leabhar a chur air bhog

amhlaobh
Beiträge: 41
Registriert: Mi Mär 22, 2006 12:10 am

Beitragvon amhlaobh » Di Dez 02, 2008 2:29 pm

Micheal hat geschrieben:l ann an D.E anns an Dùbhlachd . Brrrrrrrrr......

Mìcheal


ceart gu leòr, tha e cho fuar ris a' phuinnsean an-seo, tha fiu's sneachd ann ... chuirinn aodaich tiugh blàth fada orm an àite "an tè ghoirid"!

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mi Dez 03, 2008 12:54 am

amhlaobh hat geschrieben:ceart gu leòr, tha e cho fuar ris a' phuinnsean an-seo, tha fiu's sneachd ann ...


... ach Amhlaoibh, chan eil sin a' cur dragh air na daoine bhòidheach :D
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Beitragvon graisg » Mi Dez 03, 2008 11:25 am

Ceannaich tè ùr? Gabh splaoid air Sràid a’ Phrionnsa? Leis an staing 's a tha air an eaconamaidh dh' fhaodadh càirt chreidis Mìcheal chòir a h-uile càil a shabhladh?
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?
Reul Chearbach Air Chuairt
http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf

Agus blog ri fhaicinn aig:
http://inbhirnarann.blogspot.com/

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mi Dez 03, 2008 1:26 pm

Fuirichidh cairt-chreidis Mhìcheil chòir aig an taigh gu dearbh fhèin. Mura fuirich, thèid bùthan sràid a' Phrionnsa a chreachadh gun sgur, gun chrìoch is gun srian. Chan eil mi airson an eaconomaidh agam fhìn a chur ann an staing cuideachd 8)


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mi Dez 03, 2008 2:02 pm

Cha chreid mi nach bi sràid a' Phrionnsa loma-làn aig an deireadh-seachdaine - chan eil mi buileach cinnteach a bheil mi ag iarraidh dol an-sin :shock:
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mi Dez 03, 2008 4:02 pm

Sin mar bu chòir a bhith: bùthan loma-làn daoine - panaic - ceannachd gun sgur - barrachd, barrachd is tuilleadh 's a chòir...
Agus madainn às dè na Nollaige thig an luchd-sgudail ....

Sin mar a tha cearcall an eaconomaidh ag obrachadh



Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mi Dez 03, 2008 8:22 pm

:P Bha sin agam ann an Düsseldorf an-dè, bha mi air margadh na Nollaige còmhla ri màthair mo chèile. Abair baile grod, abair daoine uamhasach :roll: Bha am margadh snog gu leòr, ach cha toigh leam an suideachadh, na daoine uile nan ruith, tòrr daoine bheartach is "cudthromach", biadh grod is daor :evil:
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mi Dez 03, 2008 8:46 pm

Seach cuid de na bùthan spaideil ann an Düsseldorf 8) Is toil leam-sa an Königsallee agus an Steinstrasse agus gu h-araid Manufactum an-sin.
Abair bùth! Ach bidh e nas fhèarr as déidh na Nollaige agus rudan a' fàs nas saoire ann.

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mi Dez 03, 2008 9:34 pm

Oh, cha robh fhios agam gu bheil bùth aig Manufactum :shock: Chan eil mi eòlach ach air an làrach-lìn agus an catalog. Feumaidh mi sùil a thoirt a-steach gu dearbh.
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mi Dez 03, 2008 11:33 pm

Seadh, tha tè ann an Düsseldorf agus dh'fhosgail tè eile ann an Köln o chionn ghoirid

http://www.manufactum.de/Kategorie/-44/Duesseldorf.html

agus

http://www.manufactum.de/Kategorie/-65/Koeln.html


Tha am fuineadair agus a' bhùth-chungaidhean taobh a-taigh Mhanufactum an Köln dìreach "bhundairbear".

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Sa Dez 06, 2008 11:21 pm

'S e oidhche glè shnog a bh' ann. Bidh tachartas eile ann an Inbhir Nis Di-Haoine an ath-sheachdain, bidh mi an-sin cuideachd agus bidh mi a' leughadh bhon sgeulachd agam :)
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~


Zurück zu „ceòl-bàrdachd-leabhraichean“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast