dèan còcaireachd sa' Ghàidhlig

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

dèan còcaireachd sa' Ghàidhlig

Beitragvon Micheal » Do Aug 02, 2012 9:00 am

seall air sin is toisich thu fhèin:
http://www.youtube.com/watch?v=1e3S1jjXStQ
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Sleite
Beiträge: 1727
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: dèan còcaireachd sa' Ghàidhlig

Beitragvon Sleite » Di Aug 07, 2012 2:44 pm

Chan eil sin ann tuilleadh. Dè bh' ann?

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Isbeal
Beiträge: 1017
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: dèan còcaireachd sa' Ghàidhlig

Beitragvon Isbeal » So Aug 12, 2012 9:50 pm

Tha ceangal eile agam:

http://youtu.be/5xf1vQD8IaE

Ewan Henderson a' dèanamh kedgeree.

A bheil sin ag obrachadh dhuibhse?

Anna
Beiträge: 519
Registriert: So Jan 17, 2010 5:00 pm

Re: dèan còcaireachd sa' Ghàidhlig

Beitragvon Anna » So Aug 12, 2012 9:57 pm

Halò,

tha sin ag obrachadh dhomh, co-dhiù an-drasta. :D

Anna
Chan eil ach an t-iasg marbh a' snàmh leis an t-sruth.
Nuair a bhios tu ag iarraidh àbhachd a thoirt do Dhia, dèan plana!!!

Sleite
Beiträge: 1727
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: dèan còcaireachd sa' Ghàidhlig

Beitragvon Sleite » Di Jun 10, 2014 4:58 pm

Tha mi a' dol a dhèanamh risotto de dh'aspàrag a-nochd. Ach chan fhaigh mi aspàrag geal an seo ann an Alba, ach am fear uaine a-mhàin. Seo mar a nì mi e:
(airson aonar)

1 spàin ola chroinn-ola
80g rìs cruinn (airson risotto)
1 uinnean beag air a sgudadh
1/2 punnd aspàrag
1/2 glainne fìon geal
1 cupa sùgh glasraich
salann, piobar
càise cruaidh Eadailteach

Cuiridh mi an ola ann am praise agus teasaichidh mi an uinnean ann gus am bi e bog. Cuiridh mi an ris ris agus cuiridh mi mun cuairt e gus am bi e a' fàs trìd-shoilleir. Cuiridh mi am fìon ris agus cuiridh mi mun cuairt e, agus an uair sin cuiridh mi còmhdach air. Nuair a bhios e a' fàs ro thioram, cuiridh mi treas cuid den t-sùgh glasraich ris, agus fuirichidh mi a-rithist gus am bi a h-uile rud air falbh. Cuiridh mi an còrr den t-sùgh ris san aon dòigh: beag air bheag. Nuair a bhios e faisg air deiseil, cuiridh mi an aspàrag ris, air a ghearradh ann am pìosan beaga. Cumaidh mi na cinn chun a' mhionaid mu dheireadh. Dh'fhaodadh gum bi barrachd uisge a dhìth. Aig an deireadh cuiridh mi càise agus piobar ris, agus is dòcha salann ma tha sin a dhìth. Blasta!

Slèite

P.S.: Rinn mi seo a-raoir agus is dòcha gun atharraichinn beagan. Cha do chleachd mi ach 75g de ris agus 100g de dh'aspàrag òg, agus cha robh buileach gu leòr agam (ach is dòcha ma tha thu airson cuideam a chall). Is dòcha gum biodh leth phunnd de dh'aspàrag agus 180g de rìs freagarrach airson dithis. Ach co-dhiù, bha e uabhasach blasta!
Cha dèan brògan tioram iasgach.


Zurück zu „ceòl-bàrdachd-leabhraichean“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast