23mh an Ceitean - 60 bliadhna de Phoblachd na Gearmailt

fiosrachadh, gearan, deasbad
Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

23mh an Ceitean - 60 bliadhna de Phoblachd na Gearmailt

Beitragvon Micheal » Mi Mai 20, 2009 12:29 pm

Dè ur beachd air an latha seo: An e latha àraidh a th' ann? Dè tha 60 bliadhna de Phoblachd na Gearmailt a' ciallachadh dhiubh?
Neo a bheil ciall air idir?

a' dèanamh fiughair ri deasbad inntinneach

Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

Isbeal
Beiträge: 1012
Registriert: Do Jun 29, 2006 11:25 pm

Beitragvon Isbeal » Sa Mai 23, 2009 12:02 pm

Meal do naidheachd bho Albannach, a' Ghearmailt! :D

Mo bheachdsa tha adhbharan gu leòr ann a bhith toilichte agus moiteil.

Chan eil uine agam barrachd a sgrìobhadh an dràsda ach 's dòcha ann an latha no dhà.

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Sa Mai 23, 2009 5:37 pm

'S e latha àraidh a th' ann gun teagamh. 60 bliadhna, sin ùine fhada, agus bha mòran a' tachairt rè na bliadhnaichean sin.
Tha daoine òga ann an-diugh aig nach eil fhios dè bh' ann an DDR agus ciamar a bha an suidheachadh gu lèir leis na "dà Ghearmailt". Bidh iad-san ag ionnsachadh mu na rudan sin aig an sgoil, anns a' chlas eachdraidh - dìreach mar a bha mi-fhìn ag ionnsachadh mun dàrna chogadh agus àm nan Nàsach, agus bha sin neònach do na daoine nas sìne a bha beò aig an àm sin... chuala mi gu tric: "cha robh e mar seo", "chan urrainn dhut tuigsinn ciamar a bha e", "chan eil a h-uile rud anns na leabhraichean sgoile", agus mar sin air adhairt, agus uaireannan bha an nàire orm, bhithinn a' smaoineachadh nach b' urrainn dhomh dad glic a ràdh mun àm sin, ged a dh' ionnsaich mi gu leòr mu dheidhinn, ach cha robh mi beò aig an àm, agus bha fios fada nas fheàrr aig na daoine nas sine.
Agus a-nis feumaidh mi a bhith faiceallach nach bi mi-fhìn ag ràdh rudan mar sin ris na daoine nas òige: "cha robh thu ann aig an àm, chan eil càil a dh' fhios agad, cha bhi thu a' tuigsinn sin".
Tha mòran air tachairt gu dearbh, tha an dùthaich seo air atharrachadh agus tha i fhathast ag atharrachadh, agus tha seo uabhasach inntinneach. Cò ris a bhitheas i coltach as-dèidh 60 bliadhna eile? Dè bhitheas "Gearmailteach" a' ciallachadh an uair sin?
Dè tha e a' ciallachadh co-dhiù an-diugh? Chan e ach leth-Ghearmailteach a th' annam fhìn, agus 's e Iùdhaich a th' ann am muinntir mo mhàthar, so chan eil eachdraidh "àbhaisteach" Ghearmailteach againn. Ach tha mi dhen bheachd gur e poblachd mhath a chaidh a stèidheachadh o chionn 60 bliadhna, agus bha leasachadh math aice. Nuair a chaidh am BRD + DDR aonachadh ann an 1990 (aig co-latha brèith agam-sa!! ;)) 'b e aon dè na dùthchannan as saoire, as beartaiche agus as soirbheachail anns an t-saoghal a bh' ann.
Ach bhon àm sin, tha mi a' smaoineachadh gu bheil cuid rudan air fàs nas miosa, seach nas fheàrr. Tha sin ceangailte ri suidheachadh an t-saoghail gu lèir (eaconomaidh, àrainneachd, etc.), ach cuideachd tha mi a' smaoineachadh gun do rinn an luchd-polataigs againne co-dhùnadhan neònach, mar eisimpleir mu dheidhinn Datenschutz (dè a' Ghàidhlig a tha air seo??) agus tha fhathast trioblaidean mòra againn mu dheidhinn airgead airson sgoiltean + cròileagan, mu dheidhinn cothroman do dhaoine à dùthchannan eile, agus mar sin air adhairt.
Agus tha e inntinneach mar a tha fhathast "dà Ghearmailt" ann an inntinnean nan daoine... chuir sin iongnadh mòr air ban-charaid agam à Innis Tìle mar eisimpleir.
Mona
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mo Mai 25, 2009 8:28 am

Saoilidh mi gu bheil seorsa dà Ghearmailt ann fhathast o chionn 's nach robh mòr chuid nan daoine à taobh an iar comasach air an dòighean atharrachadh neo ionnsachadh bho na daoine a tha à taobh an ear.

Nuair a bha 40 bliadhna de dà Ghearmailt ann, dh'fhàs dà dhualchas eadar-dhealaichte. Nuair a chaidh sinn ar aonachadh, chan e fìor aonachadh aig dà dhùthcha a bh' ann nam bheachd-sa, ach bha aig taobh an ear a' leanntainn dòighean taobh an iar. Saoilidh mi gun do chaill gu h-àraidh sinne ann an taobh an iar cothrom math ar dualchas a shaidhbhreachadh an uairsin, agus cha robh ùine aig daoine taobh an ear gus faighinn a-mach dè bha iad ag fìor iarraidh agus cha b' urrainn dhaibh ach feuchainn gar leantainn cho math 's am b' urrainn dhaibh.
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Mo Mai 25, 2009 9:12 am

@NTC:
Nach eil e inntinneach gun tòisich thu air bruidhinn mu ath-aonadh na dùthcha nuair a smaoinicheas tu air 60 bliadhna den bhun-reachd (Grundgesetz) againn?

Bha mise ag obair nuair a bha fèis mhòr a' dol ann am Bonn airson an tachartas sin a chomharradh. Chaidh am bun-reachd a dheasbaireachad anns an taigh-tasgaidh Museum Koenig ann an 1949 far an deach fhoillseachadh an 23mh an Ceitean 1949.
Bha seann togalaichean an riaghaltais ann am Bonn uile fosgailte, a' Phàrlamaid, taighean an t-seansalair agus ceannard na Gearmailt an Villa Hammerschmidt agus chòrd Oichdhe Fhada an Deamocrasaidh rium gu mòr. Mu mheadhan oidhche chunnacas cleasan solais air na prìomh thogalaichean uile anns na dathan dubh, dearg agus òr. Bha ceòl Bheethoven ann agus sheinneadh an laoidh-nàiseanta, rinneadh Quiz mu chòirichean daoine ann agus chaidh mìltean de leabharaichean beaga a thoirt seachad don luchd-amhairc is èisdeachd: Leabhran beag biotach anns na dathan nàiseanta: An Grundgesetz saor agus an asgaidh.
Tha fear agam fhìn a-nist agus is e stuth- leughaidh gu math inntinneach a th' ann.


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

mona nicleoid
Beiträge: 2420
Registriert: Di Jun 10, 2003 2:33 pm
Wohnort: gleann a' cheò ;-)
Kontaktdaten:

Beitragvon mona nicleoid » Mo Mai 25, 2009 4:17 pm

B' ann mise a thòisich bruidhinn air an DDR agus air an ath-aonadh :)
Agus tha seo cudthromach, o chionn 's gur e am BRD a chaidh a stèidheachadh leis a' bhun-reachd seo ann an 1949. Agus tro 40 de na 60 bliadhna sin bha am bun-reachd sin reachdmhor sa "Bonner Republik".
~ ~ ~ ψυχης εστι λογος εαυτον αυξων ~ ~ ~

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Di Mai 26, 2009 9:08 am

Mar a thuirt Mona, bha mi a' leantainn air beachd chudromach a thug i.

Mu dheidhinn stèidheachadh a' BnRD, chan eil mi ach toilichte gu bheil mi a' fuireach ann an dùthaich far am faod mi ràdh na tha mi ag iarraidh anns an farsaingeachd gun eagail mo bheatha a bhith orm.
'S e saoghal a th' anns gach cànan

Micheal
Rianaire
Beiträge: 2373
Registriert: Mo Jun 09, 2003 9:38 pm
Wohnort: Bonn/ A' Ghearmailt
Kontaktdaten:

Beitragvon Micheal » Di Mai 26, 2009 11:09 am

Cha robh mi airson stad a chur air an deasbaid air an ath-aonadh - cha tuirt mi ach nach eil e inntinneach gun tig beachdan air an ath-aonadh an àirde sa chiad dol a-mach ma bhruidhnear mu 60 bliadhna Poblachd na Gearmailt:-)

Agus tha mi a' dol le NTC: Is math gu bheil cothrom againn tighinn beò ann an dùthaich far an glèidhear na còirichean-daoine. Ged a dh'fhàsas mi fhìn amharasach mun dragh a chuireas Mgr. Schäuble air muinntir na Gearmailt. Tha e ag ràdh gu bheil e airson na còirichean-daoine is saorsa a dhìon ach is e am blèith a nì e.


Mìcheal
Deutsches Zentrum für gälische Sprache und Kultur
Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt
http://www.schottisch-gaelisch.de
***************************************

NoClockThing
Rianaire Teicneolach
Beiträge: 2078
Registriert: So Jan 29, 2006 7:13 pm
Wohnort: Àite mo chridhe
Kontaktdaten:

Beitragvon NoClockThing » Mi Mai 27, 2009 6:17 am

Uill, sin an trioblaid a th' againn an dèidh 9/11: Nuair a bhios an t-eagal air na daoine, is urrainn dhan riaghaltas lagh sam bith a cho-dhùnadh cho fad 's a dh'èiricheas iad "tèarainteachd".

Tha cuimhne agam fhathast air an seorsa deasbaid a bha ann mun "großen Lauschangriff" a bha gu math eadar-dhealaichte aig an àm ud.
'S e saoghal a th' anns gach cànan


Zurück zu „polataigs“

Wer ist online?

Mitglieder in diesem Forum: 0 Mitglieder und 1 Gast