Feumaidh mi sònrachadh, ge tà, gu bheil e ri fhaighinn gun chrìochan gu ruige latha an fhoillseachaidh a mhàin (is e sin a’ ciallachadh Dihaoine seo tighinn, le cobhair Dè...). Tha mi dìreach air tilleadh o Dhùn Amain far an robh agallamh agam ri fear-iris aig Oberhessische Presse (Marburg is Stadtallendorf), is sinne a’ cruinneachadh aig Muileann na Drochaide far an do sheas Rèisimeid Chè is Rèisimeid a’ Chaimbeulaich an aghaidh nam Frangach air 21-22 An t-Sultainn 1762, is far an tug mi ‘n dreach Beurla den leabhar seo am beulaibh an t-sluaigh an uiridh, mar a dh’ innis mi dhuibh an seo cheana. Diardaoin seo chaidh, thug mi òraid seachad mu chuspair Agusan C anns an dreach Ghearmailtis den leabhar, ann an talla mòr Rococo ann an Taigh Mòr Shliochd Asal na Mòintich ann an Lauterbach ann an ceann a tuath Mhonadh an Eòin (gheibh thu aithris iomlan den òraid seo an seo anns an dreach air-loidhne den Lauterbacher Anzeiger).

Agus bithidh tuilleadh òraidean a’ leantainn chun an leabhar agus an dreach Gearmailtis air a thoirt am beulaibh an t-sluaigh! M.e., bithidh an ath-òraid a’ dol air adhart aig Muileann na Drochaide aig bun Dhún Amain, is mi a’ labhairt mun mharbhrann a rinn Rob Donn MacAoidh air a’ Mhàidsear Alasdair MacGill-Eathain a bhàsaich ann am Blàr Muileann na Drochaide (f. Agusan D)...

Uill, nach cum thu sùil air an duilleig seo – b’ fhiach e sin, is dh’fhaodadh an ath-òraid den t-sreath seo a’ dol air adhart ann an àite faisg ort!

Dùrachdan cridheil,

Acsail Òg


Bild

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Re: Leabhar ùr mu shaighdearan Gàidhealach ann an Hesse 1759

Beitragvon An Gille Donn » Di Mär 19, 2013 1:01 am

A Chàirdean chòir uile gu lèir,

gheibh sibh anns na leanas an naidheachd as ùire mu na tachartasan ceangailte ri From Breadalbane to Brucker Muhl is an dreach ùr Gearmailtis den leabhar seo a tha chun a nochdadh a dh’ aithghearr:

Gasaet Bhaile an Uisge Loinnirich (is e sin Lauterbach anns a' Ghàidhlig), 18 Am Màrt 2013, tachartasan cultarail ionadail...gheibh sibh tuilleadh dealbhan den fheasgar sin (14 Am Màrt 2013) fo 'n cheangal seo!

Agus tha tuilleadh òraidean ri leantainn fhathast, mar a thùirt mi 'n seo cheana! Fàilte chridheil oirbh uile !

Beannachd leibh an ceartair,

Acsail Òg

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Re: Leabhar ùr mu shaighdearan Gàidhealach ann an Hesse 1759

Beitragvon An Gille Donn » Mi Apr 24, 2013 11:43 pm

A Chàirdean chòir,

tha a nise an dreach Gearmailtis den leabhar seo, Von Breadalbane zur Brücker Mühle: Schottische Hochlandsoldaten in Hessen 1759-62 (Moers: Foillseachaidhean Chrìsdein Ludwig, 2013) air a chur air bhog gu h-oifigeil mu dheireadh thall le òraid agus cèilidh beag aig Muileann na Drochaide faisg air Dùn Amain (is e sin Brücker Mühle faisg air Amöneburg ann an ceàrn Mharburg). Thachair sin feasgar Shathairne, 20 An Giblean 2013.

Bha ‘n òraid a thug mi seachad air an oidhche shònraichte seo stèidhte air Agusan ùr D an leabhair nach faighear ach anns an eagran Ghearmailtis dheth an ceartair, is e a’ toirt tuairisgeil air, is ag aithris, a’ mharbhrann a rinn Rob Donn MacAoidh (1714-78) air oifigear òg à Gallaibh, Alasdair MacGilleathain (* 1734), mac Fear na Ceapanaich. Chaidh a mharbhadh air 21 An t-Sultainn 1762 ann am Blàr Muileann na Drochaide, an cath mu dheireadh a sheas Rèisimeid Chè agus Rèisimeid Fear Dhùn Omhainn (ris am buineadh e) anns a’ Ghearmailt mus tàinig Cogadh nan Seachd Bliadhna gu crìoch. Agus abair gun robh deagh-cheòl Gàidhealach againn oidhche Shathairne seo chaidh! Uill, nach toir sibh fhèin sùil air fon cheangal seo, far am faighear sleamhnagan an taisbeanaidh a bhuin ris an òraid cuideachd?

Tha tuilleadh òraidean a tha stèidhte air a’ leabhar ri leantainn, anns gach uile àite eachdraidheil ceangailte ris: ann an Dillenburg, ann an Giessen, ann an Schotten (Baile Chill nam Manach Gàidhealach, no Baile Chill nan Cèilean Dè ann am Monadh an Eòin, no Vogelsberg, mar a theirear ris an àite seo ‘sa Ghearmailtis...), ann am Marburg amsaa. – agus fiù ann an àitean ‘an Earra-Ghàidheal fhèin anns an t-Samhradh! Seadh, is gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh air sin fhathast – cumaibh sùil air a’ roinn seo...agus bidh fàilte chridheil oirbh uile ma tha sibh anns a’ cheàrn cheart aig an àm cheart!

Leis na dùrachdan,

Acsail Òg


Bild

Bild

Isbeal
Beiträge: 1030
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Leabhar ùr mu shaighdearan Gàidhealach ann an Hesse 1759

Beitragvon Isbeal » Fr Apr 26, 2013 10:58 am

Meal do naidheachd, Acsail!

Tha mi toilichte gur e oidhche agus tachartas cho soirbheachail a bh' ann. Dealbhan is ceòl brèagha.

:D

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Re: Leabhar ùr mu shaighdearan Gàidhealach ann an Hesse 1759

Beitragvon An Gille Donn » Mi Mai 08, 2013 10:12 pm

Hàlo Isbeal,

gun robh math agat!

Ghabh mi fada ri freagairt ceart gu leòr, ach cho trang is a tha mi an ceartair le bhith a’ cur air bonn òraidean poblach stèidhte air an leabhar cuide ri ceòl ‘s cèilidh anns a’ cuid eile den oidhche – seadh, agus cùrsa dannsa-cèilidh do mhuinntir mo chlasan Gàidhlig is daoine eile aig a bheil ùidh ann an ceòl is dannsan traidiseanta – is aig an aon àm, reic leabhran is eagrachadh agus sgioblachadh mo làraich-lìn, chan ann gu minig a gheibh mi don bhòrd-brath seo. Uill, tha e follaiseach gu bheil a’ mhòr-chuid de luchd-tadhail a’ bhòird seo a cheart cho trang, oir chan eil mòran a’ dol an seo an ceartair, a bheil?

Uill, is tha rud ùr air nochdadh a thaobh a’ leabhair seo – gheibh thu fon cheangal seo an lèirmheas a dh’ fhoillsich Raghnall MacGille-Dhuibh anns an Albannach Di-Sathairne seo chaidh, is gheibh thu fon cheangal sin an aon lèirmheas ann am blog mo leabhair, cuide ri freagairt is beachdachadh o thaobh ùghdar an leabhair fhèin...is gheibh thu fiosrachadh fiach annasach ‘na lùib!

Dùrachdan cridheil,

Acsail


Zurück zu „ceòl-bàrdachd-leabhraichean“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast