Iris "Northwords Now"

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Iris "Northwords Now"

Beitragvon mona nicleoid » Mi Nov 19, 2008 11:37 am

Chan eil fhios agam a bheil sibh eòlach air an iris sin, 's e iris litreachais (Beurla + Gàidhlig) a th' ann agus tha i ri faighinn saor 's an asgaidh ann an iomadh àite air feadh na Gaidhealtachd.
Co-dhiù, anns an àireamh ùr (àireamh 10, geamhradh 08/09) tha còig dàin agam-sa ann :D
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Isbeal
Beiträge: 1017
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Mi Nov 19, 2008 11:29 pm

Tha mi glè eòlach air Northwords Now - 's e rud math gu dearbh a th' ann, agus cothrom cudromach sgrìobhadh ùr às a' Ghàidhealtachd (Gàidhlig agus Beurla) fhoillseachadh is leughadh. Gheibh mi tè nuair a bhios mi ann a-rithist, aig Nollaig.
Meal do naidheachd, a Mhona. :D

'S urrainn dhuibh an iris a leughadh air loidhne an seo - ach chan e ach an àireamh 9 (tè mu dheireadh) ann - gu tur Beurla, an turas seo - gu ruige seo.

http://www.northwordsnow.co.uk/current_issue.html

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Do Nov 20, 2008 7:50 am

Oh, sgoinneil, cha robh fiù 's fios agam gu bheil iad air an eadar-lìon. 'S e beachd math a th' ann na seann àireamhan a chur air loidhne, bidh cothrom aig barrachd dhaoine an leughadh.
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Do Nov 20, 2008 8:29 am

'S math a rinn thu a Mhòna, leughaidh mi iad nuair a bhios iad anns an eadar-lìon.


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Do Nov 20, 2008 3:05 pm

Meal do naidheachd! :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Isbeal
Beiträge: 1017
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » So Mär 01, 2009 12:20 am

Mhothaich mi dìreach nach do ceangal ann fhathast ris na dàin aig Mona ann an Iris 10. Seo agaibh e a-nis:

http://www.northwordsnow.co.uk/Pdf/NNow_10_for_web.pdf

Duilleag 5.

Còmhla ri Meg Bateman - ann an cuideachd mhath gu dearbh! 8)


Zurück zu „ceòl-bàrdachd-leabhraichean“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast