Co-ionnan

fiosrachadh, gearan, deasbad
Stiùbhartarithist
Beiträge: 14
Registriert: Di Feb 26, 2013 12:52 pm
Wohnort: Scotland

Co-ionnan

Beitragvon Stiùbhartarithist » Mi Apr 17, 2013 2:28 am

Ma bhios na cànanan - Beurla agus Gàidhlig - co-ionnan, mar a dh'fhoillsichear le Achd na Gàidhlig 2005, carson nach eil leth sgoiltean Dhùn Èideann nan sgoiltean Gàidhlig?

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Re: Co-ionnan

Beitragvon Micheal » Mi Apr 17, 2013 8:21 am

Uill, tha diofar ann eadar coraichen polataigeach agus a' bheatha mar a tha e. Faodaidh sin a bhith toilichte gun tig Sgoil Taobh na Pàirce agus bidh e doirbh gu leòr luchd-teagaisg is -obrach fhastadh a tha comasach gu leòr.
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Isbeal
Beiträge: 1030
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Re: Co-ionnan

Beitragvon Isbeal » Mi Apr 17, 2013 8:27 am

Airson 's gur e co-ionannachd inbhe / chothroman a tha (no a bu chòir a bhith) ann, chan e co-ionannachd àireamhach. :P

Agus de mu dheidhinn na h-Albais / Beurla Albannach? Nach fheum an dàrna leth den sgoiltean ann an Obar Dheathain nan sgoiltean Doric? :spors:

Stiùbhartarithist
Beiträge: 14
Registriert: Di Feb 26, 2013 12:52 pm
Wohnort: Scotland

Re: Co-ionnan

Beitragvon Stiùbhartarithist » Fr Apr 19, 2013 1:03 am

Micheal hat geschrieben:Uill, tha diofar ann eadar coraichen polataigeach agus a' bheatha mar a tha e. Faodaidh sin a bhith toilichte gun tig Sgoil Taobh na Pàirce agus bidh e doirbh gu leòr luchd-teagaisg is -obrach fhastadh a tha comasach gu leòr.


Tha mi a dol leat a charaid, ach tha mi cho sgith do faclan treamsgall a tha e air a sgrìobhte mun chuart sgoiltean is sanachasan Gàidhlig anns a Galltachd. Tha eachdradh uabhasach ann carson nach eil Gàidhlig cho laidir an diugh nach bi sinn ga cluinntinn anns na sgoiltean Albannaich agus tha mi airson athrachadh fhaicinn ris faclan rud beag polemigeach (ach firrineach!). :-)


Zurück zu „polataigs“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast