Nuair a bha mi na b' òige

fiosrachadh, gearan, deasbad
Stiùbhart
Beiträge: 17
Registriert: Di Jul 17, 2012 5:35 am
Wohnort: Schottland

Nuair a bha mi na b' òige

Beitragvon Stiùbhart » Mi Nov 06, 2013 1:19 am

Nuair a bha mi na b' òige, ghluais mo theaghlach dh'Afraig a Deas agus bha sin a' fuireach faisg air a' phrìomh bhaile Johannisburg anns an t-siorrachd Transval. Bha seo 'sna làithean olc an apartheid agus anns a' bhun-sgoil far an robh mi a' dol ann, cha robh càil ach sgoilearan eile geala ann mo mo thimcheall.
Aig an toiseach, bha a h-uile rud cho neònach ach chòrd e rium a'bhith ann an dùthaich cho eadar-dhealaichte na de b' àbhaist dhomh ro làimh, agus tha nàire orm ri aideachadh nach robh sunnd mòr orm mu dheidhein an suidheachadh poilitigeach na dùthcha far an robh sinn a ruigsinn.


Tha cuimhne agam fhathast cho soilleir gun robh sinn a fuireach ann taigh-òsda far am biomaid ag ithe anns an taigh-bìdh aige. Uill bha mi deònach am biadh spiosrach fheuchainn air sgàth 's nach biodh càil ach biadh Albannach againn (mince is buntàta) gun atharrachadh idir!) agus bha m' athair den bheachd gur e balach tàrmasach a bha annam air sgàth 's nach bu toil leam idir pònairean ìm (tha mi a' ciallachadh "butter beans" agus buntàta pronn as motha.
Ach anns an taigh bìdh an taighe-òsda, bha am bròg air a chois eile agus cha do chuir e dragh orm coiridh èisg fheuchainn, coiridh feòla agus banana air neo rudan eile a bhiodh na bu neònaich agus se dithis thàrmasach a bha nam phiuthair is nam athair. Mar iasg às na h-uisgeachan Albannach air tir Afraganach.


Rinn mi gàire orm gach turas nach b' urrainn dha an dinnear blasta is neònach ruin ithe agus dh'fhàs mi na bu toilichte sgàth 's nach fhaca mi butterbeans sam bith!
Ach 's e buidheann glè insulareach a tha anns na expatriots Albannaich is Breatnaich agus beag air bheag, lorg iad (mo phàrantan) barrachd na tobairean feumail an aghaidh a' chianalais aca airson "square isbeanan is sgudal mar seo nach bu toil leam idir is bha mi fìor toillichte gu leòr nach fhaic mi a-rithis iad. Taing do Dhia!
Uill ma tha, aig a cheann thall, bhiomaid anns an coimhearsnachd na mince and tatties agus bha e gum b' e seòrsa de dh' apartheid dàrnach a bha ann nach fhaca iad na saoranaich dùthchail.

Isbeal
Beiträge: 1017
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Nuair a bha mi na b' òige

Beitragvon Isbeal » So Nov 10, 2013 3:28 am

A Stiùbhairt, mòran taing airson na h-aithris seo! Tarraingeach gu dearbh. Bha mi dìreach fo gheasaibh leis. :moladh:

Air mo shon-sa dheth, bhithinn toilichte gu leòr barrachd às an àm sin a leughadh, ma bhios ùidh is ùine agad barrachd a sgrìobhadh! :D


Zurück zu „polataigs“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast