Oidhche Haoine bha mi ann an Düsseldorf còmhla ri mo bhràmair far an robh consairt le Liza Minnelli. Is toil leam gu mòr i agus b' e gioft Nollaige a bha anns na ticeadan. Abair oidhche a bha seo! Is ann airson a' chiad uair a bha mi anns an talla Tonhalle. Is e seann "phlanetarium" a th' ann air a thogail ann an 1926 ann an stoidhle uabhasach brèagha. Tha an talla fhèin glè àrd agus tha an "acoustic" math dha-rìreabh. Bha Liza a' seinn airson 2 uair a thìde agus is ann sgoinneil, miorbhallach a bha e bho thoiseach nuair a nochd i air an àrd-ùrlar.
Bha an luchd-ciùil anabarrach math cuideachd agus aig deireadh a' chonsairt sheas i an-sin agus ceudan dhe fhlùraichen (ròsan is eile) timcheall oirre, a h-uile duine às a rian agus ise a' seinn "Cabaret" agus "New York, New York".
Oidhche nach bi mi a' diochuimhneachadh gu brath tuilleadh!
Mìcheal
consairt le Liza Minnelli ann an Düsseldorf
Zurück zu „ceòl-bàrdachd-leabhraichean“
Wer ist online?
Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast