Ímpearachd

Sleite
Beiträge: 1727
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Ímpearachd

Beitragvon Sleite » So Feb 20, 2011 6:14 pm

An do leugh duine agaibh Ìmpearachd le Iain F MacLeòid?
Tha mise dìreach deiseil leis agus chòrd e rium gu mòr. Is toil leam gu mòr an stoidhle aig Iain F agus chòrd an dà leabhar eile aige, Na Klondykers agus Am Bounty rium gu mòr cuideachd. Nis, chan e eòlaiche litreachais a th' annam, ach...

Tha an sgeulachd ga h-innse le fear soirbheachail is beartach a tha a' fuireach ann an Lunnainn agus ag obair mar fhear-lagha airson còraichean in-imrich. 'S ann às na h-Eileanan a tha e agus dh'fhàg athair nuair a bhe e glè òg agus cha chualas sgeul bhuaithe a-rithist. Tha pàirt den sgeulachd ga h-innse leis an athair sin agus e ag innse mu bheatha bhon a dh'fhàg e a bhean agus a chlann gus beatha ùr a thòiseachadh ann an Ameireaga. Tha an sgeulachd toinnte, oir uaireannan tha e doirbh (dhomhsa co-dhiù) tuigsinn cò cò agus ciamar a tha iad ceangailte. Tha càirdeas eadar beatha an duine òg le bean bho dhùthaich eile agus beatha an t-seann duine a dh'fhalbh gu duthaich eile, a tha a' toirt air an leughadair smaoineachadh. Ach aig deireadh an leabhar fàsaidh cùisean nas toinnte do na caractaran ach nas fhasa ri thuigsinn don leughadair agus ionnsaichidh sinn mu adhbhar fàgail an duine. Tha an sgeulachd a' cluich san latha an-diugh ach pàirtean dhi mu 50 bliadhna air ais agus tha cearcall na sgeulachd a' dùnadh aig an deireadh gu bòidheach a' dèanamh ceangal air ais gu toiseach an leabhar, an aon stoidhle a bha aige ann am Bounty.

Is toil leam an sgrìobhadh aig Iain F. Tha e furasta ri thuigsinn, làn ghnàthasan-cainnte agus cainnt Leòdhasach, ged a tha Beurlachas (Leòdhasach) follaiseach aig amannan. Tha an cànan nas fhaide air cànan làitheil an-diugh gun a bhith ro theann air a' ghràmar ach gun a bhith fada ro "cheàrr"

Mholainn an leabhar dha-rìribh, ach mura leugh sibh Am Bounty fhathast, leughaibh sin an toiseach.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Isbeal
Beiträge: 1017
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Ímpearachd

Beitragvon Isbeal » So Feb 20, 2011 9:32 pm

Leugh mise Am Bounty mu-thràth agus chòrd e gu mòr rium, agus air na h-adhbharan a dh'ainmich thu.

Nuair a bhios cothrom agus ùine agam, tòisichidh mi air Impearachd, ma-tha. Taing airson an lèirmheis agus a' mholaidh! :D

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Re: Ímpearachd

Beitragvon Micheal » Di Feb 22, 2011 12:24 am

Leughaidh mise "Dùn-Àluinn" a chaidh fhoillseachadh ann an 1907 neo mar sin. Is e sin a' chiad leabhar roisg a chaidh fhoillseachadh sa' Ghàidhlig.
Innsidh mi tuilleadh dhuibh a dh'aithghearr

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Re: Ímpearachd

Beitragvon NoClockThing » Di Feb 22, 2011 12:48 am

Dèan seo :D

Tapadh leat, a Shlèite
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „ceòl-bàrdachd-leabhraichean“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast