Oran Ùr do Mhuile

Isbeal
Beiträge: 1012
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Oran Ùr do Mhuile

Beitragvon Isbeal » Di Nov 11, 2008 1:08 am

Bha farpais ann gus òran ùr do Mhuile lorg. Tha e deiseil a-nis agus tha iomadh òrain ùir air sgrìobhadh agus air seinn, am measg òran gu math politigeach le 'ar' Allan Macdonald (Glenuig):

Ri chluinntinn an seo:
http://www.mullmod.org.uk/newsong.html
Track 7
Treas dealbh.
CD a reic cuideachd.

A MHUILE NAM BEANN
Allan MacDonald

Sèist:
A Mhuile nam Beann
Dé dh’fhàg mi a’ seinn air do chòir?
Le d’ eachdraidh cho falaicht’ mar òr.

Bha mi uair air do bhràigh’,
Aig an Tobar aig Moire ‘sa bhàgh
Le iongantas.

‘S ann a chaidh mi air sràid
A dh’fhaicinn nan daoin’ a tha
Is mar a bha.

Chaidh mi suas dhan taigh-òsd’
Far an d’ùraiginn òl le d’òig’,
Cha robh iad ann.

Fear bha freasdal air chùl,
Cha do thuig mi a’ ghuth ach an cù
A bha ‘comhartaich.

Cuid le ‘m bòtanan uain’
Bheireadh inbhe nas àirde na càch,
Nach buidhe dhaibh!

Cuid a thàinig gu tìr,
Le ‘m bòtanan beaga cho bréagha,
Cho buidhe leoth’!

Ach misneachd cha d’fhàg mi,
‘S fear nam bòtanan dubha air fàire,
Is boineid air!

Thug mi iomradh ‘sa chainnt,
“Ciamar a tha thu an-diugh, ‘s tha i blàth,”
‘S cha d’fhreagair e.

“Who are you?” thuirt e rium,
“I do not know what you are saying”,
Is tharraing e.

Ach thoir an aire mar tha,
Tha sinn feumach air barrachd na bhi caoidh
Na thachair dhuinn.

Fhuair na daoine sin meas
Air Muile nan tobhta ‘s nam preas,
Mar bhiodh an dùil.

Ged ’s gann tha ar sluagh,
Tha làn àm ann ar guth thoirt gu cluais
Gach fear aca.

Gàidhlig Mhuile air chall
‘Se ‘n fhìrinn a th’ ann gu tur,
Ge b’oil dhuinn e.

Chan eil ann ach aon dòigh
Le misneachd ‘s ìnnleachd threun:
Ath – nuadhachadh.

Làn fhòghlaim dhen chainnt
A bhuineas dhan tìr mar is còir
Gun lagachadh.

Cuir a’ chuibhle mun cuairt:
“English you can’t stop us speaking”
Cuir Gàidhlig air!

(Eadar-theangachadh Beurla air an làrach-lìn cuideachd = download words)

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mi Nov 12, 2008 10:52 am

Facail làn fìrinne!
Ach gu fortananch chan eil cùisean buileach cho dona. Nuair a rinn mi an cùrsa MA bha tè às an Ros Mhuilich ann agus Gàidhlig cho glan ri fìor-uisg' aicese. Agus tha barrachd ann, tha fhios.


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

An Gille Donn
Beiträge: 97
Registriert: Di Feb 26, 2008 8:46 pm
Wohnort: Obar Dheathain

Re: Oran Ùr do Mhuile

Beitragvon An Gille Donn » Di Feb 01, 2011 6:04 pm

Is toigh leam an t-òran seo - agus is toigh leam Eilean Mhuile !

Eilean nam Fuar-Bheann Mòr gu bràth !

Aig deireadh an latha, is ann 'am Muile a ghabh mi suim ann an Albainn agus a' Ghàidhlig an toiseach, agus nach iomadh latha àighearach a chur mi seachad ann
cuide rim' athair anns a' mhonadh nuair a bha mi nam bhalach. B' eòlach mi air bràighean na Creach-Bheinne agus air cladach Locha Buidhe on a bha mi mu sheachd bliadhna a dh' aois.

Agus nuair a bha mi mu 16 bliadhna, cheannaich mi a' chiad mapa agam 'sa Ghàidhlig...

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Re: Oran Ùr do Mhuile

Beitragvon Micheal » Mi Feb 02, 2011 11:36 am

Ach is e rud a th' ann ma bhios iad a' bruidhinn Gàidhlig an-diugh is ann tric a chluinnear ach GOCaireachd le structar is blas Beurla làidir nach gabh tuigsinn.
Their cuid gur e leasachadh cànain a tha seo, chan eil fhios agam dè chanas mise ris...
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Re: Oran Ùr do Mhuile

Beitragvon NoClockThing » Do Feb 10, 2011 8:55 pm

Air a chuspair a thug thu, a Mhìcheil, tha mi air aiste glè innteanach a leughadh aig Nancy Dorian: Purism vs. Compromise in Language Revitalization and Language Revival.

http://www.jstor.org/pss/4168553

Feumaidh sinn gabhail ris na dòighean-cleachdaidh nan daoine òga gu ìre freagarrach, ged a tha an cànan ag atharrachadh. An rud a fhuair i 's e gum feum cànan a bhith sùbailte. Co-dhiù is co-dheth, chan eil mi fhìn airson stuth a chluinntinn agus ag ionnsachadh nach eil ach Beurlachas.
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „ceòl-bàrdachd-leabhraichean“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast