leabhar a chur air bhog

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

leabhar a chur air bhog

Beitragvon Micheal » Fr Nov 28, 2008 11:59 am

Dihaoine 5mh an Dùbhlachd 2008 - 7 feasgar, Fruitmarket Gallery, Dùn Èideann

27/11/2008 - Leabhar ùr - ro-shealladh air 5mh an Dùbhlachd 2008, Dùn Èideann
An Claigeann aig Damien Hirst agus Sgeulachdan Eile. Ro-shealladh ann an Dùn Èideann, 7 uairean feasgar Dihaoine 5mh an Dùbhlachd, Fruitmarket Gallery (ri taobh Waverley Station).

Bidh Kirsteen NicDhòmhnaill, Seumas Graham, Mark Neilly agus a chòmhlan + feadhainn eile ann. Bidh deoch, comhradh agus cothrom èisteachd ri ùghdaran eadar-dhealaichte ann. Tha Bothan a' cur taic ris an oidhche seo, còmhla ri Comhairle nan Leabhraichean. Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn bho: launch@gaelicbooks.net
tuilleadh


Agus bidh mise ann cuideachd le sgeulachd anns an leabhar seo a sgrìobh mi fhìn :-))


Mìcheal


Tha a' mhòr-chuid de leabhraichean Ùr-Sgeul rim faighinn air www.gaelicbooks.org cuideachd
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Fr Nov 28, 2008 6:33 pm

Bidh mise ann cuideachd agus tha sgeulachd bhuam-sa anns an leabhar cuideachd :D

Bidh tachartas eile ann an Inbhir Nis, 12 dhen Dùbhlachd, le cuirm-ciùil leis "Na Gathan" agus ro-shealladh an leabhair.
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Fr Nov 28, 2008 8:03 pm

Saoil am bi sinn a' tachairt an sin? 8)

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Fr Nov 28, 2008 8:54 pm

Ann an Inbhir Nis? :shock: Nach tuirt thu nach bi thu ann ach dà latha, ann an Dùn Èideann? (bidh sinne fiù 's anns an aon taigh-òsda an-sin, saoilidh mi) Ach an tèid thu a dh' Inbhir Nis cuideachd? Bidh sin sgoinneil! Chuala mi gum bi tòrr dhaoine ann.
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Fr Nov 28, 2008 9:14 pm

Cha tèid, feumaidh mse tilleadh a Bhonn. Feumaidh mi teagasg aig SMO Di-Luain agus tha tòrr rudan eile agam rin dèanamh - an e sin an aon leabhar neo an daran fear?


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Fr Nov 28, 2008 9:31 pm

Sin an aon leabhar.
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

graisg
Beiträge: 214
Registriert: Mi Mär 24, 2004 2:40 pm
Kontaktdaten:

Beitragvon graisg » So Nov 30, 2008 6:36 pm

Nan robh dìreach an dithis agaibh an làthair bhiodh am Fruitmarket làn tàlant ach chuala mi gum bi truaghanan eile ann cuideachd, agus mise a’ dèanamh deiseil airson trèana de bheagan vitesse a-mach a Inbhir Narann Dihaoine. Chì mi sibh ;-)
An leabhar a bha 'too racy' dhaibh?
Reul Chearbach Air Chuairt
http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf

Agus blog ri fhaicinn aig:
http://inbhirnarann.blogspot.com/

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » So Nov 30, 2008 7:26 pm

Tataaaa!!! Taghta!

Chì mi an siud thu

leis gach beannachd

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mo Dez 01, 2008 11:09 am

Chan eil mi làn farmad ann an dòigh sam bith :mrgreen:
'S e saoghal a th' anns gach cànan

amhlaobh
Beiträge: 41
Registriert: Mi Mär 22, 2006 12:10 am

Beitragvon amhlaobh » Mo Dez 01, 2008 11:20 am

Uill, "bad timing" mar a chanas iad. 'S e seo an aon deireadh-sheachdaine far nach bi mi ann an D-É ...
Bhiodh e math coinneachadh dhuibh, ach bi mi ann an Lunnain aig an àm seo, ach tha mi cinnteach gum bidh deagh spòrs agaibh!

Isbeal
Beiträge: 1028
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Mo Dez 01, 2008 2:18 pm

Dh'fhaighnich mi air an làrach-lìn cuin a nochdas an leabhar, agus seo am freagairt:

''Bidh e a' nochdadh aig tri difir irean:

Comhdach-paipeir (paperback) as deidh 8 Dubhlachd 2008
CD - am Mart 2009
Comhdach-cruaidh - Ceitean 2009

As deidh 8 Dubhlachd, bidh liosta dhe na sgriobhadairean ann, aig
www.ur-sgeul.com - chan eil rud sam bith ann fhathast!''


A Mhìchel,

Ma bhios e deiseil ann an Dùn Èideann (agus tha mi an dùil gum bi), am faigh thu leth-bhreac dhomh fo-sgrìobhte le ùghdaran sam bith an làthair agus bheir mi an t-airgead dhut nuair a bhios thu air ais?

Mas urrain dhut, bhiodh sin math dha-riribh! :D

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mo Dez 01, 2008 2:48 pm

@Iseabail: Nì mi sin gu dearbh fhèin


Rud a chuireas dragh orm: Dè a chuireas mi orm-sa. an tè ghoirid dhubh neo an tè fhada ghorm - ceistean trom is mise gun chadal.

Molaidhean sam bith???


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mo Dez 01, 2008 10:40 pm

Micheal hat geschrieben:Rud a chuireas dragh orm: Dè a chuireas mi orm-sa. an tè ghoirid dhubh neo an tè fhada ghorm - ceistean trom is mise gun chadal.


:shock: Nach bitheadh e fada nas fhasa a dhol ann ruisgte? An dèan sinn sin, a Mhìcheil?
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Di Dez 02, 2008 12:34 am

leabhar air a chur air bhog le sgandal mòr mar bu chòir a bhith ann :D
Nam b' e samhradh a bhitheadh ann - ceart gu leòr ach ruisgte ann an D.E anns an Dùbhlachd . Brrrrrrrrr......

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Isbeal
Beiträge: 1028
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Di Dez 02, 2008 1:34 am

Micheal hat geschrieben: Dè a chuireas mi orm-sa. an tè ghoirid dhubh neo an tè fhada ghorm - ceistean trom is mise gun chadal.


An tè bheag dhearg (ghoirid, tha fhios), 's dòcha? Le ad mòr dubh?

Togaibh dealbhan, bitte! 8)


Zurück zu „ceòl-bàrdachd-leabhraichean“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast