An taigh-teasgaidh 's an leabhar

Isbeal
Beiträge: 1013
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

An taigh-teasgaidh 's an leabhar

Beitragvon Isbeal » Do Mai 07, 2009 10:25 pm

Leugh mi dàn uabhasach cumhachdach agus drùidhteach le Màiri Nic Gumaraid na làithean seo. Sin e.


Feumaidh mi dhol chun taigh-teasgaidh
dh'fhaicinn uidheaman m' eachdaridh
a shad mo sheanmhair às,
a shuath mo sheanair
le bhoisean cnapach sgìth
air a' chuairt mu dheireadh
a ghabh e
dhan t-sabhal.

Feumaidh mi dhol chun taigh-taisgaidh
as aonais duslach an fheòir
air m' aodach,
dh'fhaicinn uideamhan m' eachdraidh
mus tèid an leth-sealladh
den leth-sgeul
a th' agam
a dhìth
leis an sguab th' air cùl mo shàil.

Feumaidh mi leabhar bhith deas air mo shùil
de briathran nan làithean a dh'fhalbh,
feumaidh mi leughadh fa chomair an àm
tha cànan an cunnart dhol balbh.
Feumaidh mi leabhara dh'innseas dhomh sgeul
nach eil idir air bilean an t-sluaigh,
a dhol gu fear eile 'son barrachd de dh'fhios
's de thuigse air adhbhar na truaigh'.
Zuletzt geändert von Isbeal am Do Mai 07, 2009 10:45 pm, insgesamt 1-mal geändert.

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Do Mai 07, 2009 10:32 pm

Tha gach facal cho fìor agus cho làidir `s a ghabhas.

an e sin an duain air fad neo a bheil e nas fhaide?


Tha deagh chuimhne agam air nuair a shad mo sheanair fhèin a h-uile sìon tradaiseanta às an taigh.
Dh'fhalbh an airneis, na seann uinneagan is dorsan ach cuideachd a' bhàrdachad againn agus na h-òrain.


tapadh leat airson sin a sgaoileadh


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Isbeal
Beiträge: 1013
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Do Mai 07, 2009 10:57 pm

Tha an dàn air fad ann a-nis.

Agus tha, tha an aon chuimhne agamsa, an ìre mhath. ('S ann as dhèidh bàis mo sheanmhar a bh'ann.)

'Throw it down the shore' theireadh iad aig an àm sin. Gheibheadh na h-iasgairean a h-uile rud airson am beatha bhon mhuir, agus bheireadh iad a h-uile rud air ais. Fiu 's am piàna.

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Fr Mai 08, 2009 10:19 am

Feumaidh tu "Heimatmuseum" le Siegfried Lenz a leughadh.

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************


Zurück zu „ceòl-bàrdachd-leabhraichean“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast