TOOL

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Fr Jun 09, 2006 5:34 pm

Woohoo, bha sinn aig cuirm-ciùil sgoinneil a-raoir, choimhead sinn air TOOL a' cluich ann an Düsseldorf. Seo comhlann ròc uabhasach inntinneach, is toigh leam gu mòr iad, agus tha mo chèile uabhasach measail orra. Tha iad gun samhail, chan eil e furasda mìneachadh dè an seòrsa ciùil a nì iad. Tha e làidir is domhainn is fiadhaich. Is toigh leam gu h-àraidh an album "Lateralus" aca, ach tha am fear ùr "10.000 days" glè mhath cuideachd.
Bha an consairt math dha-riribh, ged a bha e beagan goirid! Bha na ticeadan gu math daor aig 38 € no rudeigin, agus cha do chluich iad ach uair gu leth a thìde, mas math mo chuimhne. Ach bha sin fìor mhath. Bha mòran charaidean againn ann cuideachd agus bha sinn uile ann an deagh shunnd. 'S ann anns a' Philipshalle a bha an cuirm-ciùil, agus mar a bhitheas fios aig cuid, tha e gu math mòr, agus bha e loma-làn. Bha mìltean daoine ann.
Is toigh leam gu h-àraidh an duine a tha a' cluich nan drumaichean aca, Danny Carey. Tha e uabhasach math, agus tha dòigh shònraichte aige, bidh e a' cleachdadh rudan mar tablas (drumaichean innseach) còmhla ris na drumaichean àbhaisteach. Agus tha e àlainn, hehe... uill, ann an dòigh co-dhiù.
Abair oidhche sgoinneil :)
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Zurück zu „ceòl-bàrdachd-leabhraichean“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast