Dè na pàipearan-naidheachd a leughas sibh?

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Fr Mär 02, 2007 10:48 pm

Tha e caran sàmhach an-seo agus smaoinich mi gum fosgail mi cuspair ùr nach eil ro dhoirbh, gus am feuch mòran daoine rudeigin beag a sgrìobhadh an-seo.

Innsibh dhuinn dè na pàipearan-naidheachd (no irisean-naidheachd) a leughas sibh. Coma leibh dè an dùthaich anns a bheil sibh a' fuireach - tha sinn gu math eadar-nàiseanta an-seo, agus cha bhi a h-uile duine eòlach air na pàipearan a tha ann anns na dùthchanan eile, mar sin, feumaidh sibh mìneachadh rud beag, cò ris a tha am pàipear coltach, carson a tha e a' còrdadh ribh, a.m.s.a.a.

Tòisichidh mise:
Cha leugh mi pàipear-naidheachd laitheil, o chionn 's nach eil ùine gu leòr agam idir, tha e ro dhaor cuideachd, agus is fheàrr leam naidheachdan an latha a leughadh air an eadar-lìon.
Rinn sinne fo-sgrìobhadh don phàipear-naidheachd seachdaineil "Die ZEIT", agus is toigh leam gu mòr sin. Thig e gach Di-Ardaoin (mura tèid a ghoid às a' bhocsa a-muigh aig an doras), agus mar sin bidh mi a' leughadh a' mhòr-chuid tron deireadh-seachdaine. Tha e fìor mhòr agus cha leugh mi a h-uile rud a tha ann idir, ach tha taghadh chuspairean air leth math, farsaing agus inntinneach ann.
Bha mi seachd sgìth dhe na h-aistean gòrach ann am pàipearan no irisean mar "Stern" no "Spiegel", agus tha an "Zeit" fada nas glice nam bheachd-sa. Gu tric bheir iad sùil air cuspairean an latha à sealladh eile, domhainn, agus bidh agallamhan le daoine inntinneach ann.
Tha a h-uile chuspair ann: polataigs nàiseanta is eadar-nàiseanta, cultar, beatha nan daoine, ceistean sòisealta, gnìomhachas, a.m.s.a.a.
Tha e gu math daor, ach is fhiach e.
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Zurück zu „ceòl-bàrdachd-leabhraichean“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast