Mòd Nàiseanta Aimearagaidh

Benutzeravatar
Seasaidh
Beiträge: 262
Registriert: So Feb 01, 2004 5:23 pm
Wohnort: Celle
Kontaktdaten:

Mòd Nàiseanta Aimearagaidh

Beitragvon Seasaidh » Do Sep 09, 2010 6:34 pm

Bidh am Mòd Nàiseanta Aimearagaidh ann an deireadh seachdain sa tighinn. Thèid mise ann còmhla ri feadhainn eile a tha a' seinn anns a' chòisir agam. Thèid sinn a Ligonier ann am Pennsylvania a-màireach. Tha mi a' dèanamh fiughar ris an turas seo, ach tha mi rud beag nearbhasach cuideachd. Bidh sinn a' gabhail pairt ann an dà cho-fharpais (òrain luaidh agus puirt-a-beul) mar còmhlan, agus bidh triuir dhinn anns na co-fharpaisean òrain aon-neach cuideachd.
Thoir sùil air a' bhlog agam: http://feoragfanais.blogspot.com

Sleite
Beiträge: 1740
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Mòd Nàiseanta Aimearagaidh

Beitragvon Sleite » Fr Sep 10, 2010 11:10 pm

tha mi cinnteach gun tèid gu math leibh!
Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Benutzeravatar
Seasaidh
Beiträge: 262
Registriert: So Feb 01, 2004 5:23 pm
Wohnort: Celle
Kontaktdaten:

Re: Mòd Nàiseanta Aimearagaidh

Beitragvon Seasaidh » Mo Sep 20, 2010 11:48 pm

Tapadh leat, a Shlèite. Bha deireadh seachdain sgoinneil làn ciùil agam ann an Ligonier... agus cha chreid mi gun deach seachdain seachad mar-thà. 'S e mòd beag, ach glè shnog a bh' ann. Rinn sinn math anns na co-fharpaisean agus bha cèilidh gasta againn oidhche Shathairne. Choinnich mi ri daoine laghach agus b' urrainn dhomh beagan Gàidhlig a bhruidhinn ri feadhainn aca.
Thoir sùil air a' bhlog agam: http://feoragfanais.blogspot.com

Isbeal
Beiträge: 1030
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Mòd Nàiseanta Aimearagaidh

Beitragvon Isbeal » Di Sep 21, 2010 12:49 am

Tapadh leat, tha mi toilichte gun robh seachdain cho math dhut (agus dhan choisir agad).

Leugh mi an-diugh (badeigin) mu 'Ottawa Gaelic month' ann an t-Samhainn - lorgaidh mi an ceangal dhut.

(...a' lorg... :lol: )

Agus sin e!:

Comunn Gaidhlig Ottawa The City of Ottawa, Canada's National Capital has proclaimed November 2010 "Comunn Gàidhlig Ottawa Month".To view the official wording (Eng. + French) of the proclamation, click on the link below. Gàidhlig translation to follow shortly.

http://gaidhligottawa.ca/LinkClick.aspx ... uage=en-US

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Re: Mòd Nàiseanta Aimearagaidh

Beitragvon NoClockThing » Do Sep 30, 2010 12:18 am

Tha mi toilichte gun robh seachdain mhath agad :)
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Benutzeravatar
Seasaidh
Beiträge: 262
Registriert: So Feb 01, 2004 5:23 pm
Wohnort: Celle
Kontaktdaten:

Re: Mòd Nàiseanta Aimearagaidh

Beitragvon Seasaidh » Fr Okt 15, 2010 8:39 pm

Isbeal hat geschrieben:
Leugh mi an-diugh (badeigin) mu 'Ottawa Gaelic month' ann an t-Samhainn - lorgaidh mi an ceangal dhut.



Bidh mìos na Gàidhlig ann an-seo gu dearbh - agus tha sinn uile uabhasach toilichte mu dheidhinn sin. Bidh Mòd Canada agus tachartasan eile mar chuirmean-ciùil agus bùithtean-obrach ann san t-Samhain cuideachd. Tha mi a' dèanamh fiughar ri mìos inntinneach.
Thoir sùil air a' bhlog agam: http://feoragfanais.blogspot.com

Isbeal
Beiträge: 1030
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Mòd Nàiseanta Aimearagaidh

Beitragvon Isbeal » Di Nov 30, 2010 5:00 pm

Tha artaigil mu dheidhinn na coisir 'Ar n-Òran' à Ottawa anns an Stornoway News.

An e a' choisir agadsa a th' innte, a Sheasaidh?

http://gaidhligottawa.ca/LinkClick.aspx ... uage=en-US

Le dealbh. :D

Benutzeravatar
Seasaidh
Beiträge: 262
Registriert: So Feb 01, 2004 5:23 pm
Wohnort: Celle
Kontaktdaten:

Re: Mòd Nàiseanta Aimearagaidh

Beitragvon Seasaidh » Di Nov 30, 2010 6:12 pm

'S e gu dearbh.

Obh, agus bha Mòd Chanada ann o chionn goirid (seachdain gu leth air ais). Sgrìobhaidh mi rudeigin a dh'aithghearr - ach feumaidh mi falbh a-nis... obair!
Thoir sùil air a' bhlog agam: http://feoragfanais.blogspot.com

Benutzeravatar
Seasaidh
Beiträge: 262
Registriert: So Feb 01, 2004 5:23 pm
Wohnort: Celle
Kontaktdaten:

Re: Mòd Nàiseanta Aimearagaidh

Beitragvon Seasaidh » So Dez 05, 2010 5:16 am

Mar a thuirt mi roimhe bha Mòd Chanada ann mu chola-deug air ais. Latha tarraingeach brosnachail agus cruaidh a bh' ann. Thòisich am Mòd tràth sa mhadainn agus bha co-fharpaisean ann fad an latha. Bha sgeulachdan agus bàrdachd agus rudan mar sin ann sa mhadainn – ghabh mi fhìn pàirt ann an leughadh air a’ chiad sealladh agus ann an còmhradh. Bha mi uabhasach nearbhasach agus mhothaich mi gun do rinn mi mearachdan gu leòr anns a’ chòmhradh (chleachd mi an tràth ceàrr bho àm gu àm mar eisimpleir). Bha am britheamh gam thuigsinn co-dhiù agus thuirt i gun robh blas math agam (bha Joy Dunlop ann mar bhritheamh airson nan co-fharpaisean sin – tè laghach a th’ innte gu dearbh). Cha robh ach dithis eile a’ gabhail pàirt anns an dà fharpais sin – dithis fhileantaich às na Stàitean – agus ‘s dòcha gu bheil sibh eòlach orra. ‘S iad Liam agus Mìcheal bho Ghaelcast.

Gu mì-fhortanach cha b’ urrainn dhomh èisteachd ris a h-uile co-fharpais eile. Bha mi airson èisteachd ris a’ bhàrdachd, ach bha agam ri feitheamh ris na farpaisean agam fhìn ann an seòmar beag air cùlaibh an àrd-ùrlair. Ach choimhead mi a’ chluich bheag a chuir a’ chòmhlan dràma ùr an CGO air an àrd-ùrlar. Thòisich a’ mhòr-chuid aca air Gàidhlig ionnsachadh dìreach am bliadhna, ach rinn iad glè mhath. Bha iad uabhasach èibhinn.

Uill – seo a’ chiad phàirt. Sgrìobhaidh mi tuilleadh latha eile...
Thoir sùil air a' bhlog agam: http://feoragfanais.blogspot.com

Isbeal
Beiträge: 1030
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Mòd Nàiseanta Aimearagaidh

Beitragvon Isbeal » So Dez 05, 2010 3:30 pm

Mòran taing, a Sheasaidh - tha sin inntinneach gu dearbh agus cothrom uabhasach math dhut!

Bidh thu a' giùlan a' bhratach 'Ghàidhealamailteach' do thìrean ùra! :twisted:


Tha mi a' dèanamh fiughair ris an còrr! :D


Zurück zu „ceòl-bàrdachd-leabhraichean“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast