Fògaraich

fiosrachadh, gearan, deasbad
Sleite
Beiträge: 1722
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Fògaraich

Beitragvon Sleite » Mo Jan 25, 2016 1:21 pm

Tha an cuspair seo gu math cudromach an-dràsta agus tha tòrr dhaoine a' bruidhinn ma dheidhinn. Agus dè ur beachdan fhèin?

Bha mise a' bruidhinn air an rèidio ma dheidhinn agus bha mi fhathast a' taisbeanadh dhaoine sa Ghearmailt mar dhaoine a tha a' cur fàilte air fògaraich. Ge-tà bhruidhinn mi ri mo sheanmhair a-raoir agus dh'innis i dhomh gu bheil cùisean a' fàs gu math doirbh sa Ghearmailt, agus tòrr dhaoine a' taobhadh ris an taobh dheis, a tha airson riaghailtean nas cruaidhe agus cuingealachadh de dh'àireamhan de dh'fhògaraich. Agus daoine a tha a' togail fòirneirt an aghaidh fhògarach.

Dè ur beachd? A bheil a' Ghearmailt a' fàs nas treasa air an taobh dheis? A bheil cunnart ann gum fàs daoine nas radaigich an aghaidh shluaghan bho dhùthchannan eile?

Dè ur beachd fhèin air na tha A' Bh. Merkel a' dèanamh?

Dè bu chòir dhuinn dèanamh mun chùis?
Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Sleite
Beiträge: 1722
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Fògaraich

Beitragvon Sleite » Di Feb 02, 2016 4:42 pm

Nach eil beachdan agaibh air seo? Bhiodh e cho math rudeigin eile a leughadh an seo. Siuthadaibh!
Cha dèan brògan tioram iasgach.


Zurück zu „polataigs“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast