sgeulachd air Radio nan Gàidheal

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

sgeulachd air Radio nan Gàidheal

Beitragvon Micheal » So Nov 16, 2008 5:30 pm

Thòisich RanG sreath ùr sgeulachdan agus Di-Haoine sa chaidh chaidh sgeulachd a chraobh-sgaoileadh a sgrìobh mi fhìn:

Seo an ceangal agus tha mi an dòchas gun còrd e ruibh:

http://www.bbc.co.uk/radio/aod/networks ... l/dihaoine

Tha beagan sanasachd ann agus an uairsin tòisichidh e.


le dùrachdan

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Sleite
Beiträge: 1727
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Beitragvon Sleite » So Nov 16, 2008 7:57 pm

Chuala mi e. agus ged nach cuala mi ach am pàirt eile bha fios agam bhon chuspair agus an àite gur e sgeulachd Mhìcheil a bh' ann. Ach feumaidh mi èisteachd a-rithist airson an dàrna phàirt.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » So Nov 16, 2008 9:33 pm

Chuala mi bho chuideigin gun robh an sgeulachd agam fhìn ri cluinntinn mar-tha cuideachd - ach cha chuala mi-fhìn e (leugh cuideigin eile e).

Nise, thèid mi ann gus èisdeachd ris an sgeulachd aig Mìcheal :)
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mo Nov 17, 2008 1:04 am

Feuch am faigh thu a-mach a bheil ceangal-lìn ann ris an sgeulachd agad fhèin. Bu mhath leim eisdeachd rithe cuideachd.

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mo Nov 17, 2008 8:23 am

Chòrd an sgeulachd agad rium, a Mhìcheil! Agus leugh an duine ud gu math i, bha sin snog a bhith ag èisdeachd ris. (Bhitheadh sin feumail anns na cùrsaichean agad cuideachd, nach bitheadh?)
A-rèir coltais tha an sreath ùr sin dìreach air tòiseachadh... mar sin is dòcha nach robh an sgeulachd agam ann fhathast agus gun do thuig mi rudeigin gu ceàrr. Is dòcha gun tig i as-dèidh seachdain no dhà agus faodaidh tu èisdeachd rithe. Ach faodaidh tu a leughadh anns an leabhar a dh' aithghearr co-dhiù :D Tha mi a' dèanamh fiughair mhòr ris an tachartas san Dùbhlachd!
Mona
Zuletzt geändert von mona nicleoid am Mo Nov 17, 2008 11:28 pm, insgesamt 1-mal geändert.
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mo Nov 17, 2008 12:06 pm

Cuir fios thugam nuair a bheil e ann, a Mhona!

Chòrd an sgeulachd aig Mìcheil dhomh :D
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Isbeal
Beiträge: 1017
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Mi Nov 19, 2008 11:52 pm

Dh'èist mi ris aon turas gu ruige seo, ach tha e ro luath dhomh - cha do thuig mi ach pìosan beaga dheth gu ruige seo. Bha na a thuig mi math agus eibhinn. Èistidh mi ris a-rithist. :D

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Sa Nov 29, 2008 6:27 pm

Faodaidh sibh èisdeachd ris an sgeulachd agam-sa Di-Haoine an 5mh dhen Dùbhlachd :)

http://www.bbc.co.uk/radionangaidheal/p ... 2008/12/05
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Catriona
Beiträge: 640
Registriert: Do Jan 12, 2006 5:51 pm
Wohnort: Essen

Beitragvon Catriona » Sa Nov 29, 2008 11:05 pm

Glè mhath! Bidh latha dheth agam an uair sin agus bidh mi ag èisdeachd ris an sgeulachd agad gu cinnteach.

Caitrìona

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Sa Nov 29, 2008 11:41 pm

Oh, am bi? Saoil, am b' urrainn dhut sin a shàbhalach (clàradh a dhèanamh) air a' choimpiutair agad? Bidh mi-fhìn air an t-slighe a dh' Alba an dearbh latha sin agus cha bhi cothrom agam èisdeachd ris an sgeulachd idir. Agus bhitheadh sin cho inntinneach dhomh, ciamar a leughas an duine ud an sgeulachd agam :) Tha dùil agam faighneachd de Andreas an dèan e clàradh, ach chan eil mi cinnteach nach dìochuimhnich e sin nuair a bhitheas e trang no rudeigin cudthromach a' tachairt aig an obair no rud mar sin.
Bhitheadh sin cho snog!

P.S. Bha mi a' smaoineachadh am bi cothrom againn coinneachadh ri chèile aig margadh na Nollaige ann an Essen... is dòcha as-dèidh dhomh tilleadh à Alba?
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Catriona
Beiträge: 640
Registriert: Do Jan 12, 2006 5:51 pm
Wohnort: Essen

Beitragvon Catriona » So Nov 30, 2008 2:48 pm

A Mhona,
bhiodh e glè mhath ma bhios mi gad choinneachadh ann an seo :D
Cuir post-d thugam nuair a bhios e freagarrach dhut.

Mu dheidhinn clàrachaidh bhon rèidio: chan eil fhios agam ciamar mi dèanas sin. Is dòcha gum bidh thu gam mhìneachadh e?

Caitrìona

Isbeal
Beiträge: 1017
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » So Nov 30, 2008 3:06 pm

Bidh mise a' cleachdadh Audacity:

http://audacity.sourceforge.net/

Mas urrainn dhuinn 'èist a-rithist', na 's urrainn gu h-àbhaisteach air a BBC, 's urrainn dhomh a chlàradh cuideachd.

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mo Dez 01, 2008 11:07 am

Cleachdaidh mi Nº 23. 'S e bathar-bog beag sa Ghearmailtis a th' ann.
'S e saoghal a th' anns gach cànan

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Fr Dez 05, 2008 1:56 pm

Tha mi air a clàradh ach tha pìos mòr a dhìth air. Tha iPlayer nan cac gu beag feum is cha bhi e ach ag ithe stòrasan mar duine a bha gun bhiadh dà bhliadhna :evil:

Tha mi ag iarraidh an seann duilleag RnG air ais Bild
'S e saoghal a th' anns gach cànan

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Sa Dez 06, 2008 10:23 pm

Chlàr an duine agam e, b' urrainn dhomh am faidhle a chur thugaibh... ach chan e an sgeulachd gu lèir a th' ann, bha i ro fhada. Tha còig mionaid no rudeigin mar sin a dhìth aig an deireadh... ach chan eil sin cho dona - ma tha an sgeulachd a' còrdadh ruibh, feumaidh sibh an leabhar a cheannachd :D
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~


Zurück zu „ceòl-bàrdachd-leabhraichean“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast