Goethe agus na Gàidheil - leabhar ùr

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Goethe agus na Gàidheil - leabhar ùr

Beitragvon An Gille Donn » Di Feb 01, 2011 3:06 pm

A Chàirdean,

is fada on uairsin, tha fiosa 'm, agus tha mi air bhith sàmhach fad iomadh mhìos. Ach b' fhiach e sin, oir tha mi air a bhith gu h-àraidh trang. Agus b' fhiach e sin gu deimhinne - oir tha mo leabhar ùr dìreach air nochdadh. Is ann mu Ghoethe agus na Gàidheil a tha e, agus gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh air an làrach-lìn seo: https://sites.google.com/site/acsailognanron/home/goethe-agus-na-gidheil---goethe-und-die-glen.

Nise, chan e gur e mise a' chiad neach a dhèiligeas ris a' chuspair seo, ach saoilidh mi - co-dhiubh - gur e mise a' chiad Gearmailteach aig a bheil Gàidhlig a tha a' togail a' chuspaire seo. Agus anns a' bhliadhna anns an do nochd fiolm ùr mun bhàrd naiseanta againn, a dheoin no a dh' aindeoin, shaoil mi gum bu chòir dhomh no do neach sam bith an gnothach seo a thogail. Tha an leabhar seo sgrìobhte anns a' Ghearmailtis, oir chan ann a mhàin do Ghearmailtich na Gàidhlig a tha e, ach do gach uile neach aig a bheil ùidh ann an Goethe, seanchas Albannach agus 'sa chonspaid mu Sheumas Bàn MacMhuirich (1736-96), no Mac a' Phearsain. Is e gum faighear fhathast cus aineolais mu bhun-stèidhean a chuid sgrìobhainnean am measg luchd-teagaisg agus sgolairean na Gearmailte, agus chan eil fhios aig mòran daoine gun robh fiù Goethe air beagan Gàidhlig ionnsachadh...agus gur e dreach Gàidhlig saothar MhicMhuirich (no Mhic a' Phearsain) a thug air sin a dhèanamh.

An ceartuair fhèin, tha mi a' sgrìobhadh teacs sgolaireil eile, is e eadar-fhìghte ann an dòigh air chòireigin ris an leabhar seo a tha air a chur am follais a nise. Is e airtigeal don Northern Scotland a tha mi ris an ceartuair, is e mu na saighdearan Gàidhealach a bh' anns a' Ghearmailt - agus ann an Hessen gu h-àraidh - ri Cogadh nan Seachd Bliadhna, 'sna bliadhnaichean 1759-62. Agus chan ann a-mhàin air na Gàidheil ann am feachdan Breatainn-Hanobhar a tha mi a' sgrìobhadh, ach cuideachd air an fheadhainn aca a bh' ann am feachdan na Frainge...mar eisimpleir, an t-Uidhisteach Niall MacEachainn (1719-88) à Tobh Beag. Agus tha sin ceangailte ri cèilidh beag a bhios a' dol air adhart ann am Marburg air 13 An Gearran 2011 agus a chaidh a chur air bonn le deagh-chàirdean dhomh. Bithidh fàilte chridheil oirbh uilig !

Le meas,

Acsail Òg

Zurück zu „ceòl-bàrdachd-leabhraichean“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast