a' chiad bhideo-chiùil sa' Ghàidhlig

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

a' chiad bhideo-chiùil sa' Ghàidhlig

Beitragvon Micheal » Mo Feb 14, 2011 3:00 pm

http://www.youtube.com/bibeoband

Dè ur beachd?


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Re: a' chiad bhideo-chiùil sa' Ghàidhlig

Beitragvon NoClockThing » Mo Feb 14, 2011 8:22 pm

Chan e a' chiad bhideo ciùil a th' ann idir, ach a' chiad bhideo rap :D

Rinn iad gu math, ach gu mì-fhòrtanach cha tug iad aire air dè bha fear a' ghiotàir a' cluich agus chan eil na dealbhan a' dol leis a' chiùil.
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Isbeal
Beiträge: 1012
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: a' chiad bhideo-chiùil sa' Ghàidhlig

Beitragvon Isbeal » Di Feb 15, 2011 1:29 am

Tha mi airson a h-uile seòrsa ciùil agus phrogramman-tbh amsaa sa Ghàidhlig, gus am bi i a' fàs nas 'àbhaistiche'. Mar sin tha seo glè mhath. Ach chan eil an ceòl fhèin uabhasach 'rappy' neo fìor ùr. Bha agus tha na còmhlanan punk (sic) mar Na Gathan ann, aig a bheil ceòl gu math coltach ri sin.

Tha mi air a bhith ag èisteachd riutha bho àm gu àm fad bliadhna no dhà, feuch am biodh iad a' leasachadh air dòigh inntinneach - rud a bhios iad a' dèanamh.

Cha robh Bi-Beò a' seinn is a' cluich mar seo air a chiad chlàradh aca idir. Bha iad fada nas tradiseanta. http://www.youtube.com/watch?v=KK9M6G32 ... re=related

Tha bhideoan ann mu an dèidhinn air 'Guthan nan Eilean' (is bha Gordon Wells fhèin na bhall aig an àm sin):

http://www.youtube.com/watch?v=nktgD8WX ... re=related

http://www.youtube.com/watch?v=3Bwp5Xz- ... re=related


Seo bhideo nas ùire ann an club ann an Lunnain - tha an rap ag obrachadh nas fheàrr an seo:

http://www.facebook.com/?ref=home#!/pro ... 0968584149


Agus barrachd mu an dèidhinn:

http://www.reverbnation.com/bibeolivelife

Sleite
Beiträge: 1716
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: a' chiad bhideo-chiùil sa' Ghàidhlig

Beitragvon Sleite » Di Feb 15, 2011 10:57 pm

Chan eil e a' còrdadh riumsa. Chan eil an ruitheam a' dol le ruitheam na Gàidhlig agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil an stoidhle rap sin a' coimhead gu math pseudo fiù 's dhomhsa agus chan eil mi mion-eòlach air rap. A bharrachd air sin 's e teacsa a th' ann a tha caran mar Pur no rudeigin.. mit erhobenem Zeigefinger. Ach chan eil mi ag ràdh nach fhaod e còrdadh ri daoine eile.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.


Zurück zu „ceòl-bàrdachd-leabhraichean“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast