Runrig aig Lùchairt Scone, Peart 29.08.09

Isbeal
Beiträge: 1013
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Runrig aig Lùchairt Scone, Peart 29.08.09

Beitragvon Isbeal » So Sep 06, 2009 9:36 pm

(Übersetzung unter 'Allgemeines')

Bha mi air a bhith a' dèanamh fiughair ris a' chuirm-ciùil seo fad mhìosan, agus chan e briseadh-dùil a bh' ann idir. Bha an t-sìde grianach agus tioram, cha robh meanbh-cuileagan ann idir, agus bha caraidean an sin nach bi mi a' faicinn ro thric, agus mar sin bha ann sùnnd uabhasach math fiù 's mus do thòisich an cuirm-ciùl idir.

Ro Runrig thàinig luchd-ciùil fìor mhath fhèin fad an fheasgair, bho 3f gu 8f: Fred Morrison (pìobair sònraichte), am Blair Douglas Band, Kathleen MacInnes (ban-seannadair Ghàidhlig le guth tlachdmhor ìosal), King Creosote (còmhlan-ciùil òg às an sgìre, nach do chòrd rium cus), agus na Peatbog Faeries..........
Zuletzt geändert von Isbeal am Mo Sep 07, 2009 11:26 am, insgesamt 1-mal geändert.

Isbeal
Beiträge: 1013
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » So Sep 06, 2009 11:11 pm

Runrig: fiù 's as dèidh a h-uile bliadna a tha iad ann, 's urrainn dhaibh gaoir a chur air an luchd-èisteachd fhathast . Am bliadhna bha e gu h-àraidh druidhteach oir bha an cluicheadair-giotàr Malcolm Jones ann a-rithist, as dèidh opairèisean-chridhe làidir dà mhìos air ais. 'S e cnaimh-droma-ciùl den chòmhlan a th' ann am Malcolm, agus duine gasta, màlda is measail cuideachd, agus fad nam mìosan seo chaidh bha sinn uile, còmhlan-ciùl agus luchd-leantainn, a' criothnachadh le iomagain.

Mar sin bha fàilte fìor làidir agus chridheil a bh' aige nuair a nochd e, agus chluich e cho math 's a bha e air cluiche riamh, 's dòcha mar dhearbhadh dha fhèin, dha na companaich aige is dhuinne gun robh e 150% comasach a-rithist.



Bha measgachadh òran ann, sean agus ùr, le fòcas air a' chuspair 'Year of Homecoming'. Mar sin bha òrain mar The Cutter, Rocket to the Moon, Alba agus The Mighty Atlantic ann a-rithist (fear mu dheireadh air a ghabhail le Bruce air leth math - chan e an cuid aig Donnie a-mhàin tuilleadh 8) ), agus am measg bha òrain agus earrannan Gàidhlig ann cuideachd tha fhios - ged nach urrainn a bhith òrain Ghàidhlig gu leòr dhomhsa ann... ach bha Kathleen MacInnes ann roimhe cuideachd, mar sin bha mi riaraichte gu leòr mu dheireadh thall... :D

As dèidh dà uair a thìde uabhasach laidir bha e seachad agus thòisich an t-slighe fada dhan taigh-òsta. Ach b' fhiach sin! Tha mi an dòchas a-nis gum bi leithid de chothrom dhuinn an ath-bhliadhna a-rithist. :D


Dealbhan an-sin :

http://flickr.com/gp/drochisean/2hQF89

:D

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Sa Sep 12, 2009 7:46 am

Taing airson na h-aiste innteannaiche sin. Chòrd e rium a leughadh agus feumaidh gun robh oidhche mhòr agad.
Feumaidh mise aideachadh nach toil leam an stoidhle ciùil aca ach fhad 's a bha iad a' seinn sa Ghàidhlig bha e ceart gu leòr. Ach dh'fhalbh sin agus bhon uair sin chan èist mi riutha tuilleadh.


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Sleite
Beiträge: 1721
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » So Sep 13, 2009 2:10 pm

Hi Isbeal

Tha mi farmadach agus bhiodh a' chuirm-diùil a' còrdadh riumsa cuideachd. Nuair a bha mi fhathast sa Ghearmailt chunnaic mi iad dà thuras gach bliadhna, ach tha e cho neònach ann an Alba. Chan fhaic mi sanasachd sam bith, chan eil ach de bheag de chuirmean ann agus iadsan cho mòr nach eil mi airson dol ann... agus tha e cho doirbh ticeadan fhaighinn. Agus feumaidh mi ràdh gu bheil fada a bharrachd craic aig na cuirmean sa Ghearmailt. Is dòcha gu bheil na daoine nas craicte. Co-dhiù.

Agus nach tu tha math air sgrìobhadh! An do smaoinich thu a-riamh mu dheidhinn sgrìobhadh airson Sgleog?

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Isbeal
Beiträge: 1013
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Di Sep 15, 2009 11:47 pm

Tha mi toilichte gun do chòrd an t-susbaint den aiste ceart cho math ris an sgrìobhadh dhutsa co-dhiù! :P
Agus taing airson do bheachd mu Sgleog - bidh mi a' leughadh nan lèirmheasan an sin bho àm gu àm.
Chuir me an aiste dhaibh agus thuirt iad gu bheil i freagarrach - 's dòcha gum bi iad ga cleachdadh. Chì sinn! :wink:

Sleite
Beiträge: 1721
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » Mi Sep 16, 2009 10:02 pm

nach math a rinn thu! Sgrìobh mi fhèin mo chiad rud an sin am mìos seo chaidh mu dheidhinn DVD eacarsaich.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Do Sep 17, 2009 12:28 pm

Tha mi toilichte cluinntinn gu bheil Malky ceart gu leòr a-nis agus gun robh oidhche air leth agaibh!

Cha robh mi aig a chuirm seo ach chunnaic mi Donaidh ann an Kilmarnock (dè a' Ghàidhlig a th' air a bh'aile seo?) is bhruidhinn sin dha greis an uairsin agus ri cuid den luchd-ciùil aige cuideachd. Tha iad uile glè chàirdeil is bruidhnidh Donaidh sa Ghàidhlig rium :D

Bha an cuirm glè mhath agus a h-uile duine ann an deagh shunnd, ach bha againn ri bhith nar suidhe air sgàth 's gur e taigh-cluiche a bh' ann. B' fhèarr leam a bhith nam sheasamh is a' dannsa :roll:
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „ceòl-bàrdachd-leabhraichean“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast