Ruidhl' an Fhìdhleir / The Fiddler's Reel (film)

Isbeal
Beiträge: 1030
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Ruidhl' an Fhìdhleir / The Fiddler's Reel (film)

Beitragvon Isbeal » So Okt 03, 2010 1:45 am

Tha film goirid air a dhèanamh an-dràsta ann an Ceap Breatainn le fear-stiùiriche de "Faire Chaluim Mhic Leòid", a bhuannaich uiread de dhuaisean san dà no trì bhliadhna sa chaidh.

Barrachd an seo (Gàidhlig agus Beurla):

http://www.celticheart.ca/blog/ruidhl-f ... comment-47

Pàirt inntinneach:

..... Ann an 2008 rinn Marc Almon agus Nona Nic Dhiarmaid fiolm Gàidhlig goirid air ainm " Faire Chaluim Mhic Leòid " ann an Ceap Breatainn, agus bu ro shealbhach e. Chaidh ainmeachadh mar Fhiolm Ghnìomhaidh Ghoirid a's fheàrr do dhuais "Genie". ( duais Cainiédianach co-ionnanach ris an "Oscar" anns na Stàitean ) 'S e buaidh uamhasach mór a tha seo 'nuair a smaoineachar nach do thuig duine anns an comataidh ainmeachaidh facal Gàidhlig! Bhuannaich e duaisean eile, agus chaidh a shealltainn ann an iomadh àite eadar-naiseanta, agus gu tric air na stéiseanan telebhisein Bravo agus CBC.

A nise, tha Marc an déidh fiolm eile a loisgeadh a' seo, " Ruidhle an Fhìdhleir". Mairidh e na 's fhaide na cheud fhiolm, eadar còig mionaidean deug agus fichead mionaid, agus mar a' cheud fhiolm bidh e uile gu léir 'sa Ghàidhlig. Tha na cleasaichean uile fileanta, agus tha gach uile suidheachach ann an Ceap Breatainn fhéin, eadar an Eas Uisge Bàn ( ann an tuil! ) , a' Chlachan Ghàidhealach, agus àiteachan eile. Mar a thuirt duine air an t-suidheachadh faisg air Uisge Bàn, " Dh' fhaodadh gun do rinn iad roinn de " Rìgh nam Fàinneachan " a' seo! "........

Zurück zu „ceòl-bàrdachd-leabhraichean“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast