Geama: Sgeulachd gun chrìoch

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mo Mär 15, 2010 2:14 pm

Beagan ceartachaidh:
[/b]
Bha boireannach òg na suidhe ri taobh na h-uinneige ged nach robh e cho blàth. Bha i airson sealladh a-mach co-dhiù. B' e latha dorcha geamhraidh a bh' ann agus is gann gum faca i na beanntan air astar.
Ged a bha i fuar cha robh sneachd orra.
Ach, mar a chanas iad ann am Muile, mura h-urrainn dhut na beanntan fhaicinn, tha an t-uisge ann, agus mas urrainn, tha an t-uisge a' tighinn. Dh'èirich i gus dol dhan chidsin. Bha i air fàs beagan ro fhuar an sin agus bu mhiann mhòr leatha cupa tì fhaighinn. Cupa tì teth.
Ach cha robh tì ann ach criomag no dhà. Abair brìseadh-dùil!
Fhuair i lorg air plaide mhòir.
Gu h-obann chuala i brag aig an uinneig! Saoil cò a bhiodh ann?
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Isbeal
Beiträge: 1030
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Di Mär 16, 2010 12:55 am

Mòran taing airson nan ceartachaidhean, a Mhìcheil!

Cha robh mi eòlach air an abairt seo: 'Fhuair i lorg air plaide mhòir'
ach fhuair mi a-mach gu bheil e a' ciallachadh rudeigin mar 'B' urrainn dhi e lorg as dèidh greis - cha do lorg i e sa bhad. '


Sgeulachd a-rithist...


Bha boireannach òg na suidhe ri taobh na h-uinneige ged nach robh e cho blàth. Bha i airson sealladh a-mach co-dhiù. B' e latha dorcha geamhraidh a bh' ann agus is gann gum faca i na beanntan air astar. Ged a bha i fuar cha robh sneachd orra. Ach, mar a chanas iad ann am Muile, mura h-urrainn dhut na beanntan fhaicinn, tha an t-uisge ann, agus mas urrainn, tha an t-uisge a' tighinn.

Dh'èirich i gus dol dhan chidsin. Bha i air fàs beagan ro fhuar an sin agus bu mhiann mhòr leatha cupa tì fhaighinn. Cupa tì teth. Ach cha robh tì ann ach criomag no dhà. Abair brìseadh-dùil! Fhuair i lorg air plaide mhòir.

Gu h-obann chuala i brag aig an uinneig! Saoil cò a bhiodh ann?
Mar as àbhaist dh'èirich an seann dòchas anns a cridhe - am faodadh gum b' e Ruaraidh a bh' ann, air ais as dèidh nam bliadhnaichean uile seo, bliadhnaichean fada fada?

Catriona
Beiträge: 640
Registriert: Do Jan 12, 2006 5:51 pm
Wohnort: Essen

Beitragvon Catriona » Di Mär 16, 2010 8:20 pm

Bha boireannach òg na suidhe ri taobh na h-uinneige ged nach robh e cho blàth. Bha i airson sealladh a-mach co-dhiù. B' e latha dorcha geamhraidh a bh' ann agus is gann gum faca i na beanntan air astar. Ged a bha i fuar cha robh sneachd orra. Ach, mar a chanas iad ann am Muile, mura h-urrainn dhut na beanntan fhaicinn, tha an t-uisge ann, agus mas urrainn, tha an t-uisge a' tighinn.

Dh'èirich i gus dol dhan chidsin. Bha i air fàs beagan ro fhuar an sin agus bu mhiann mhòr leatha cupa tì fhaighinn. Cupa tì teth. Ach cha robh tì ann ach criomag no dhà. Abair brìseadh-dùil! Fhuair i lorg air plaide mhòir.

Gu h-obann chuala i brag aig an uinneig! Saoil cò a bhiodh ann?
Mar as àbhaist dh'èirich an seann dòchas anns a cridhe - am faodadh gum b' e Ruaraidh a bh' ann, air ais as dèidh nam bliadhnaichean uile seo, bliadhnaichean fada fada?
Sheas i agus ruith i chun an dorais gu luath.

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Re: Geama: Sgeulachd gun chrìoch

Beitragvon Micheal » Mi Apr 07, 2010 10:17 pm

Bha boireannach òg na suidhe ri taobh na h-uinneige ged nach robh e cho blàth. Bha i airson sealladh a-mach co-dhiù. B' e latha dorcha geamhraidh a bh' ann agus is gann gum faca i na beanntan air astar. Ged a bha i fuar cha robh sneachd orra. Ach, mar a chanas iad ann am Muile, mura h-urrainn dhut na beanntan fhaicinn, tha an t-uisge ann, agus mas urrainn, tha an t-uisge a' tighinn.

Dh'èirich i gus dol dhan chidsin. Bha i air fàs beagan ro fhuar an sin agus bu mhiann mhòr leatha cupa tì fhaighinn. Cupa tì teth. Ach cha robh tì ann ach criomag no dhà. Abair brìseadh-dùil! Fhuair i lorg air plaide mhòir.

Gu h-obann chuala i brag aig an uinneig! Saoil cò a bhiodh ann?
Mar as àbhaist dh'èirich an seann dòchas anns a cridhe - am faodadh gum b' e Ruaraidh a bh' ann, air ais as dèidh nam bliadhnaichean uile seo, bliadhnaichean fada fada?
Sheas i agus ruith i chun an dorais gu luath.

Dh'fhosgail i an doras agus chunnaic i pacaid a' laighe air an ùrlar.
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Sleite
Beiträge: 1740
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Geama: Sgeulachd gun chrìoch

Beitragvon Sleite » Mi Apr 07, 2010 11:47 pm

..pacaid na laighe air an ùrlar.
Choimhead i sìos an rathad agus suas an rathad, ach cha robh sgeul air duine beò.
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Isbeal
Beiträge: 1030
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Geama: Sgeulachd gun chrìoch

Beitragvon Isbeal » Sa Apr 10, 2010 8:22 pm

Choimhead i air a' phacaid. Bha i meadhanach mòr, caran cnapach, le pàipear-còmhdaich donn caithte, sreang agus cèir-sheulaidh dhearg. Pacaid a bha air a cuid mhòr de shiùbhlaichean fhaicinn, gun teagamh sam bith.

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Re: Geama: Sgeulachd gun chrìoch

Beitragvon NoClockThing » Do Aug 19, 2010 8:01 am

Bha boireannach òg na suidhe ri taobh na h-uinneige ged nach robh e cho blàth. Bha i airson sealladh a-mach co-dhiù. B' e latha dorcha geamhraidh a bh' ann agus is gann gum faca i na beanntan air astar. Ged a bha i fuar cha robh sneachd orra. Ach, mar a chanas iad ann am Muile, mura h-urrainn dhut na beanntan fhaicinn, tha an t-uisge ann, agus mas urrainn, tha an t-uisge a' tighinn.

Dh'èirich i gus dol dhan chidsin. Bha i air fàs beagan ro fhuar an sin agus bu mhiann mhòr leatha cupa tì fhaighinn. Cupa tì teth. Ach cha robh tì ann ach criomag no dhà. Abair brìseadh-dùil! Fhuair i lorg air plaide mhòir.

Gu h-obann chuala i brag aig an uinneig! Saoil cò a bhiodh ann?
Mar as àbhaist dh'èirich an seann dòchas anns a cridhe - am faodadh gum b' e Ruaraidh a bh' ann, air ais as dèidh nam bliadhnaichean uile seo, bliadhnaichean fada fada?
Sheas i agus ruith i chun an dorais gu luath.

Dh'fhosgail i an doras agus chunnaic i pacaid a' laighe air an ùrlar.
Choimhead i sìos an rathad agus suas an rathad, ach cha robh sgeul air duine beò.
Choimhead i air a' phacaid. Bha i meadhanach mòr, caran cnapach, le pàipear-còmhdaich donn caithte, sreang agus cèir-sheulaidh dhearg. Pacaid a bha air a cuid mhòr de shiùbhlaichean fhaicinn, gun teagamh sam bith. Fhuair i grèim oirre gu cùramach is chuir i air bòrd seòmair-shuidhe i.
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Isbeal
Beiträge: 1030
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Geama: Sgeulachd gun chrìoch

Beitragvon Isbeal » Do Aug 19, 2010 11:55 pm

Bha a' phacaid na laighe an sin fad tri làithean, làithean fada gu leòr. An e bagairt no gealladh a bh' innte?

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Re: Geama: Sgeulachd gun chrìoch

Beitragvon NoClockThing » Do Apr 14, 2011 11:45 am

Bha boireannach òg na suidhe ri taobh na h-uinneige ged nach robh e cho blàth. Bha i airson sealladh a-mach co-dhiù. B' e latha dorcha geamhraidh a bh' ann agus is gann gum faca i na beanntan air astar. Ged a bha i fuar cha robh sneachd orra. Ach, mar a chanas iad ann am Muile, mura h-urrainn dhut na beanntan fhaicinn, tha an t-uisge ann, agus mas urrainn, tha an t-uisge a' tighinn.

Dh'èirich i gus dol dhan chidsin. Bha i air fàs beagan ro fhuar an sin agus bu mhiann mhòr leatha cupa tì fhaighinn. Cupa tì teth. Ach cha robh tì ann ach criomag no dhà. Abair brìseadh-dùil! Fhuair i lorg air plaide mhòir.

Gu h-obann chuala i brag aig an uinneig! Saoil cò a bhiodh ann?
Mar as àbhaist dh'èirich an seann dòchas anns a cridhe - am faodadh gum b' e Ruaraidh a bh' ann, air ais as dèidh nam bliadhnaichean uile seo, bliadhnaichean fada fada?
Sheas i agus ruith i chun an dorais gu luath.

Dh'fhosgail i an doras agus chunnaic i pacaid a' laighe air an ùrlar.
Choimhead i sìos an rathad agus suas an rathad, ach cha robh sgeul air duine beò.
Choimhead i air a' phacaid. Bha i meadhanach mòr, caran cnapach, le pàipear-còmhdaich donn caithte, sreang agus cèir-sheulaidh dhearg. Pacaid a bha air a cuid mhòr de shiùbhlaichean fhaicinn, gun teagamh sam bith. Fhuair i grèim oirre gu cùramach is chuir i air bòrd seòmair-shuidhe i.

Bha a' phacaid na laighe an sin fad tri làithean, làithean fada gu leòr. An e bagairt no gealladh a bh' innte? Chùm i trang leis an obair taighe, a' feuchainn gun a bhith a' sealltainn air a' phacaid.
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Sleite
Beiträge: 1740
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Geama: Sgeulachd gun chrìoch

Beitragvon Sleite » Do Apr 14, 2011 5:26 pm

Ach aon mhadainn bhrèagha thàinig i dhan chidsin agus dè chunnaic i ach gun robh am pacaid air gluasad. Ach cha robh duine sam bith eile a'fuireach san taigh còmhla rithe.
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Isbeal
Beiträge: 1030
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Geama: Sgeulachd gun chrìoch

Beitragvon Isbeal » Do Apr 14, 2011 7:09 pm

...Ach aon mhadainn bhrèagha thàinig i dhan chidsin agus dè chunnaic i ach gun robh am pacaid air gluasad. Ach cha robh duine sam bith eile a'fuireach san taigh còmhla rithe.

Thug i cridh-leum aiste - cha do chreid i a sùilean. Saoil an do bhuail i a' phacaid leis a bhith a' sguabadh an làir an dè, gun a bhith a' mothachadh dha?

:?:

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Re: Geama: Sgeulachd gun chrìoch

Beitragvon An Gille Donn » Mi Apr 27, 2011 4:01 pm

Ghrad-leum i do sgeilp na cidsine gus grèim fhaighinn air na speuclairean aice, nuair a thàinig e fainear dhi gun robh iad 'san t-seòmar-cadail ri taobh an leabaidh. Ruith i air ais chun an t-seòmair sin is chuir i oirre iad. An dèidh sin, thill i don chidsin chun gach còirneil a sgrùdadh gu mionaideach is gu faicilleach feuch am faigheadh i lorg air a' phacaid, is i fhathast a' smuaintinn gun do chuir i air falbh e gun fhiosd dhi, mar a thachras nuair a bhios an ceann loma-làn gnothaichean eile a tha rin dèanamh fhathast. Agus is coma a bheil duine trang le obair-taighe no obair sam bith eile, tha e buailteach air a leithid sin de rud a thachairt, ged a chuireadh e air nach tachradh e a rithist...Air eagal 's gun do chuir i 'n phacaid a-steach 'sa bhine, thug i sùil gheur air an t-soithich ud cuideachd. Agus gu feargach thùirt i rithe fhèin cho gòrach 's a bha i gun an phacaid fhosgladh dìreach anns a' bhad, cunnart no co-dhiù trioblaid ann no às, agus nan robh i air fosgladh gun dàil, cha bhiodh i a nise ga sàrachadh fhèin ga lorg...


Zurück zu „ceòl-bàrdachd-leabhraichean“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast