Gàidhlig agus neo-eisimeileachd na h-Alba

fiosrachadh, gearan, deasbad
Stiùbhartarithist
Beiträge: 14
Registriert: Di Feb 26, 2013 12:52 pm
Wohnort: Scotland

Gàidhlig agus neo-eisimeileachd na h-Alba

Beitragvon Stiùbhartarithist » So Apr 14, 2013 5:14 pm

Bu toil leam gur cànan as cudromaiche a tha ann an Gàidhlig a rithist anns an duthaich seo. Tha dùil agam, ged nach urrainn dhomh mo ainm a chur air „a Yes campaign“ anns a´Ghàidhlig, bidh mi labhairteach sa Gàidhlig ma bhrosnachas mi smaoinean na neo-eisimeileachd eader muinntir gun Ghàidhlig fhathast. Ach an toiseach, bha sinn uile gun fhaclan sam bith.

Sleite
Beiträge: 1723
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Gàidhlig agus neo-eisimeileachd na h-Alba

Beitragvon Sleite » So Apr 14, 2013 5:29 pm

Chuala mi pìos air an radio ann am Prògram Choinnich beagan sheachdainean air ais. Bha oileanach agus oileanach a bh' ann a' bruidhinn mu dheidhinn sin. Feumaidh mi ràdh nach cuala mi riamh leithid de threamsgail a bha aig an oileanach a bh' ann. Bha e den bheachd gum biodh e a' cur daoine dheth a bhòtadh airson neo-eisimeileachd nam biodh a' cheist sa Ghàidhlig.Bha e den bheachd gum biodh daoine a tha an aghaidh na Gàidhlig a' dol an aghaidh neo-eisimeileachd. Ach co-dhiù, ged a thaisbeanas pàipearan naidheachd rudeigin diofraichte, tha còrr is 80% ann an Alba fàbharach don Ghàidhlig.

'S e an rud nach eil mise a' tuigsinn nach eil buidhnean leithid Bòrd na Gàidhlig no fiù 's Parlamaid na h-Alba fhèin a' strì airson na ceist sa Ghàidhlig. Tha e cho sìmplidh: Bu chòir spèis co-ionann a bhith aig an dà chànan ann an Alba, chan eil e co-ionann mur eil Gàidhlig a' nochdadh ann an rud cho oifigeil ri pàipearan bhòtaidh. 'S e briseadh achd parlamaid a th' ann.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Sleite
Beiträge: 1723
Registriert: Sa Jan 24, 2004 2:16 am
Wohnort: Slèite, An t-Eilean Sgitheanach

Re: Gàidhlig agus neo-eisimeileachd na h-Alba

Beitragvon Sleite » Do Apr 25, 2013 3:55 pm

Bhiodh e a' còrdadh rium barrachd deasbaid a dhèanamh an seo mu neo-eisimeileachd na h-Alba.

Slèite
Cha dèan brògan tioram iasgach.

Stiùbhartarithist
Beiträge: 14
Registriert: Di Feb 26, 2013 12:52 pm
Wohnort: Scotland

Re: Gàidhlig agus neo-eisimeileachd na h-Alba

Beitragvon Stiùbhartarithist » Fr Apr 26, 2013 11:22 am

Sleite hat geschrieben:Bhiodh e a' còrdadh rium barrachd deasbaid a dhèanamh an seo mu neo-eisimeileachd na h-Alba.

Slèite


Tha mi duillich ach tha mi sgìth do neo-eisimeileachd is an SNP agus a h-uile rud politegeach Albannach a tha e a tachart an diugh. A mach air Trident is sgudal mar seo. chan eil barrachd na tìde agam airson an rhetoric mun chuart "civic nationalism" am bhiodh air a chleachdadh bhon Partaidh Naiseanta na h Alba cho trice. chan e càil ach caomhradh a tha seo airson leig le Gàidhlig.

Stiùbhartarithist
Beiträge: 14
Registriert: Di Feb 26, 2013 12:52 pm
Wohnort: Scotland

Re: Gàidhlig agus neo-eisimeileachd na h-Alba

Beitragvon Stiùbhartarithist » Mo Apr 29, 2013 11:59 am

Sleite hat geschrieben:Bhiodh e a' còrdadh rium barrachd deasbaid a dhèanamh an seo mu neo-eisimeileachd na h-Alba.

Slèite


Tha mi a'dol leat agus tha mi airson de a smaoineachadh daoine eile a leughadh an àite daonnan treamsgall bhuam fhèin :D

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Re: Gàidhlig agus neo-eisimeileachd na h-Alba

Beitragvon Micheal » Sa Mai 18, 2013 3:29 pm

Ma tha na h-Albannaich ag iarraidh a bhith neo-eisimeileach - taghta, an toil aca fhèin. Cho fad's nach bi e an aghaidh dùthcha eile ach air an son fhèin a tha iad ga iarraidh. Tha teagamh ge-tà an dèan sin nas fheàrr don Ghàidhlig mar a tha cuid a' smaoineachadh. Chaidh an cròn a bu mhotha a dhèanamh bho na rìghrean Stiùbhartach Albannach agus buidhnean-creideimh Albannach.
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Stiùbhartarithist
Beiträge: 14
Registriert: Di Feb 26, 2013 12:52 pm
Wohnort: Scotland

Re: Gàidhlig agus neo-eisimeileachd na h-Alba

Beitragvon Stiùbhartarithist » Mi Mai 29, 2013 5:59 pm

Aidh se buidhean uabhasach a bha anns an taigh Stiùbhart Albannaich gun teagamh!Teing do Dhia nach bidh Stiùbhart fon smachd Alba a rithist ;-)


Zurück zu „polataigs“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast