'Se rud briste a tha ann a’ Phàrtaidh Làbarach

fiosrachadh, gearan, deasbad
Stiùbhartarithist
Beiträge: 14
Registriert: Di Feb 26, 2013 12:52 pm
Wohnort: Scotland

'Se rud briste a tha ann a’ Phàrtaidh Làbarach

Beitragvon Stiùbhartarithist » So Apr 14, 2013 5:21 pm

'Sa chiad dol a-mach, feumaidh sinn a ràdh neo-mhealltach gur e rud briste a th' anns a' Phartaidh Làbarach sna làithean-sa an Alba. Ach, gun teagamh, tha ceangal làidir ann eadar dà thaobh nan Crìochan.

Cha chreid mi gu bheil an ceangal sin cho làidir 's a bha i roimhe, a-mach air a' chànan eadar cultar na Sasainn is Alba. Ach, chan e ach ceist phoiliteagach a th' ann. Ged nach eil Daibhidh Camshron cho fèillear ann an Tyneside, dh'fhàs na diofraichtean eadar Sasainn agus Alba fo phoblachais nan Tòraidhean, a' tòiseachadh le Mairead Thatcher còrr is 30 bliadhna air ais.

Sleite
Beiträge: 1721
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: 'Se rud briste a tha ann a’ Phàrtaidh Làbarach

Beitragvon Sleite » So Apr 14, 2013 9:49 pm

Bhiodh an cuspair seo glè inntinneach. An innis thu dhuinn beagan a bharrachd? Chan eil sgot agam air poilitigs, ach tha ùidh agam ann. Bu toil leam cluinntinn m.e. carson a bhios daoine sa chumantas airson neo-eisimeileachd a bhòtas SNP, agus na aghaidh a bhòtas na làbaraich. Is cinnteach gu bheil seo ceangailte ris a' chuspair seo. Ach leis nach e Albannaich a th' anns a' mhorchuid an seo, tha beagan a bharrachd mìneachaidh a dhìth. Tha mi a' dèanamh fiughair ris.
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Stiùbhartarithist
Beiträge: 14
Registriert: Di Feb 26, 2013 12:52 pm
Wohnort: Scotland

Re: 'Se rud briste a tha ann a’ Phàrtaidh Làbarach

Beitragvon Stiùbhartarithist » Mo Apr 15, 2013 12:24 pm

'S'a chiad, tha mi den bheachd gur e diofar mòr is cudromach a th´ann eadar an taic airson an SNP agus an taic airson an neo-eisimeileachd fhèin.

Stiùbhartarithist
Beiträge: 14
Registriert: Di Feb 26, 2013 12:52 pm
Wohnort: Scotland

Re: 'Se rud briste a tha ann a’ Phàrtaidh Làbarach

Beitragvon Stiùbhartarithist » Mo Apr 15, 2013 1:25 pm

Tha ceangal laidir ann eader adhartas a´phartaidh Làbaraich mar partaidh fìrinneach Sòiseleach agus gluaisean radaigeach na bhuidhean-obrach Albannaich tromh an 19en is tràth anns a 20en linn an roimhe e a'dol cho fada air an taobh eile mar partaidh pàrlamaideach. Bidh ginealachan ann fhathast, gu sònraichte mun timcheall air Glaschu as mòtha a bidh teaghlaichean tradaiseanta ann a taic Làbrach agus bidh tuilleadh an t acras orra a nis ris an neo-eismileachd.

Sin mar a tha e :)


Zurück zu „polataigs“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast