taghadh parlamaid na h-Eòrpa

fiosrachadh, gearan, deasbad
mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

taghadh parlamaid na h-Eòrpa

Beitragvon mona nicleoid » Mo Jun 08, 2009 10:26 pm

Dè ur beachdan? Cha robh mise toilichte gu bheil an CDU cho làidir (agus chan e anns a' Ghearmailt a-mhàin, bha an toradh gu math coltach ri sin anns na dùthchanan eile cuideachd), ach air an làimh eile cha do ghabh mòran daoine pàirt anns an taghadh idir o chionn 's gu bheil iad uile a' smaoineachadh nach eil sin cho cudthromach.
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mo Jun 08, 2009 10:43 pm

Chaidh mi fhìn a thaghadh, abair roghainn phartaidhean a bha air an duilleig-bhotaidh. Pàrtaidh nan sean daoine, am pàrtaidh purpaidh, am FBI, Freie rudeigin.... asmsaa. Feumaidh gu bheil cuid a' smaoineachadh gur e comadaidh a tha ann am pàrlamaid.
Tha am Pàrlamaid Eòrpach cho cudthromach agus a ghabhas agus chan eil mise a' tuigsinn an luchd-polataigs nàiseanta a bhios a' feuchainn ris a' chiad phàirt a chluich anns an iomairt taghaidh seo. Is iad an luchd-polataig Eòrpach a tha a' cunntadh, chan iad an fheadhainn ionadail. Agus chan eil comharrachadh cùisean Eòrpach anns na meadhanan ach gle bhochd. Cola-deug ro na taghaidhean bidh iad ag aithris gu bheil iad gu bhith ann, an uair sin bidh iad a' gearan rud beag agus cha chluinnear dad a bharrachd fad 4 bhliadhnaichean an uair sin gus an tòisich an ritual a-rithist. Càite a bheil aithrisean às a' Bhruiseal? Anns na sianalan ionadail as dèidh meadhan-oidhche. Bu toil leam am faicinn anns na prìomh naidheachdan aig ochd uairean! Sin mar a dhùisgeas tu ùidh ann an cùisean Eòrpach.
Ach feumaidh mi stad ann a sheo, tha cus agam ri ràdh anns an deasbad seo ....


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Di Jun 09, 2009 8:58 am

Lean ort is tha ciall agad!

Sin an trioblaid, nach eil na daoine glè eòlach air na tha a' tachairt. Is dòcha gu bheil a' mhòr chuid a' faireachdainn gur e rudeigin nach fhaigh iad aithne air a th' anns am Pàrlamaid na h-Eòrpa is cha dèan iad ach riaghailtean neònach mu chàise Fhrangach. Nach eilear a' faireachdainn glè cheangailte ris.

Uill, tha mise air thaghadh gu dearbh! 'S i sochair glè chudromach a th' anns an taghadh nam bheachd-sa is bu chòir do na h-uile duine seo a dhèanamh air a char as lugha fiù 's nach nithear an còrr. Barrachd air sin, ged nach eil mi fhìn glè eòlach air na tha a' tachairt thall an-siud, tha mi a' faireachdainn mar Èorpach (an canar mar seo?).
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „polataigs“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast