Duilleag-lìn an urram do Dhonnchadh Bàn Mac an t-Saoir

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Duilleag-lìn an urram do Dhonnchadh Bàn Mac an t-Saoir

Beitragvon An Gille Donn » Mi Mai 09, 2012 1:36 pm

A Chàirdean chòir,

tha comharradh latha-bàis Dhonnchaidh Bhàin Mhic an t-Saoir (1724-1812) a' teannadh dlùth oirrn, is e a' tilleadh air 14 An Ceitean am bliadhna - 200 bliadhna an dèidh do bhàrd mòr Bhraghad Albann a shiubhal !

Air sàilleabh sin, tha mi air trì dhuilleag-lìn a chur ri chèile an urram dhà, is mi fiù air beagan d' a chuid bàrdachd eadar-theangachadh gu Gearmailtis. Is e sealgair a bh' ann an Donnchadh Bàn, is chleachd mi cànan nan sealgairean Gearmailteach do Mholadh Bheinn Dobhrain, do dh' Òran Coire a' Cheathaich agus do Chead Deireannach nam Beann, tha i agam troimh m' athair. Is esan a thog a' chuid as motha de na dealbhan a tha rim faicinn air an trì dhuilleag seo. Ach chaidh cuid dhiubh a thogail leam fhèin, cuideachd, is e sin an fheadhainn nach ainmich mi 'n tobair dhiubh is nach toir dhuibh fiosrachadh ach far an deach an togail: https://sites.google.com/site/acsailognanron/gaidhealtachd-agus-garbh-chriochan-na-h-albann-ann-an-uirsgeulachd-na-beurla-bhon-18mh-linn-gus-an-21mh-linn---das-schottische-gaelentum-und-das-hochland-in-englischsprachiger-fiktion-vom-18-jh-bis-zum-21-jh---scottish-gaeldom-and-the-highlands-in-english-language-fiction-from-the-18th-to-the-21st-century/gaidhealtachd-agus-garbh-chriochan-na-h-albann-ann-an-uirsgeulachd-na-beurla-bhon-18mh-linn-gus-an-21mh-linn_cuid-vi---das-schottische-gaelentum-und-das-hochland-in-englischsprachiger-fiktion-vom-18-jh-bis-zum-21-jh-_teil-vi---scottish-gaeldom-and-the-highlands-in-english-language-fiction-from-the-18th-to-the-21st-century_part-vi/gaidhealtachd-agus-garbh-chriochan-na-h-albann-ann-an-uirsgeulachd-na-beurla-bhon-18mh-linn-gus-an-21mh-linn_cuid-vi-6---das-schottische-gaelentum-und-das-hochland-in-englischsprachiger-fiktion-vom-18-jh-bis-zum-21-jh-_teil-vi-6---scottish-gaeldom-and-the-highlands-in-english-language-fiction-from-the-18th-to-the-21st-century_part-vi-6/gaidhealtachd-agus-garbh-chriochan-na-h-albann-ann-an-uirsgeulachd-na-beurla-bhon-18mh-linn-gus-an-21mh-linn_cuid-vi-6-d---das-schottische-gaelentum-und-das-hochland-in-englischsprachiger-fiktion-vom-18-jh-bis-zum-21-jh-_teil-vi-6-d---scottish-gaeldom-and-the-highlands-in-english-language-fiction-from-the-18th-to-the-21st-century_part-vi-6-d/gaidhealtachd-agus-garbh-chriochan-na-h-albann-ann-an-uirsgeulachd-na-beurla-bhon-18mh-linn-gus-an-21mh-linn_cuid-vi-6-d---das-schottische-gaelentum-und-das-hochland-in-englischs

Gheibhear ceangalan eadar Donnchadh Bàn agus mo leabhar as ùire mu na saighdearan Gàidhealach ann an Hesse 1759-62, is e a' nochdadh troimh Lochar a dh' aithghearr: is e Donnchadh Bàn nan Òran a rinn Cumha Ghill-Easbuig Caimbeul Achaladair, is e air a mharbhadh ann am Blàr Phealan-Hùsan (Vellinghausen faisg air Unna is Hamm ann am Westphalia) ann an 1760. Bha e na oifigear anns an 88mh Rèisimeid Ghàidhealaich, no Rmd. a' Chaimbeulaich mar a theirte rithe, anns an robh Iain Caimbeul, Fear Achadh Innis Chalainn, cuideachd. B' e Iain Achadh Innis Chalainn bràthair do Phàdraig, àrd-fhorsair Ghlinn Urchaidh, is mar sin, do stiùiriche Dhonnchaidh Bhàin.

Bha duine uasal Caimbeulach eile, Raibeart à Sliochd Phàra Bhig (Caimbeulaich Bharra-Calltuinn is Bhaile Bheòlain), an sàs ann am fasdadh saighdearan don 88mh Rmd. B' e sin bràthair do Chailean Ruadh Ghlinn Iubhair a chaidh a mharbhadh air 14 An Ceitean 1752 ann an coille Leitir Mhòir faisg air Baile a' Chaolais ann an Apainn, agus theirear Murt na h-Apainne ris a' mhurt seo gus an latha an diugh. Tha e ainmeil an diugh troimh Fo Bhrùid, an nobhail a dh' fhoillsich Raibeart Luthais MacSteaphain (1850-94) ann an 1886. Agus cò a rinn Cumha Chailein Ruaidh ach Donnchadh Bàn ? Sin agaibh e !

Leis gach deagh-dhùrachd,

Acsail Òg

Isbeal
Beiträge: 1013
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Duilleag-lìn an urram do Dhonnchadh Bàn Mac an t-Saoir

Beitragvon Isbeal » Mi Mai 09, 2012 11:13 pm

Halò Agsail,

Tha cuid ri leughadh mu Dhonnachadh Bàn na làithean seo, is an comharra lath-bàis cho dlùth. Inntinneach gu leòr mar sin an duilleag agadsa ma dheidhinn a leughadh, agus na eadar-theagachaidhean Gearmailtis. Gun guth a thoirt air na dealbhan àlainn a thog d' athair.

:D


Zurück zu „ceòl-bàrdachd-leabhraichean“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast